Covid, Brexit agus B貌rdadh-sneachda
Tha para-lùth-chleasaichean cleachdte ri bhith a' dèanamh a' ghnothaich air suidheachaidhean dùbhlanach.
Cha do leig Andaidh MacLeòid le mar a chaill e cas ann an tubaist an 2011 maill a chur air, 's tha am bòrdair-sneachda a-niste air ìre phroifeasanta a ruighinn.
Tha e ag amas air àite ann an sgioba Pharailimpigeach Bhreatainn aig na geamaichean ann am Beijing an-ath-bhliadhna.
Ron sin ge-tà, feumaidh e trèanadh a dhèanamh ann an àite far a bheil cinnt reusanta ann gum faighear deagh shneachda.
Deuchainn
"Tha mi uabhasach fortanach an-dràsta gu bheil mi san Fhionnlainn, a' trèanadh airson co-fharpais a th' againn a' dol air adhart an ath-mhìos," thuirt e.
"Thagh mi an Fhionnlainn air sgàth 's gu bheil i an-dràsta fosgailte.
"Tha an Fhionnlainn caran math leis a' Chovid 's a h-uile càil an-dràsta.
"B' fheudar dhuinn deuchainn Chovid ghlan fhaighinn mus do dh'fhàg sinn Breatainn, 's an uair sin ar cumail fa-leth airson ceithir làithean, 's an uair sin deuchainn eile fhaighinn nuair a ràinig sinn dìreach airson dèanamh cinnteach nach robh sinn a' toirt dad a-steach.
"Tha sinn gu bhith a' gluasad gu àite nas fhaisge air Lapland - faisg air Santa Claus - aig toiseach na h-ath-mhìos airson trèanadh agus farpaisean.
"Tha mi a' coimhead air adhart ri sin, a' farpais a-rithist. Tha ùine mhòr air a bhith ann bho bha sinn aig co-fharpais."
Chan eil na làithean ach gu math goirid far a bheil Andaidh an-dràsta, le dìreach trì no ceithir uairean de thìde ann de sholas an là. Tha na goireasan math ge-tà, agus sin ga fhàgail toilichte.
"Tha floodlights air a' bheinn, le sin tha e fosgailte bho 10:00m gu uaireannan 11:00f.
"Faodaidh sinn tòrr ùine a chur seachad air an t-sneachda ach feumaidh sinn a bhith faiceallach nach dèan sinn cus."
Chan e Covid a-mhàin a tha a' toirt buaidh air lùth-chleasaichean à Breatainn a-niste 's iad a' feuchainn a-null thairis.
'S i seo a' chiad mhìos a tha Brexit a' fàgail siubhal diofraichte.
"Thuirt iad rium aig a' chusbainn nuair a thàinig sinne an seo, tron Òlaind, thuirt iad aig a' chusbainn an sin gu bheil sinn ceart gu leòr an turas seo, ach an ath-thuras feumaidh sinn turas air ais a bhith air a chur air dòigh," thuirt e.
"Chan eil sin againn an-dràsta air sgàth 's dòcha gum bi sinn dìreach a' tighinn às an Fhionnlainn air ais a dh'Alba, ach 's dòcha gu bheil sinn a' dol dhan Spàinn cuideachd.
"Chan eil dad air a bhucadh againn an-dràsta, 's thuirt iad an ath-thuras gum feum sinn rudeigin a bhith againn airson sealltainn gu bheil sinn a' dol a dh'fhàgail a-rithist.
Cunntadh Làithean
"Tha casg ann de 90 là ann an gach 180 là as urrainn dhuinn a bhith anns an Roinn Eòrpa.
"So feumaidh sinn a bhith a' cunntadh nan làithean, 's a bhith faiceallach gun urrainn dhuinn fhathast a dhol air adhart leis an trèanadh a tha sinn ag iarraidh a dhèanamh.
"Leis na Geamaichean Parailimpigeach an-ath-bhliadhna, tha sinn ag iarraidh uiread 's as urrainn dhuinn a dhèanamh an-dràsta.
"Tha iad a' bruidhinn air gu bheil iad ag obair gus cùmhnantan sònraichte fhaighinn dhuinn air sgàth 's gur e spòrs elite a th' ann, ach chan eil beachd againn cuin a bhios sin a' tighinn troimhe," thuirt e.
Mar sin, ma dh'fhàg e Alba toiseach na bliadhna, dh'fhaodadh gum feum e tilleadh aig deireadh a' Mhàirt airson deagh ghreis.
Tha fios gun toir sin buaidh air an trèanadh aige?
"Bheir gu dearbha," thuirt e.
"Tha sinn an dòchas nach ann mar sin a bhitheas e, ach 's dòcha gur ann.
"Tha mise co-dhiù fortanach air sgàth 's gu bheil mi a' fuireach an Alba.
"'S urrainn dhòmhsa a dhol suas a Ghleann Chomhann no Nevis Range no na h-àiteachan sin airson bòrdadh-sneachda.
"Ach na teammates agam ann an ceann a deas Shasainn, chan eil rudan mar sin acasan idir."
Ag Amas air Beijing
Tha dùil gun tèid na Geamannan Parailimpigeach a chumail ann am Beijing sa Mhàrt an-ath-bhliadhna, agus 's e prìomh amas Andaidh am-bliadhna, àite am measg sgioba GB airson nan geamannan sin a ghlèidheadh.
"Tha cuideam air na co-fharpaisean seo ri thighinn oir chan eil an t-uabhas fharpaisean gu bhith againn ri linn a' Phandemic.
"Ach feumaidh sinn fhathast farpaisean dearbhaidh a dhèanamh airson nan geamannan an-ath-bhliadhna.
"Chan eil cinnt ann fhathast dè thachras, 's dòcha gun coimhead iad air a' bhliadhna a dh'fhalbh airson dearbhadh cò gheibh ann.
"Tha mi an dòchas gun dèan iad sin oir chrìochnaich mi fhèin aig àireamh a còig san t-saoghal agus bhiodh sin math gu leòr faighinn ann.
"Tha mi uabhasach toilichte leis an ìre aig a bheil mi a-nise. Bhiodh e uabhasach math faighinn ann. Chan urrainn dhomh fiù 's smaoineachadh air ciamar a bhiodh e sin a dhèanamh."