³ÉÈË¿ìÊÖ

Explore the ³ÉÈË¿ìÊÖ
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
»
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
°äà²Ô²¹¾±²Ô





Ìý
Ùraichte air: 12 An Giblean, 2011 - Air fhoillseachadh aig 11:26 BST
Ìý
Post-d gu caraid Ìý Dreach clò-bhualaidh
Pròifil Roinn-taghaidh: Earra-Ghàidheal is Bòd
Ìý
Bàt-aiseig Eilein Luinn
Tha 25 eilean le daoine a' fuireach orra san roinn-taghaidh
Le 25 eilean far a' chosta, agus roinn de Thìr Mòr a th' air a briseadh le lochan mara fada, 's i sgìre gu math sgaipte a th' ann an Earra-Ghàidheal is Bòd.

A' sìneadh o Eilean Cholla aig tuath, gu Maol Chinn Tìre aig deas, tha còmhdhail riamh air a bhith na cuspair nuair a thig e gu poileataigs, le bàtaichean-aiseig nam pàirt de bheatha làitheil mòran den t-sluagh, a thuilleadh air rathaidean tro fhearann a bheir dùbhlan do luchd-togail rathaid, agus dràibhearan.

Tha a' Ghàidhlig aig mu 10% den t-sluagh.

A' farpais airson bhòtaichean gus an sgìre seo a riochdachadh ann am Pàrlamaid na h-Alba, tha an Lib-Deamach Alison Hay, Jamie MacGriogair bho na Tòraidhean, Mìcheal Russell aig an SNP, agus Mick Rice bho na Làbaraich.

Tha cuideachd Seòras Alasdair MacIlleBhàin a' seasamh airson a' Phàrtaidh Libearalaich, agus Seòras Doyle, a tha na thagraiche neo-eisimeileach.

Fhuair an SNP an roinn-taghaidh aig an taghadh Albannach mu dheireadh ann an 2007.

Bha glè bheag de bheàrn eadar na Nàiseantaich (34.5%) agus na Lib-Deamaich (31.7%) aig an taghadh mu dheireadh ge-tà.

'S ann an làmhan nan Lib-Deamach a tha an sgìre aig Westminster, ach tha i cuideachd air a bhith aig na Tòraidhean san 35 bliadhna mu dheireadh.

Am measg nan cuspairean as motha a th' air aire dhaoine san sgìre dhùthchail seo, tha planaichean a th' aig a' Chomhairle airson 10 bun-sgoiltean a dhùnadh.

"Tha mi cinnteach nach eil e furasta sgoiltean a chumail fosgailte far nach bi clann," thuirt Murchadh MacLeòid.

"Ach tha cosgais anns a h-uile càil an-diugh, 's tha e duilich obrachadh a-mach," thuirt e.

Tha cuspair nan rathaidean cuideachd a' togail ceann gu tric san sgìre seo.

"Na rathaidean, tha iad làn tuill!" thuirt Cairistiona Nic an t-Saoir.

"Tha iad a' trod mun A83, eadar an Tairbeart sìos gu Ceann Loch Cille Chiarain, gu bheil e gu math dona.

"Tha e na phrìomh rathad eadar an Tairbeart agus Ceann na Creige, ach as dèidh Chinn na Creige gu Ceann Loch Cille Chiarain, chan e prìomh rathad a th' ann idir, agus le sin chan eil na h-uiread airgid ga chosg air.

"Tha gu leòr de na rathaidean eile mar an fheadhainn a tha a' dol a-mach gu Dal Amhaich, a-mach gu Ach na Mara, gu Taigh a' Bhalaich - tha iad sin ann an staid a tha dìreach sgràthail.

"Chan eil gu leòr de dh'airgead ga chosg orra. Tha daoine a' dol a-steach dha na tuill, agus tha mi cinnteach gu bheil gu leòr aca nach tàinig a-mach àsta fhathast!" thuirt i.

Tha gu leòr den 25 eilean air a bheil daoine a' fuireach san sgìre, an ìre mhath beag, agus tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid ag ràdh gum bi iad a' cosg barrachd airgid air leithid rathaidean sna h-Eileanan, na chosgas iad air rathaidean air Tìr Mòr.

Ach chan eil sin a' sàsachadh a h-uile duine.

"Tha mi a' tuigsinn gu bheil e gu math cosgail a bhith a' toirt sheirbheisean do na h-Eileanan, agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil a h-uile duine a' tuigsinn sin," thuirt Rhona NicDhùghaill.

"Ach chan e sin a tha a dhìth. Chan e airgead a tha a dhìth fad na h-ùine, ach dòigh smaoineachaidh agus beachdan ùra is feallsannachd adhartach.

"Chan eil mi gam faicinn aig Comhairle Earra-Ghàidheal gu tric," thuirt i.

Sin dìreach cuid de na cuspairean a th' air aire an luchd-bhòtaidh ann an Earra-Ghàidheal is Bòd, ron taghadh air 5mh an Cèitean.

Ìý
Ìý
AN TUILLEADH
Ìý
Ìý
Post-d gu caraid Ìý Dreach clò-bhualaidh
Ìý

About the ³ÉÈË¿ìÊÖ | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ìý