Main content

Cha stad siubhal clann-nighean a' bhuill-choise

Uairean fada sa chàr. Uairean fada air an aiseag. Cha mhòr a h-uile deireadh-sheachdain. Tha na h-eileanaich òga seo a' cumail na dòchasan aca ann am ball-coise beò le obair chruaidh.

Tha sianar nighean às na h-eileanan a' cluich do Ross County, agus tha t'èile a' cluich do dh'Inbhir Nis - agus tha an cur-seachad a' cosg mòran ùine dhaibh uile.

Ach chan eil sin a' cur stad orra idir. "'S e sin dìreach pàirt dhen oidhirp", thuirt tè dhiubh.

'S ann às an Eilean Sgitheanach a tha Beth agus tha ise a' siubhal dà thuras san t-seachdain gu tìr-mòr airson cluich dhan sgioba aice.

Coltach ris na nigheannan òga eile a tha a' siubhal, tha ball-coise, gu ìre, ri fhaighinn anns an eilean aice.

Ach, tha iad airson cluich aig an ìre as àirde le amas airidh air an t-uabhas spèis - cluich san SWPL, prìomh lìog nam ban ann an Alba.

Bha Beth an sàs ann an cuairt dheireannach Cupa Taobh Thuath na Gàidhealtachd aig Pàirce an Stèisein ann an Inbhir Narann.

Às dèidh 90 mionaid gun tadhal, bha County co-ionnann le Caley Thistle Inbhir Nis. Ùine a bharrachd ...

Chuir Inbhir Nis tadhal agus anns an dà mhionad mu dheireadh, nochd Beth airson breab-peanais a chosnadh.

Ged a chuir i am ball dhan lìon leis a' bhreab-pheanais aice, 's iad Inbhir Nis a thog an cupa.

Ach cha chuir sin stad air dòchasan Beth idir.

"Nuair a tha mi nas sine, tha mi airson a bhith nam chluicheadair proifeasanta agus 's e seo an aon dòigh sin fhaighinn", thuirt i a' bruidhinn air a bhith a' siubhal barrachd na 15 uairean a thìde gach seachdain airson cluich do Chounty.

"Tha e cho sònraichte gu bheil an cothrom seo agam. Tha mi ag iarraidh a bhith a' cluich ball-coise air an eilean ach chan eil sgioba nam ban ann."

'S dòcha gum bi tè ann do Beth a dh'aithghearr ge-tà le coltas gu bheilear a' stèidheachadh buidhinn an-dràsta.

Leum thairis air twitter teachdaireachd le 成人快手 Spòrs Gaelic

'S ann à Leòdhas a tha Hannah agus bha ise an sàs sa chuairt dheireannaich cuideachd.

"Bha agam ri fàgail an-dè air an aiseag agus nuair a bhios mi a' cluich (air tìr-mòr) tha agam ri fuireachd co-dhiù aon oidhche." thuirt Hannah.

"Tha tòrr trèanaidh air an eilean ach bidh na nigheannan air tìr-mòr a' faighinn barrachd tha mi a' smaoineachadh oir tha iad faisg air Inbhir Nis, Inbhir Pheofharain agus àitichean mar sin".

Tha Maimee pìos beag nas fhaisge air cluich san SWPL leis gu bheil i mar phàirt de sgioba nas sine aig Ross County.

Agus tha rudeigin ùr stèidhichte a bhios a' lùghdachadh an astair eadar clubaidhean ball-coise air tìr-mòr agus na h-eileanan - ann an dòigh.

Prògram trèanaidh sònraichte.

A bharrachd air an trèanadh àbhaisteach, tha Maimee a' faighinn coidseadh mar phàirt de bhuidheann bheag.

Seo ann an oidhirp cumail suas ri clann eile air tìr-mòr a tha a' faighinn barrachd chothroman trèanaidh.

"Tha mi a' smaoineachadh bu bheil an òigridh a' siubhal nas trice airson ball-coise a chluich. Chan e a-mhàin a' clann-nighean. Tha mi a' ciallachadh na balaich cuideachd", thuirt Maimee.

"Tha cùisean a' fàs nas fhasa do chluicheadairean air an eilean a tha airson cluich ball-coise. Nuair a bha mi na b' òige, bha agam ri cluich còmhla ri balaich. Ma dh'fhàsas e nas fheàrr buileach, bhiodh e mìorbhaileach."

Tha Kyla air an aon phrògram trèanaidh ri Maimee agus tha i a' cluich dhan sgioba òg aig Inbhir Nis.

"Chan eil mi a' faighinn an cothrom trèanadh còmhla ris an sgioba agam Inbhir Nis, leis gu bheil mi air an eilean", thuirt Kyla.

"Mar sin, mar phàirt dhen prògram sònraichte againn, tha cothrom againn cuideaman a thogail san gym còmhla ri Eòghann (manaidsear sgioba WIIGA a stiùir sgioba bhoireannach gu cuairt dheireannach aig Geamaichean nan Eilean 2023"

Amasan mòra a tha air a bhith ann airson bliadhnaichean 's dòcha. Ach tha diofar ann a-nis is an taic air a bheil a' clann-nighean airidh air fàs rud beag.

/naidheachdan/66966685