³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Toiseach ùr bho ghinealach ùr

Niall O’Gallagher | 2010-09-28, 15:45

'S e amas ceannard ùr nan Làbarach nach mair riaghaltas na co-bhanntachd na b' fhaide na aon phàrlamaid.

Tha aig Ed Miliband ri co-dhiù dà rud a dhèanamh gus an t-amas sin a ruighinn.

Air an aon làimh, tha aige ri cuid de na 5 millean neach-bhòtaidh a chaill na Làbaraich o 1997 - tòrr dhiubh nach deach do phàrtaidh sam bith eile - fhaighinn air ais.

Agus air an làimh eile tha aige ri taic fhaighinn bho dhaoine a chuir taic ri pàrtaidhean na co-bhanntachd, a dh'fhaodadh a bhith teagmhach mu cheannard a chaidh a thaghadh mar thoradh air taic nan aonaidhean-ciùird.

'S e tomhas duilich a bhios a dhìth air Ed Miliband, gu h-àraid le cuid dhe na meadhanan a' cantainn 'Ed Dearg' ris.

Bha rudeigin do gach taobh anns an òraid aige an-diugh.

Teachdaireachd

Aig a' cheann-thall, thuirt ceannard a' phàrtaidh Làbaraich gun robh cogadh Iorag ceàrr - dh'fhàg tòrr dhaoine a' phàrtaidh air a sgàth, agus bidh Ed Miliband an dòchas gun tig cuid dhiubh air ais.

Aig a' cheard àm, thuirt e - na mhac inimirichean - gum b' fheudar do na Làbaraich tuigsinn gun robh daoine eagallach mu inimrich air sgàth na buaidh orrasan agus chan ann air sgàth mì-rùin.

Thuirt e gun toireadh e sùil air planaichean an riaghaltais gus siostam nan sochairean soisealta atharrachadh agus gu feum atharrachadh.

Ach thuirt e gun robh dleastanas air an fheadhainn as beartaiche cuideachd, agus nach bu chòir beàrn cho mòr eadar daoine beartach is daoine bochda.

Tron òraid air fad, cha d' rinn Ed Miliband iomradh air an leas-phrìomhaire, Nick Clegg idir.

Ach bha teachdaireachd innte don fheadhainn a chuir taic ris, ag ràdh gun bhòtadh esan airson AV, agus gun robh na Làbaraich ceàrr gu tric air saorsa chatharra.

Astar

Thuirt Ed Miliband gun robh 'ginealach ùr' a-nis aig ceann a' phàrtaidh Làbaraich.

Bha e a' feuchainn ri astar a chur eadar e fhèin agus làithean nan 'Nua-Làbarach', Tony Blair agus Gòrdon Brown.

Ach, thuirt e gun robh a shùil air Dàibhidh Camshron cuideachd.

A dh'aindeoin aois, thuirt e Ed Miliband gun robh ginealach eadar e fhèin agus am prìomhaire anns na beachdan aca agus an dòigh anns an robh iad a' coimhead air an t-saoghal.

Bha rudeigin brònach mu na faclan sin airson a bhràthar, Dàibhidh, an duine as coltaiche an dreuchd fhaighinn, a tha a-nis a' beachdachadh air na tha air fàire dha fhèin.

Ach gu math tric ann am poileataigs, chan e an duine as coltaiche a bhuannaicheas. Tha aire Ed Miliband a-nis air taghadh fiù 's nas duilghe.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.