Main content

Deuchainn air beulaibh na h-Alba an Zagreb

Cha mhòr nach e saoghal gu tur eadar-dhealaichte a bh’ ann bho shealladh sgioba nàiseanta na h-Alba dheth, nuair a sguab iad Cìopras an dàrna taobh 3-0 bho chionn trì mìosan deug.

Cha robhar ach air ceithir a-màch à 22 a chall – agus bha iad am measg nan sgiobaidhean as luaithe gus àite a ghlèidheadh aig Euro 2024.

Saoghal gu tur eadar-dhealaichte a th’ ann dhaibh na làithean sa ge-tà.

Ceithir geamannan deug air an cluiche, le dìreach aonan air a bhuannachadh. Fiù 's an uairsin, geama slaodach, steigeach a bh’ ann an aghaidh Gibraltar mar ullachadh airson Euro 2024.

Tha droinneadh no dhà air a bhith ann.

4-1 an aghaidh na Frainge. 4-0 an aghaidh nan Duitseach, agus geama nach diochuimhnich mòran a chaoidh – dubh mhaslachadh ann am Munich an aghaidh na Gearmailt gus na Euros a chur air an casan.

‘S e ‘s docha an adhbhar uallaich as motha ge-tà, gu bheil an sgioba air an comas fad uair a thìde gu leth a chluiche, a chall.

A-mach às na 14 geamannan sin, tha Alba air co-dhiù aona thadhal a chall às dèidh 80 mionaid ann an naoi dhiubh.

Gu dearbha tha iad air na trì geamanann mu dheireadh ann an sreath a chall le tadhal ann an ùine a bharrachd. Laigsean aig a' chùl a tighinn gu buil.

Chan ann mòran nas fheàrr a tha cùisean air fàs – air pàipear co-dhiù – agus an liosta chluicheadairean a tha a dhìth air Steve Clarke air fàs cho fada ri gu siorraidh. Bha làn fhios againn mar-thà mu leithid Tierney, Hickey, Patterson agus Ferguson mar eisimpleir.

An uairsin thàinig an naidheachd nach biodh sgeul air John McGinn no Scott McKenna an turas seo. A-nise chan eil Aonghas Gunn, Greg Taylor no Lawrence Shankland rim faotainn.

Le àireamh cho mòr de dhaoine a dhìth, gu cinnteach thig cothroman na chois do chuid eile.

Chan eil Ben Doak air mòran chothroman fhaighinn aig ìre cluba, ach tha e mar-thà a' bruidhinn air a mhiann an sgioba nàiseanta a chuideachadh.

Cha robh càil a dhùil aig Jack MacCoinnich a bhith mar phàirt de sgioba Steve Clarke, ach le cùisean gu math tana san loidhne dìon, tha deagh chothrom ann gum faic sinn sealladh dheth.

‘S ann air sgath tanalachd na loidhne dìon a tha Nicky Devlin agus Liam Lindsay cuideachd air an gairm. Air am beulaibh san, dh’fhaodamaid Andy Irving cuideachd fhaicinn.

Chan eil teagamh ann gur e clach-mhìle shònraichte a th’ ann dha na cluicheadairean seo ach chan eil teagamh ann a bharrachd gu bheil ceistean ann mun deidhinn.

Am prìomh thè: ciamar a dhèiligeas iad le cunnartan Croatia agus Portugal?

Tha dùbhlan romhpa.

Fiù 's aig aois 39, tha an comas agus an tàlant aig Luka Modri膰 fhathast geama a riaghladh bho mheadhan na pàirce. Tha sgioba làn eòlais aca, le cluicheadairean leithid Mateo Kovacic agus Ivan Perisic – còmhla ri Modric - air còrr air 100 geama a chluiche dhan sgioba nàiseanta.

Ach tha Croatia iad fhèin a’ dol tro àm nuair a tha feum air atharrachaidhean san sguad, agus ginealach ùr a thoirt troimhe.

Cunnartach ‘s gu bheil iad, chan eil cus ùine air fhàgail aig na laoich sin aig an ìre sa. Tha cuid eile air fàgail mar-thà. Leig Domagoj Vida agus Marcelo Brozovic seachad ball-coise eadar-nàiseanta às dèidh na Euros.

Tha boillsgeadh dòchais ann do Steve Clarke ge-tà. Chan eil Alba ach air aon a-mach às na sia geamannan mu dheireadh an aghaidh Croatia a chall – an geama sin aig Euro 2020.

Chan eil sgioba Zlatko Dalic ach air aon gheama ann an còig a bhuannachadh.

Tha iad air sgiobaidhean leithid Portugal, An Spàinn agus an Eadailt a chluiche san ùine sin, ge-tà.

Tha an aon rud fìor bho shealladh nan Albannach. Tha iad air call ri cuid de na sgiobaidhean as fheàrr air an t-saoghal san droch shreath seo de gheamannan. Dh’fhaodadh gur e an dòigh anns a bheilear a' call nan geamannan an rud a tha ag adhbhrachadh an dragh as motha, ge-tà.

Leis an t-suidheachadh a th’ air am beulaibh le dà gheama eile ann an Lìog nan Nàiseanan air fàire, ‘s e an teachdaireachd bhon champa an t-seachdain seo, gur dòcha gur ann nas miosa a thèid cùisean a' chiad ghreis mus tig piseach. Ach gur ann nas làidire a bhitheas an sgioba naiseanta air a shàileabh às dèidh laimh.

Bidh gu leòr ann a tha beò an dòchas nach ann cus nas miosa a dh’fhàsas cùisean dhaibh ann an Zagreb Disathairne.

/naidheachdan/sgeulachdan/c80r9l9ek3no