Main content

F脿ilte mh貌r air Fin Greumach an Inbhir Pheofharain

Chaidh fàilte mhòr a chur air Fin Greumach is e a' tilleadh dhachaigh dhan Ghàidhealtachd bho na Geamaichean Paralimpigeach ann am Paris.

Shoirbhich gu math le Fin, 24, à Srath Pheofhair, san Fhraing is e a' coisinn dà bhonn aig na geamaichean.

Bhuannaich e bonn òir ann an Rèis Rathaid C1 - 3 is bonn airgid ann am farpais C3 3000m Individual Pursuit nam fear.

Bha an Greumach cuideachd air clàr na cruinne a bhristeadh san fharpais sin - ged a chaidh a bhristeadh a-rithist cha mhòr sa bhad le Jaco van Gass.

Bha Fin, a bha uair na sgoilear aig Acadamaidh Inbhir Pheofharain, air ais air a' bhaidhseagal aige madainn Diardaoin is e fhèin is cuid de sgoilearan an là an-diugh a' dol eadar Drochaid Sguideil is an sgoil.

Chuir tidsearan agus sgoilearan fàilte mhòr air an sin.

Chan eil e a' faighinn fois ge-tà, is gus falbh gu farpaisean rathaid na cruinne an ath-sheachdain.

/naidheachdan/sgeulachdan/cdx9zv4g7lqo