³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Co-labhairt nan Lib Deamach: Tavish Scott

Niall O’Gallagher | 2010-09-19, 18:52

Anns an òraid aige aig co-labhairt nan Lib Deamach ann an Liverpool an-diugh, thòisich Tavish Scott iomairt a’ phàrtaidh airson an taghaidh as duilghe dhaibh o chionn bhliadhna.

Ìý

Sin taghadh na Pàrlamaid Albanaich an ath-bhliadhna.

Ìý

On a chaidh na Lib Deamaich a-steach gu co-bhanntachd leis na Tòraidhean aig Westminster, tha daoine air a bhith ag ràdh gun tèid an sgrios nuair a thèid muinntir na h-Alba do na bogsaichean-baileit anns a’ Chèitein.

Ìý

Chan eil mi fhìn cho cinnteach mu dheidhinn sin – gu tric bidh Lib Deamaich air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan a’ faighinn taic pearsanta bhon mhòrshluagh a dh’fhaodadh an dìon bho fhearg leis a’ phàrtaidh anns an fharsaingeachd.

Ìý

Ach gu prìbhiteach, tha Lib Deamaich Albanach ag aideachadh gum bi an taghadh Albanach duilich dhaibh, gu h-àraid ann am meadhan na h-Alba agus anns na bailtean mòra.

Ìý

Tha fios aig Tavish Scott fhèin air seo cuideachd.

Ìý

‘Beachdan ùra’

Ìý

Mar sin, dh’fheuch e anns an òraid aige ris a’ phàrtaidh Albanach a bhrosnachadh agus ri mìneachadh don luchd-bhòtaidh carson a bu chòir dhaibh taic a thoirt do na Lib Deamaich.

Ìý

Thuirt e gum b’ iad cosnaidhean, atharrachadh sheirbhisean pòblach agus foghlam na rudan a bu chudromaiche airson na h-ath-phàrlamaid.

Ìý

Rinn e a dhìcheal gus sealltainn gun robh na Lib Deamaich diofraichte bho na Tòraidhean, ag ràdh gum bu chòir cur às do shiostam armachd niùclasaich Trident.

Ìý

Agus rinn e iomradh air an agallamh a rinn mi fhìn le Teàrlach Ceanadach an t-seachdainn a chaidh ag ràdh gun robh e ceart ri ràdh gun do chosg e nas motha seirbhisean a thoirt seachad an sgìrean iomalach, leithid na Gàidhealtachd ’s nan Eilean.

Ìý

Thug e slaic an dà chuid air na Làbaraich agus air an SNP, ag ràdh gun robhÌýfeum aig Alba air pàrtaidh le ‘beachdan ùra’.

Ìý

Ach tha sin a’ togail ceist duilich do Mhgr Scott.

Ìý

Trioblaid

Ìý

Ma bhios na Lib Deamaich an sàs anns an ath riaghaltas Albanach, ’s ann mar phàirt de cho-bhanntachd air choireigin a bhitheas e.

Ìý

Agus, ged a bha e a’ toirt slaic orra an-diugh, ’s ann leis an SNP no na Làbaraich a bhiodh a’ cho-bhanntachd sin.

Ìý

Tha Nick Clegg air trioblaid adhbharachadh dha fhèin agus daoine a’ cur na chuimhne rudan a thuirt e mu Dhàibhidh Camshron ron taghadh.

Ìý

’S dòcha gum bu chòir do Thavish Scott a bhith beagan nas fhaiceallaiche.

Ìý

A-màireach, cluinnidh sin bho Nick Clegg, leas-prìomhaire ann an riaghaltas Westminster.

Ìý

Ma tha Tavish Scott gu bhith na leas-phriomh mhinistear as dèidh an taghaidh Albanaich, ’s e bliadhna mhòr, dhuilich a tha roimhe.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.