³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

An òraid reachdais...mu dheireadh?

Niall O’Gallagher | 2010-09-08, 7:46

Mar dhearbhadh gun bheil samhradh ro ghoirid na h-Alba seachad, bha an t-uisge a' dòrtadh nuair a dh'èirich mi gus tilleadh don Phàrlamaid Albanaich an-dè.

Agus, nan robh tuilleadh dearbhaidh a dhìth, 's ann an-diugh a dh'fhoillsicheas an SNP na bilean a tha iad airson toirt air adhart am bliadhna-sa.

Tha dùil ri 9 bilean ùra, nam measg rudan a dh'fheumas a bhith ann, leithid bile a' bhuidseit, ged nach tig fios mu na gearraidhean a tha air fàire do bhuidseat na h-Alba gus am foillsich an Seansalair, Seòras Osborne, na figearan aigesan anns an Damhair.

A bharrachd air sin, thu dùil ri bile air mar a thèid dèiligeadh ri taghaidhean, air taghaidheas prìbhiteach agus air daoine a thèid toirt orra pòsadh an aghaidh an toil.

Tha fios nuair a sheasas Ailig Salmond suas gus an òraid aige a ghabhail, gur e seo an turas mu dheireadh a nì e sin ron taghadh Albanach an ath-bhliadhna.

'S i a' cheist an e seo an òraid reachais mu dheireadh aige mar phrìomh mhinistear.

Taghadh

'S ann mu dheidhinn an taghaidh sin a bhios gach facal a thèid a ràdh aig Holyrood bho an-diugh a-mach.

Bhiodh dùil nach biodh na dùbhlanaich cho deònach taic a thoirt do phlanaichean an SNP agus iad airson làmh an uachdair fhaighinn orra mus tèid daoine do na bogsaichean-baileit.

Ach bi na nàiseantaich ris an aon gheama, agus iadsan airson an taghadh a chleachdadh gus uallach a chur air na pàrtaidhean eile na planaichean aca a leigeal troimhe.

'S bliadhna gu math frionasach a tha romhainn.

Their Ailig Salmond an-diugh gu bheil planaichean an SNP a' sealltainn gu bheil an riaghaltas aige làn neart, ach canaidh na dùbhlanaich gun do dh'fhàs na nàisteantaich sgìth.

Chan fhada gus am faigh an luchd-bhòtaidh cothrom cur romhpa cò tha ceart.

TUIILLEADH 0830

Tha an riaghaltas dìreach air innse dhuinn gun tèid 10 bilean ùra - seach 9 - fhoillseachadh an-diugh, sin bile a' bhuidseit agus 9 eile.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.