³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic

Tasglannan airson 2010-09

Toiseach ùr bho ghinealach ùr

'S e amas ceannard ùr nan Làbarach nach mair riaghaltas na co-bhanntachd na b' fhaide na aon phàrlamaid.

Tha aig Ed Miliband ri co-dhiù dà rud a dhèanamhÌýgus an t-amas sin a ruighinn.

Air an aon làimh, tha aige riÌýcuid de na 5 millean neach-bhòtaidh a chaill naÌýLàbaraich o 1997 -Ìýtòrr dhiubh nach deach do phàrtaidh sam bith eile -Ìýfhaighinn air ais.

Agus air an làimh eile tha aige ri taic fhaighinn bho dhaoine aÌýchuir taicÌýri pàrtaidhean na co-bhanntachd, a dh'fhaodadh a bhith teagmhach mu cheannard a chaidh a thaghadh mar thoradh air taic nan aonaidhean-ciùird.

'S e tomhas duilich a bhios a dhìth air Ed Miliband, gu h-àraid le cuid dhe na meadhanan a' cantainn 'Ed Dearg' ris.

Bha rudeigin do gach taobh annsÌýanÌýòraid aige an-diugh.

Teachdaireachd

Aig a' cheann-thall, thuirt ceannard a' phàrtaidh Làbaraich gun robh cogadh Iorag ceàrr - dh'fhàg tòrr dhaoine a' phàrtaidh air aÌýsgàth, agusÌýbidh Ed Miliband an dòchas gun tig cuid dhiubh air ais.

Aig a' cheard àm, thuirt e - na mhac inimirichean - gum b' fheudar do na Làbaraich tuigsinn gun robh daoine eagallach mu inimrich air sgàth na buaidh orrasan agus chan ann air sgàth mì-rùin.

Thuirt e gun toireadhÌýe sùil air planaichean an riaghaltais gus siostam nan sochairean soisealta atharrachadh agus gu feum atharrachadh.

Ach thuirt e gun robh dleastanas air an fheadhainn as beartaiche cuideachd, agus nach bu chòir beàrn cho mòr eadar daoine beartach is daoine bochda.

Tron òraid air fad, cha d' rinn Ed Miliband iomradh air an leas-phrìomhaire, Nick Clegg idir.

Ach bha teachdaireachd innte don fheadhainn a chuir taic ris, ag ràdh gun bhòtadh esan airson AV, agus gun robh na Làbaraich ceàrr gu tric air saorsa chatharra.

Astar

Thuirt Ed Miliband gun robh 'ginealach ùr' a-nis aig ceann a' phàrtaidh Làbaraich.

Bha e a' feuchainn ri astar a chur eadar e fhèin agus làithean nan 'Nua-Làbarach', Tony Blair agus Gòrdon Brown.

Ach, thuirt e gun robh a shùil air Dàibhidh Camshron cuideachd.

A dh'aindeoin aois, thuirt e Ed Miliband gun robh ginealach eadar e fhèin agus am prìomhaire anns na beachdan aca agus an dòighÌýanns anÌýrobhÌýiad a' coimhead air an t-saoghal.

Bha rudeigin brònach mu na faclan sin airson a bhràthar, Dàibhidh, an duine as coltaiche an dreuchd fhaighinn, a tha a-nis a' beachdachadh air na tha air fàire dha fhèin.

Ach gu math tric ann am poileataigs, chan e an duine as coltaiche a bhuannaicheas. Tha aire Ed Miliband a-nis air taghadh fiù 's nas duilghe.

Co-labhairt nan Lib Deamach: Nick Clegg

Bu choltach gun robh na bha an làthair gu ìre mhath toilichte leis na chuala iad bho Nick Clegg agus e a' gabhail òraid ro cho-labhairt nan Lib Deamach mar cheannard agus mar leas-phrìomhaire.

Tha na Lib Deamaich a-nis ann an cumhachd aig Westminster airson a' chaid uair riamh, agus an treas pàrtaidh anns an riaghaltas airson a' chiad uair on dàrna chogadh.

