³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Riaghaladh gun chumhachd?

Niall O’Gallagher | 2010-09-08, 17:50

Thòisich an iomairt an-diugh airson an taghaidh Albanaich an ath-bhliadhna.

B' e seo an turas mu dheireadh a b' fheudar don phrìomh mhinistear, Ailig Salmond, clàr bhilean fhoillseachadh ron taghadh sin.

'S i a' cheist as motha aig Holyrood am bliadhna-sa cò bheir an òraid seachad an ath-bhliadhna.

Bha deich bilean uile gu lèir.

Gheibh cuid dhiubh taic bho na dùbhlanaich, mar eisimpleir am bile airson daoine a dhìon bho phosadh an aghaidh an toil, no am bile gus smachd nas cruaidhe a chumail air daoine a bhios a' faighinn mall airson thaighean.

Nas connspaidiche, 's dòcha, tha plana airson siostam a' cheartais atharrachadh gus an gabh daoine a thoirt air ais gu lagh as dèidh dhaibh dol tron chùirt roimhe, agus plana airson cruth ùr a thoirt air Uisge na h-Alba.

Cumhachd

Ach cha b' iad na bilean fhèin, 's dòcha, a rud a bu chudromaiche a thachair ann seo an-diugh.

Chunnaic sinn an-diugh riaghaltas do nach b' urrainn na gnìomhan a bu thoil leat fhaighinn troimhe.

Thuirt ceannard nan Làbarach, Iain Gray gun robh Ailig Salmond a' riaghaladh gun chumhachd.

Airson nan Tòraidhean, Annabel Goldie, gun robh cliù Mhgr Salmond marbh, agus thuirt an Lib Deamach, Tavish Scott, gun robh aire an SNP seach an eaconomaidh.

Ach tha aire gach duine an seo air an taghadh sin a-nis, nuair a dh'iarras Ailig Salmond taic a' mhòr-shluaigh airson neo-eisimileachd, airson an SNP, agus air a shon fhèin.

Tha fios aig a h-uile duine an seo gur iad an luchd-bhòtaidh am bi bheil a' chumhachd an uair sin.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.