Main content

Luaidh ga dh猫anamh air Ronnie MacFhionghain

Tha luaidh ga dhèanamh air seann chluicheadair Rangers is Alba Ronnie MacFhionghain a chaochail aig aois 83.

Chluich e cha mhòr 500 geama do Rangers agus fhuair e 28 ceapan do dh'Alba.

Rugadh Mgr MacFhionghain ann an Glaschu ach 's ann às an Eilean Sgitheanach a bha athair agus a mhàthair à Leòdhas.

Bha e a' fuireach ann an Leòdhas 'son greis na bhalach is dh'innis e gun robh Gàidhlig gu leòr aige aig an àm seo.

Rinn e a dhachaigh san eilean bho chionn còrr is 20 bliadhna.

Bha e cuideachd na thosgaire aig Cluba Luchd-Taic Rangers Leòdhais is na Hearadh.

"'S e sàr dhuine uasal a bh' ann an Ronnie is bha tòrr dhaoine measail air, gu h-àraid ann an Leòdhas an dèidh dha a bhith a' faisg air 30 bliadhna air ais a' fuireach san eilean", thuirt Alasdair Moireasdan a bha gu math eòlach air.

"Tòrr den ghinealach agamsa, cha robh sinn eòlach air mar chluicheadair ach tha àite aige ann an eachdraidh ball-coise na h-Alba agus tha e follaiseach mar a tha daoine air a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn am meas a bh' aca air mar dhuine, is am meas is spèis a bh' aca dha mar chluicheadair", thuirt e.

Rinn Rangers fhèin luaidh, taobh a-muigh air Mgr MacFhionghain Didòmhnaich.

/naidheachdan/sgeulachdan/c3gzel3e34no