Ach tha feadhainnÌýdhiubh fhathast draghail mun cho-bhanntachd leis na Tòraidhean agus eagal air cuid gun tèid am peanasachadh gu mòr air a shon nuair a thèid an luchd-bhòtaidh air ais do na bogsaichean-baileit.

Chan fhada gus an tachair sin leis na taghaidhean Albanach agus Cuimreach, agus taghaidhean ionadail ann an Sasainn air fàire an ath-bhliadhna.

B' fheudar do Mhgr Clegg mìneachadh carson a chuir e roimhe riaghaltas a chruthachadh leis na Tòraidhean anns a' chiad dol a-mach.

Agus b' fheudar dha adhbhar a thoirt don phàrtaidh aige cumail a' dol leis.

Duais

Dh'innis Mgr Clegg nach robh roghainn eile aca.

Cha robh na h-àireamhan ceart airson aonta leis na Làbaraich, fiù 's nan robh iad aonaichte agus deònach aonta a ruighinn.

Agus nan diùltadh iad an cothrom a ghabhail gus riaghaltas a chruthachadh, thuirt e, cha bhiodh cliù sam bith aca leis an luchd-bhòtaidh.

Dh'aidich Mgr Clegg gun robh bliadhnaichean duilich ron phàrtaidh agus ron dùthaich, le gearraidhean mòra air fàire do na bhios an riaghaltas a' cosg.

Ach thuirt e gun robh duais mhòr ann dhaibh - dùthaich nas fheàrr agus nas libearalaich.

'S i a' cheist an tachair sin, agus an tèid taing a thoirt do na Lib Deamaich ma thachras.

Co-labhairt nan Lib Deamach: Air cùl dhorsan

Nick Clegg

Ìý

Fhuair mi cothrom beagan farchluais a dhèanamh air an leas-phrìomhaire Nick Clegg a-raoir, agus e a' bruidhinnÌýaig coinneamh Lib Deamach Albanach agus Cuimreach aig a' cho-labhairt ann an Liverpool.

Thuirt Mgr Clegg gun robh na Lib Deamaich an Alba - far an robh na Lib Deamaich ann an co-bhanntachd leis na Tòraidhean gu 2007 - air dearbhadh gun robh 'beatha as dèidh naÌýco-bhanntachd'.

Na bheachd, b' urrainn do Lib Deamaich ann an Alba agus anns a' Chumirigh Sasainn a theagasg mu dheidhinn co-bhanntachd.

Nas cudromaiche, 's dòcha, tha Mgr Clegg an dòchas gu bheil freagairt aig Mgr Scott ris a' cheist a tha aig tòrr dhaoine a tha cruinnichte ann an Liverpool an t-seachdainn-sa.

Sin, ciamar as urrainn do na Lib Deamaich pàirt a ghabhail ann an co-bhanntachd le pàrtaidh nas motha gun an ìomhaigh aca mar phàrtaidh fa leth a chall?

Ma bhios freagairt aig Mgr Scott, tha aige ri a lorg a dh'aithghearr.

Misneachd

Còrr is trì bliadhna on a bha Tavish Scott na mhinistear ann an riaghaltas leis na Làbaraich, 's e a' cho-bhanntachd leis na Tòraidhean aig Westminster a tha a' cur dragh air Lib Deamaich ron tagadh Albanach.

Tha tòrr dhiubh air innse dhomh gum biÌýan taghadhÌýsin duilich do na Lib Deamaich air sgàth feirge mun aonta leis na Tòraidhean.

A dh'aindeoin sin, ge-tà, thuirt Tavish Scott a-raoir gun cuireadh iad ris na seataichean a tha aca aig Holyrood mar-thà.

Abair misneachd.

'S e deagh thoradh dhà-rìribh a bhiodh sin do na Lib Deamaich ann an Alba an ath-bhliadhna.

Tuilleadh as dèidh òraid Nick Clegg feasgar.

