Main content

L矛og Le貌dhais is na Hearadh a' t貌iseachadh

Tha an t-àm sin ann a-rithist far a bheil sinn a' beachdachadh air seusan ùr eile. Na bodaich 's na cailleachan ag èigheachd bho oir na pàirce, na rèitearan a' faighinn am mì-shealbh agus gu leòr shradagan eadar na cluicheadaran. Dè eile ach ball-coise a' tòiseachadh a-rithist ann an Leòdhas agus Na Hearadh.

An-uiridh 's e An Rubha a shoirbhich a-rithist ann an seusan eachdraidheil dhan chluba. A' chiad turas bho 1981 a ghlèidh sgioba a h-uile gèam sa lìog agus b' e na Rubhaich a shoirbhich air a' bhliadhna sin cuideachd. Bha iad cuideachd soirbheachail is iad a' buannachadh an Eilean an Fhraoich, dha mòran an copan às cliùitiche a th' ann.

Cha deach cupan 'Acres Boys' air adhart, ri linn 's gun robh cuid de chlubaichean den bheachd gun robh cus chopain air an cluich, ach bidh sin air ais am-bliadhna tro sheachdain Gheamannan nan Eilean, nuair a bhios sguad air falbh a Gheàrnsaidh a' cluich dha WIIGA.

Bhuannaich Am Bac dà chopan, 'Leòdhas Moldova' agus 'Jock Stein' agus An Taobh Siar a' buannachadh Cuach a' Cho-op.

Fhuair sgioba Nis troimhe gu iar-chuiart deireannach Chupa Amaitearach na Gàidhealtachd, farpais a th' air còrdadh ris an sgioba, iad a' buannachadh ceithir tursan. Chaill iad an aghaidh Pentland United 5-2, an dèidh a bhith a' buannachadh 2-0. Chaill Pentland United an aghaidh High Ormlie Hostpur air breaban peanais sa chuairt-dheireannach.

Am-bliadhna

'S ann air a' 14mh den Ghiblean a tha seusan na bliadhna seo a' tòiseachadh, naoi sgiobannan agus cruth eadar-dhealaichte air tòrr dhiubh a thaobh mhanaidsearan gu h-àraid. Bidh Dòmhnall 'Sweeney' MacSuain, Colin George Moireasdan, Graeme Miller, Louie MacCoinnich agus Eric 'Strada' MacLeòid uile fhathast nam manaidsearan aig Nis, An Taobh Siar, Càrlabhagh, Na Lochan agus Athletic Steòrnabhaigh. Ach do Na Hearadh, United Steòrnabhaigh, An Rubha agus Am Bac, tha cùisean ag atharrachadh dhaibhsan.

Na Manaidsearan

Dhan Rubha, bidh e annasach dhaibhsan is Aonghas 'Stoodie' MacAoidh a' fàgail a dhreuchd mar mhanaidsear às dèidh 14 bliadhna san obair. Fear a bha soirbheachail dhan chluba na chluicheadair agus na mhanaidsear. Gabhaidh Rab MacÌomhair àite.

Thuirt Mgr MacIomhair: "Sguad a-rithist gu math coltach ris an-uiridh. Bithidh sinn às aonais Aonghais Dhòmhnallaich (cas bhriste) 'son treis dhen t-seusan agus an dòchas gum bi Mikey Jones (ann an Glaschu) air ais 'son beagan dhen t-seusan. Saoilidh mi gum bi an lìog teann aig a' mhullach. Le sinn fhìn, Am Bac agus An Taobh Siar. Bha Nis uabhasach math an-uiridh agus tha cluicheadaran òga math aig Aths. Tha e an còmhnaidh duilich an lìog a ghabhail, a-mhàin trì tursan ann an sreath."

Tha na Hearaich a-nis air an treas mhanaidsear acasan sna trì bliadhnaichean mu dheireadh. Stevie Price a' gabhail àite DI Dhòmhnallaich a bhios a-nis a' gluasad gu coidseadh òigridh Na Hearadh. Bidh Jamie MacGowan na leas-mhanaidsear còmhla ris.

Thuirt Mgr Price, is e a' tòiseachadh a' chiad sheusain san obair:

"Tha an sgioba gu math coltach ris an sgioba a bh' ann an-uiridh. Tha sinn an dùil dhà no thrì chluicheadairean ùra a thoirt a-steach leis gu bheil sguad beag againn. Ach nuair a bhios a h-uile duine againn 's urrainn dhuinn a bhith farpaiseach, ach 's e an trioblaid iad uile fhaighinn còmhla. Tha sinn an dòchas gun dèan sinn nas fheàrr na an 7mh àite san lìog an-uiridh agus 's dòcha faighinn gu cuairt dheireannaich."

