'Cha bhi sgiobaidhean tric a' f脿gail Caisteal Le貌id le puingean'
Rinn Lòbhat a' chùis air Cabar Fèidh 4-3 Disathairne is iad a' buannachadh airson a' chiad uair aig Caisteal Leòid bho 2019 ann am Priòmh Lìg nam Fear.
Bha Lòbhat dà thadhal air thoiseach aig leth-ùine agus dh'aidich am manaidsear aca gun do chuir e dragh air nuair a fhuair Ben Dòmhnallach tadhal air ais do Chaber Fèidh tràth san dàrna leth.
Ach fhreagair Marc MacLachlan sa bhad le bhith a' faighinn an treasamh tadhal do Lòbhat dìreach mionaid às dèidh a sin.
Chrìochnaich e 4-3 do Lòbhat is chaill Cabar Fèidh cluicheadair cuideachd is Connor MacGriogair a' faighinn cairt-dhearg air sgàth rudeigin a thuirt e ris an rèitire.
Thug Cabar Fèidh taing dhan rèitire air na meadhanan-sòisealta aca agus thuirt iad gun robh iad a' cur taic ris an iomairt-spèis aig Comann na Camanachd.
"Air ar dòigh"
Dà phuing eile do Lòbhat ma thà, gam fàgail co-ionnann ri Ceann a' Ghiùthsaich aig mullach na Prìomh Lìg às dèidh dà gheama.
"Bha fios againn gun robh Cabar Fèidh gu bhith a' tighinn a-mach san dàrna leth le tòrr a bharrachd lùths", thuirt manaidsear Lòbhat, Jamie MacMhathain.
"Bha neart agus caractar nan cluicheadairean agam math dha-rìribh"
"Tha mi a' creidsinn nach bi mòran sgiobaidhean a' fàgail Caisteal Leòid le puingean air sgàth cho doirbh 's a tha e cluich an aghaidh Cabar Fèidh - tha iad a' faighinn gu leòr thadhal agus tha sinn air ar dòigh leis an dà phuing" thuirt MacMhathain.
"Tha an geama seo doirbh a thuigsinn an-dràsta"
Tha manaidsear Chabar Fèidh airson 's gun socraich cùisean aig Caisteal Leòid bho seo a-mach.
"Tha an geama seo doirbh a thuigsinn an-dràsta. Bha e làn dràma", thuirt Garry Reid, manaidsear Chabers.
"Bha sinn misneachail a' tighinn a-mach airson an dàrna leth ach chaill sinn tadhal tràth agus cha d'fhuair sin faisg gu leòr air Lòbhat airson a' chòrr dhen gheama." thuirt e
Droinneadh ann am Baile Mac Ara
'S e briseadh-cridhe a bh' ann do Cheann Loch Seile an t-seachdain seo chaidh is iad a' call a' gheama sna mionaidean mu dheireadh an aghaidh Cheann a' Ghiùthsaich sa chiad gheama dhen t-seusan.
Chuir iad còig tadhail seachad air na Sgitheanaich san dàrna gheama aca Disathairne ge-tà, le Keith MacRàth a' tilleadh leis a' chiad dà thadhal dhen t-seusan aige.
Chuir Eàirdsidh MacRàth, Ali Nixon agus Jordan Friseal ris an dà thadhal aig Keith.
Bidh iad airson 's gun toir seo beagan de thogail dhaibh agus nach lean an seusan seo air mar a thòisich an seusan seo chaidh nuair a bhuannaich iad dìreach aon gheama a-mach à sia.
Caol Bhòid a' tòiseachadh le soirbheachas
Chaidh a' chiad gheama aig Caol Bhòid an aghaidh Camanachd an Òbain a chur dheth an t-seachdain seo chaidh air sgàth pàirce fluich.
Ach chuir iad nar cuimhne Disathairne gu bheil iad comasach sgioba sam bith a bheatadh is iad a' tilleadh à Bhaile Ùr an t-Slèibh leis na puingean gu lèir.
Chuir Ross MacRàth Caol Bhòid air thoiseach às dèidh dìreach sia mionaidean agus chuir Kenny Ros am ball dhan lìon aige fhèin airson an sgòr a dhùblachadh.
A' bruidhinn ri 成人快手 Spòrs mus do thòisich iad an seusan ùr, thuirt an cluicheadair aca Somhairle MacThòmais nach eil iad a' smaoineachadh ach mun ath-gheama aca gach seachdain - ach gum biodh cothrom ann nas fhaide a-steach dhan t-seusan smaoineachadh mun tiotal.
Ma leanas iad orra le bhith a' togail phuingean bho na sgiobaidhean às fheàrr san lìog, cò aig tha fios dè bhios comasach dhaibh.
Feumaidh Baile Ùr an t-Slèibh tilleadh a dh'aithghearr ge-tà ma tha iad airson a bhith am measg nan sgiobaidhean as treasa san lìog
Gleann Urchadain 0-2 Ceann a' Ghiùthsaich
Chan eil dad ann ag innse dhuinn nach eil Ceann a' Ghiùthsaich gu bhith cho làidir 's a tha iad air a bhith thar nam beagan bhliadhnaichean mu dheireadh. Tha iad air an dà gheama dhen t-seusan gu ruige seo a bhuannachadh.
Às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Ceann Loch Seile sa chiad gheama, bhuannaich iad air an rathad 2-0 an aghaidh cuid dhe na balaich ùr san lìog, Gleann Urchadain.
Bha dà thadhal bho Dylan Borthwick gu leòr airson an dà phuing fhaighinn agus a' chiad àite san lìog a chumail air thoiseach air an ath gheama aca an aghaidh Lòbhat Disathairne aig An Dell.
Trì tadhail agus puing an urra
Thug Camanachd an Òbain droinneadh san dà uair mu dheireadh a choinnich iad an aghaidh Loch Abair ann an 2022, 6-0 ann an geama càirdeil agus an nuair sin 9-0 ann an Cupa na Camanachd.
Ach abair gun robh cùisean fada nas fhaisg Disathairne le trì tadhail an urra.
Bha Loch Abar 3-1 air dheireadh airson tòrr dhen gheama ach thug Barry Dòmhnallach dòchas dhaibh le tadhal air ais agus an uair sin thug an rèitire buille-peanais dhaibh - agus cha do rinn Ben Delaney mearachd sam bith le bhith ga chur a-steach dhan tadhal le nas lugha na deich mionaidean air fhàgail.
Prìomh Lìog nam Fear
Camanachd an Òbain 3 - 3 Loch Abar
Baile Ùr an t-Slèibh 0-2 Caol Bhòid
Ceann Loch Seile 5-0 An t-Eilean Sgitheanach
Caber Fèidh 3-4 Lòbhat
Gleann Urchadain 0-2 Ceann a' Ghiùthsaich