Co-labhairt nan Lib Deamach: Tavish Scott

Anns an òraid aige aig co-labhairt nan Lib Deamach ann an Liverpool an-diugh, thòisich Tavish Scott iomairt a’ phàrtaidh airson an taghaidh as duilghe dhaibh o chionn bhliadhna.

Ìý

Sin taghadh na Pàrlamaid Albanaich an ath-bhliadhna.

Ìý

On a chaidh na Lib Deamaich a-steach gu co-bhanntachd leis na Tòraidhean aig Westminster, tha daoine air a bhith ag ràdh gun tèid an sgrios nuair a thèid muinntir na h-Alba do na bogsaichean-baileit anns a’ Chèitein.

Ìý

Chan eil mi fhìn cho cinnteach mu dheidhinn sin – gu tric bidh Lib Deamaich air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan a’ faighinn taic pearsanta bhon mhòrshluagh a dh’fhaodadh an dìon bho fhearg leis a’ phàrtaidh anns an fharsaingeachd.

Ìý

Ach gu prìbhiteach, tha Lib Deamaich Albanach ag aideachadh gum bi an taghadh Albanach duilich dhaibh, gu h-àraid ann am meadhan na h-Alba agus anns na bailtean mòra.

Ìý

Tha fios aig Tavish Scott fhèin air seo cuideachd.

Ìý

‘Beachdan ùra’

Ìý

Mar sin, dh’fheuch e anns an òraid aige ris a’ phàrtaidh Albanach a bhrosnachadh agus ri mìneachadh don luchd-bhòtaidh carson a bu chòir dhaibh taic a thoirt do na Lib Deamaich.

Ìý

Thuirt e gum b’ iad cosnaidhean, atharrachadh sheirbhisean pòblach agus foghlam na rudan a bu chudromaiche airson na h-ath-phàrlamaid.

Ìý

Rinn e a dhìcheal gus sealltainn gun robh na Lib Deamaich diofraichte bho na Tòraidhean, ag ràdh gum bu chòir cur às do shiostam armachd niùclasaich Trident.

Ìý

Agus rinn e iomradh air an agallamh a rinn mi fhìn le Teàrlach Ceanadach an t-seachdainn a chaidh ag ràdh gun robh e ceart ri ràdh gun do chosg e nas motha seirbhisean a thoirt seachad an sgìrean iomalach, leithid na Gàidhealtachd ’s nan Eilean.

Ìý

Thug e slaic an dà chuid air na Làbaraich agus air an SNP, ag ràdh gun robhÌýfeum aig Alba air pàrtaidh le ‘beachdan ùra’.

Ìý

Ach tha sin a’ togail ceist duilich do Mhgr Scott.

Ìý

Trioblaid

Ìý

Ma bhios na Lib Deamaich an sàs anns an ath riaghaltas Albanach, ’s ann mar phàirt de cho-bhanntachd air choireigin a bhitheas e.

Ìý

Agus, ged a bha e a’ toirt slaic orra an-diugh, ’s ann leis an SNP no na Làbaraich a bhiodh a’ cho-bhanntachd sin.

Ìý

Tha Nick Clegg air trioblaid adhbharachadh dha fhèin agus daoine a’ cur na chuimhne rudan a thuirt e mu Dhàibhidh Camshron ron taghadh.

Ìý

’S dòcha gum bu chòir do Thavish Scott a bhith beagan nas fhaiceallaiche.

Ìý

A-màireach, cluinnidh sin bho Nick Clegg, leas-prìomhaire ann an riaghaltas Westminster.

Ìý

Ma tha Tavish Scott gu bhith na leas-phriomh mhinistear as dèidh an taghaidh Albanaich, ’s e bliadhna mhòr, dhuilich a tha roimhe.

Teàrlach Ceanadach a' bruidhinn a-mach

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2010-09-14, 7:32

Beachdan (0)

Bha fios gun robh Teàrlach Ceanadach draghail mun aonta eadar am pàrtaidh aige fhèin agus na Tòraidhean.

