Main content

Hanson: "Tha sinn deiseil airson an ath-cheum"

Dìreach seachd mìosan air ais, bha sgioba nam ban aig Alba ann an staing.

Bha dìth misneachd am measg an luchd-taic is Alba gun geama a bhuannachadh san iomairt air fad aca ann an Lìog nan Nàiseanan aig ìre A agus iad air call 6-0 an aghaidh Shasainn sa gheama mu dheireadh aca ann.

B' e sin an droinneadh a bu chruaidhe bho chaill iad 8-0 an aghaidh na Spàinne ann an cuairtean dearbhaidh Chupa na Cruinne.

B' e seòrsa de chlach-mhìle a bh' ann dhaibh oidhche Mhàirt ge-tà, an aghaidh Serbia ann an Glaschu, is dòchas faighinn gu Euro 2025 a-nise a' sìor fhàs.

Bha àite aig Alba san ath chuairt den fharpais dearbhaidh cinnteach mar-tha a' dol a-steach dhan gheama mu dheireadh aca de Bhuidhinn B an aghaidh Serbia aig Pàirce Firhill.

Bhuannaich iad ceithir geamaichean agus chrìochnaich iad co-ionnann san fhear eile - gam fàgail co-ionnann ri Serbia aig a' mhullach ach le ceist cò rachadh suas gu Ìre A air a' cheann thall.

Cha robh an t-uabhas de chuideam orra ma-tha - ach bha adhbhar gàirdeachais ann aig làn-ùine.

Le bhith a' faighinn nan trì puingean agus le bhith a' crìochnachadh sa chiad àite ann am Buidheann B2, tillidh Alba gu Lìog A far a bheil na sgiobaidhean às fheàrr san Roinn Eòrpa a' cluich.

Seo uile air sgàth tadhal Kirsty Hanson le 39 mionaidean air a' chleoc - an ceathramh tadhal aice do dh'Alba.

"Tha sinn deiseil air a shon!", thuirt Kirsty Hanson ri 成人快手 ALBA às dèidh a' gheama.

"Tha sinn air a' chiad amas againn a choileanadh, ach chan eil sinn idir faisg air an amas as motha againn.

"Tha barrachd ri thighinn bhuainn," gheall i.

'S e a bhith a' cluich aig Euro 2025 san Eilbheis am prìomh amas an-dràsta ach dè tha romhpa airson sin a dhèanamh?

An ath cheum

Thèid an taghadh a dhèanamh airson na ciad chuairt den fharpais play-off Dihaoine 19mh an den Iuchar.

Thèid na sia dùthchannan as fheàrr bho na buidheannan aig ìre B, le Alba nam measg, a thaghadh an aghaidh nan sia dùthchannan air an cùl aig an ìre sin.

Tha siud a' ciallachadh gum faodadh iad a dhol an aghaidh Albàinia, Belarus, Georgia, A' Ghrèig, Lucsamburg, Montenegro, Romàinia no Sloibhinia.

'S iad Alba an sgioba as treasa a-mach às an liosta sin, a thaobh nan rangannan co-dhiù.

Agus ma 's urrainn dhaibh faighinn seachad air ge b' e cò a bhios aca, bidh aon cheum eile san rathad ma tha iad airson cluich san fharpais mhòir an ath-bhliadhna.

Ceum gu math mòr - oir bhiodh tè de na sgiobaidhean a thig am bàrr anns na geamaichean-playoff eile eadar cuid de na sgiobaidhean bho Bhuidheann A agus B a' feitheamh orra.

/naidheachdan/sgeulachdan/cml2w23gn0xo