Main content

Ceann a' Ghi霉thsaich ag amas air barrachd dhuaisean

Thuirt manaidsear Chinn a' Ghiùthsaich gu bheil iad ag amas air barrachd dhuaisean às dèidh dhaibh Cupa na Camanachd a thogail air an deireadh-sheachdain.

Rinn tadhal bho Ruairidh MacAnndrais le 89 mionaidean air a' chleoc a' chùis 1-0 air Camanachd an Òbain.

'S e tadhal àlainn a bh' ann bho astar air là nuair nach do ràinig an geama àrd-ìre.

Bidh Ceann a' Ghiùthsaich coma is Cupa na Camanachd aca 'son a' 25mh turas.

Bha iad mar-thà air Cupa MhicThàmhais a thogail nas tràithe air an t-Samhradh is a h-uile coltas gum bi a' Phrìomh Lìog aca a dh'aithghearr cuideachd.

'S e Cupa MhicAmhlaigh a-mhàin nach d' fhuair iad is dùil gun crìochnaich iad an seusan le trì duaisean is iad air na ceithir fhaighinn an-uiridh.

Thuirt Iain Borthwick às dèidh làimh gu bheil e riaraichte leis a' chiad sheusan aige mar mhanaidsear Chinn a' Ghiùthsaich is gur e barrachd soirbheachais a tha e ag iarraidh a-nise.

"Rinn Iain Gibson obair air leth mar mhanaidsear anns na bliadhnaichean mu dheireadh is an Grand Slam aige an-uiridh.

"Gabhaidh sinn gach seusan mar a thig iad agus bidh sinn ag amas air Grand Slam eile an ath-bhliadhna".

'S e briseadh-dùil mòr a bh' ann do Chamanachd an Òbain aig an robh làmh an uachdair aig amannan tron gheama is aig an robh sàr-chluicheadair an là ann an Daniel Sloss.

"Tha e goirt. Geama gu math teann a bh' ann gun mhòran chothroman is tadhal dìreach aig an deireadh", thuirt Sloss.

"Là doirbh dhuinn ach 's e sgioba òg a th' againn is bidh sinn ag amas air tilleadh air ais dhan chuairt dheireannaich an ath-bhliadhna", thuirt e.

/naidheachdan/sgeulachdan/cqlgjq2ewvxo