Gu dearbh, mar a chuir e nam chuimhne an-dè, cha do chuir e taic ris an aonta nuair a thàinig e gu bhòt.

A-nis, ge-tà, tha seann-cheannard nanÌýLib Deamach air na beachdan aige a dhèanamh glè fhollaiseach.

Ron taghadh bha Mgr Ceanadach ag ràdh nach bu chòir gearraidhean a dhèanamh ro luath - mar a bha na Lib Deamaich uile.

On uair sin, tha ceannas a' phàrtaidh air am beachd atharrachadh - ach tha tòrr anns a' phàrtaidh fhathast draghail.

A' bruidhinnÌýrium as dèidh na h-òraid bliadhnail aige mar Rector Oilthigh Ghlaschu an-dè, thugÌýTeàrlachÌýCeanadach rabhadh seachad mu bhuaidhÌýnan gearraidhean sin, gu h-àraid air Alba, agus air a' Ghàidhealtachd.

Cìsean Oileanach

Thog an Ceanadach dragh cuideachd mu chìsean nan oileanach agus gearraidhean ann am buidseatan nan oilthighean.

Tha foghlam fo smachd Holyrood, ach thuirt Mgr Ceanadach gun toireadh àrdachadh chìsean mu dheas droch bhuaidh air oilthighean mu thuath.

Tha gach pàrtaidh a' feitheamh air aithisg a' mhorair Bhrowne a tha a' sgrùdadh na cùise, agus tha cead aig na Lib Deamaich bhòtadh a sheachnadh mura bi iad toilichte le polasaidh an riaghaltais.

Cha b' urrainn do Mhgr Ceanadach innse dhomh mar a bhòtadh esan.

Nochaidh Teàrlach Ceanadadh air an àrd-ùrlar le Nick Clegg aig co-labhairt nan Lib Deamach ann an Liverpool an ath-sheachdainn gus sealltainn gu bheil am pàrtaidh aonaichte.

Ach tha faclan a' Cheanadaich a' dearbhadh gu bheil sgaraidhean ann, agus iad aig cridhe na co-bhanntachd cuideachd.

A' fosgladh leabhair ùir

Thàinig faireachdainn neònach orm an-dè nuair a ghabh mi leabhar-nòta ùr bhon phreas agus sgrìobh mi na faclan 'Taghadh 2011' air a' chòmhdach.

'S i an tìm a ruitheas.

Ach a-nis tha barrachd fiosrachaidh againn mun iomairt a tha romhainn, fiosrachadh air am bi an dà chuid luchd-poileataigs agus luchd-naidheachd a' toirt sùil gu math geur.

RinnÌýan t-Àrd Ollamh David Denver sgrùdadh air na dh'fhaodadh tachairt nan robh air an cleachdadh aig an taghadh Albanach mu dheireadh ann an 2007.

Niste, feumaidh sinn a bhith air leth faiceallach le seo - nan robh na crìochan ùra ann bhiodh dol a-mach eadar-dhealaichte aig na pàrtaidhean poileataigeach agus aig co-dhiù cuid den luchd-bhòtaidh.

Aig a dh'aindeoin an rabhaidh chudromaiche sin, 's e sgrùdadh air leth inntinneach a tha ann - .

Tomhas

A-rèir na h-aithisg, dh'fhaoidte gum biodh trì seataichean a bharrachd aig na Tòraidhean nan robh na crìochan ùra gan cleachdadh ann an 2007.

Tha an t-Àrd Ollamh Denver a' tomhas gum biodh dà sheat na bu lugha aig na Làbaraich agusÌýfear a bharrachd aig na Lib Deamaich.

B' e an SNP am pàrtaidh a bu mhotha fhathast, a dh'aindeoin mar a chailleadh iad fear de na seataichean a tha aca an-dràsta.

Chumadh am ball neo-eisimileach, Margo NicDhòmhnaill, an seat aicese, ach chailleadh na h-uinich fear den dithis bhall a tha acasan.

'S iad dìreach na prìomh phuingean, agus feumaidh sinnÌýcùram aÌýghabhailÌýleotha.

Ach tha dealbh raon blàr na h-ath-bhliadhna a' fàs nas soilleire.

Riaghaladh gun chumhachd?

Thòisich an iomairt an-diugh airson an taghaidh Albanaich an ath-bhliadhna.

B' e seo an turas mu dheireadh a b' fheudar don phrìomh mhinistear, Ailig Salmond, clàr bhilean fhoillseachadh ron taghadh sin.

'SÌýiÌýa' cheist as motha aigÌýHolyroodÌýam bliadhna-sa cò bheir an òraid seachad an ath-bhliadhna.

Bha deich bilean uile gu lèir.

GheibhÌýcuid dhiubhÌýtaic bho na dùbhlanaich, mar eisimpleir am bile airson daoine a dhìon bho phosadh an aghaidh an toil, no am bile gusÌýsmachd nas cruaidhe a chumail air daoine a bhios a' faighinn mall airson thaighean.

Nas connspaidiche, 's dòcha, tha plana airson siostam a' cheartais atharrachadh gus an gabh daoine a thoirt air ais gu lagh as dèidh dhaibh dol tron chùirt roimhe, agus plana airson cruth ùr a thoirt air Uisge na h-Alba.

Cumhachd

Ach cha b' iad na bilean fhèin, 's dòcha,Ìýa rud a buÌýchudromaiche a thachair ann seo an-diugh.

Chunnaic sinn an-diugh riaghaltas do nach b' urrainn na gnìomhan a bu thoil leat fhaighinn troimhe.

Thuirt ceannard nan Làbarach, Iain Gray gun robh Ailig Salmond a' riaghaladh gun chumhachd.

AirsonÌýnan Tòraidhean, Annabel Goldie, gun robh cliù Mhgr Salmond marbh, agus thuirt an Lib Deamach, Tavish Scott, gun robh aire an SNP seach an eaconomaidh.

Ach tha aire gach duine an seo air an taghadh sin a-nis, nuair a dh'iarras Ailig Salmond taic a' mhòr-shluaigh airson neo-eisimileachd, airson an SNP, agus air a shon fhèin.

Tha fios aig a h-uile duine an seo gur iad an luchd-bhòtaidh am biÌýbheil a' chumhachd an uair sin.

An òraid reachdais...mu dheireadh?

MarÌýdhearbhadh gun bheil samhradh ro ghoirid na h-Alba seachad, bha an t-uisge a' dòrtadh nuair a dh'èirich miÌýgusÌýtilleadh donÌýPhàrlamaid AlbanaichÌýan-dè.

Agus, nan robh tuilleadh dearbhaidh a dhìth, 's ann an-diugh a dh'fhoillsicheas an SNP na bilean a tha iad airson toirt air adhart am bliadhna-sa.

Tha dùil ri 9 bilean ùra, nam measg rudan a dh'fheumas a bhith ann, leithid bile a' bhuidseit, ged nach tig fios mu na gearraidhean a tha air fàire do bhuidseat na h-Alba gus am foillsich an Seansalair, Seòras Osborne, na figearan aigesan anns an Damhair.

A bharrachd air sin, thu dùil ri bile air mar a thèid dèiligeadh ri taghaidhean, air taghaidheas prìbhiteach agus air daoine a thèid toirt orra pòsadh an aghaidh an toil.

Tha fios nuair a sheasas Ailig Salmond suas gus an òraid aige a ghabhail, gur e seo an turas mu dheireadh a nì e sin ron taghadh Albanach an ath-bhliadhna.

'S i a' cheist an e seo an òraid reachais mu dheireadh aige mar phrìomh mhinistear.

Taghadh

'S ann mu dheidhinn an taghaidh sin a bhios gach facal a thèid a ràdh aig Holyrood bho an-diugh a-mach.

Bhiodh dùil nach biodh na dùbhlanaich cho deònach taic a thoirt do phlanaichean an SNP agus iad airson làmh an uachdair fhaighinn orra mus tèid daoine do na bogsaichean-baileit.

Ach bi na nàiseantaich ris an aon gheama, agus iadsan airson an taghadh a chleachdadh gus uallach a chur air na pàrtaidhean eile na planaichean aca a leigeal troimhe.

'S bliadhna gu math frionasach a tha romhainn.

Their Ailig Salmond an-diugh gu bheil planaichean an SNP a' sealltainn gu bheil an riaghaltas aige làn neart, ach canaidh na dùbhlanaich gun do dh'fhàs na nàisteantaich sgìth.

Chan fhada gus am faigh an luchd-bhòtaidh cothrom cur romhpa cò tha ceart.

TUIILLEADH 0830

Tha an riaghaltas dìreach air innse dhuinn gun tèid 10 bilean ùra - seach 9 - fhoillseachadh an-diugh, sin bile a' bhuidseit agus 9 eile.

RET: Dà sgìre, aon cheist

Air cùl na h-ùpraid mu sgeama nam faraidhean aiseig RET, tha ceist phoileataigeach.

Sin, cò bhuannaicheas an taghadh Albanach an ath-bhliadhna.

CuimhnichÌýgu bheil an SNPÌýdìreach aon sheat air thoiseach air na pàrtaidhean eile aig Holyrood an-dràsta.

Mar sin dheth, b' urrainn do thoraidhean ann an sgìrean iomalach buaidh a thoirt air toradh an taghaidh air fad.

ThaÌýna h-Eileanan Siar agus Earra-Ghàidheal is Bòid a-measg nan sgìrean as teinne a bhios ann nuair a thèid an luchd-bhòtaidh do na bogsaichean-baileit as t-Earrach.

Bu choltach an-diugh gun robh an iomairt air tòiseachadh mar-thà.

Taobhadh

Anns na h-Eileanan Siar an-dè chaidh fàilte a chuir air an naidheachd gum maireadh RET gu co-dhiù 2012.

Ach an-diugh thuirt ball-pàrlamaid Earra-Ghàidheal, Ailean Reid, gun robh an SNP a' taobhadh ris na h-Eileanan Siar gus an sgìre a ghleidheadh an ath-bhliadhna.

Mar a bhiodh dùil,Ìýtha Riaghaltas na h-Alba a' dol as àidhcheadh sin.

Ach bu chothromach ri ràdh, chanainn, gum biodh an SNP ann an cunnart anns na h-Eileanan Siar nan deidheadh cur às don sgeama ron taghadh.

Aig a' cheart àm, tha na Lib Deamaich dìreach 815 bhòt air dheireadh air na nàiseantaich ann an Earra-Ghàidheal. Chaill iad an seat sin ann an 2007 agus tha iad ga iarraidh air ais.

Bidh an sgeulachd air fad air An Là aig 8f.

Beachdan RET: Fuaim

Seo dìreach cuid dhe na beachdan a tha air nochdadh mar-thà mu cho-dhùnadh Riaghaltas na h-AlbaÌýsgeama RETÌýdo na h-Eileanan Siar, Tiriodh agus CollaÌýa chumail a' dol gu 2012.

An toiseach bhon SNP, , BPA nan Eilean Siar. Chuir e fàilte air an naidheachd, ann an agallamh le Iain Mac IllEathain.

Chan eil a h-uile duine toilichte, ge-tà. , ag innse do Radio Arcaibh gum bu chòir do Mhinistear na Còmhdhail, Stewart Stevenson, a dhreuchd a leigeal seachad.

Agus, , Comhairliche Chinn Tìre, Ìle 's Diùraidh. Tha esan feargach nach tèid an sgeama a leudachadh air feadh Earra-Ghàidheal. Bha esan a' bruidhinn ri Eileen Nic Dhòmhnaill.

Dè na bheachdan agaibh fhèin, ge-tà?

Tuilleadh tron là.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.