Tha Am Bac a' call dithis a th' air a bhith aig a' chluba iomadach bliadhna ann an Seumas 'Bombie' MacArtair agus 'Dano' Dòmhnallach. 'S e Dàibhidh MacÌomhair agus Jason MacLeòid a th' air a bhith an sàs sna sgiobannan òigridh aca, a tha a-nis os cionn na sgioba.

"Tha cluicheadaran a' tighinn air ais a th' air a bhith againn ron seo. Leithid an fhir-ghlèidhidh Mìcheal 'Peel' MacÌomhair agus Dàibhidh MacIlleathain, an dithis a' tighinn à Nis. Gu mì-fhortanach cha bhi Stevie Mutch agus Calum 'Govig' MacIllinnein againn 'son a' mhòr-chuid den t-seusan is iad air falbh. Tha sinn ag iarraidh a bhith nas seasmhaiche san lìog a thaobh geamannan a ghlèidheil. 'S e an Rubha às làidire ach tha ceithir no còig sgiobannan as urrainn puingean a thoirt bho chèile.

Tha Colin George Moireasdan, manaidsear Sgioba an Taobh Siar a' dol a-steach dhan dàrna bliadhna aige fhèin aig an stiùir. Bha e na leas-mhanaidsear còmhla ri Roy Shirkie an turas mu dheireadh a ghlèidh an Taobh Siar an lìog ann an 2019 - gèam playoff an aghaidh an Rubha. Chan eil an Taobh Siar air a' chùis a dhèanamh air an Rubha bhon uairsin.

Thuirt Mgr Moireasdan: "Tha sgioba òg againn, tha Adam Dòmhnallach, neach-glèidhidh òg, air a thighinn a-steach agus tha esan air a bhith a' coimhead gu math làidir eadar na puist. Fhuair sinn Neil Sinclair bho Chàrlabhagh. Tha esan air a bhith faisg air mullach nan clàran scòraidh - tha Innes Ian Moireasdan air tilleadh dhan sgioba is e air fàgail Nis. Dan MacPhàil a' tilleadh cuideachd, bheir e beagan eòlais dhan sgioba agus Iain 'Fish' MacFhionghain a' tighinn a-steach bho United Steòrnabhaigh.Tha sinn an dòchas an lìog a bhuannachadh."

Bho thoiseach na linne seo, chan eil sgioba air a bhith cho soirbheachail 's a tha Na Lochan. Ach tha cruth gu math eadar-dhealaichte air an sgioba aca na làithean seo, is mòran dhe na cluicheadairean a th' air a bhith cho soirbheachail dhaibh air sguir a chluich.

Ach tha dòchas aig Louie MacCoinnich san dàrna seusan aige san dreuchd:

"Tha mi ag iarraidh gun cluich sinn math, tòrr ruith agus gum bi àireamhan làidir aig trèanadh. Tha sinn air dithis chluicheadairean cudromach a chall. Ar sgiobair Allan Farrell (Nis) agus Niall Houston (Aths). Ach tha cluicheadair òg no dhà a' tighinn troimhe. Mar a h-uile bliadhna, tha sinn ag iarraidh dèanamh nas fheàrr na an seusan ron sin. Tha e duilich coimhead ri sgioba sam bith eile seach an Rubha 'son an tìotal a ghlèidheil, ach ma bhios an Taobh Siar cho math 's as urrainn dhaibh a bhith bidh cothrom acasan. Dha Nis, às aonais Mhicheil Mhic a' Ghobhainn (gèilean briste) bithidh e nas duilghe dhaibhsan leis cho cudromach 's a tha e.

Tha Mìcheal air sàr-chluicheadar na lìge a bhuannachadh an dà sheusan mu dheireadh ach ghoirtich e e fhèin a' cluich air tìr-mòr. Briseadh-dùil dha manaidsear na sgioba, Dòmhnall 'Sweeney' MacSuain.

Thuirt Mgr MacSuain: "Chì sinn dè gheibh sinn às, saoilidh mi gur e 'bonus' a bhios ann ma gheibh sinn càil às. Coimhead ris bhon làimh eile, 's doch gun robh na cluicheadairean a' sùileachadh nach fheumadh iadsan siud 's an seo a dhèanamh leis gun robh Mìcheal a' dol ga dhèanamh, mar sin tha cothrom ann a-nis dha balaich eile sealltainn an comasan. Ged nach do bhuannaich sinn càil an-uiridh, 's e am-bliadhna a bu shoirbheachaile a bh' againn ann am fichead bliadhna. Tha fios agam gu bheil e mu dheidhinn buannachadh, agus tha sinn air sin a dhèanamh, ach leis na cuimhneachain a th' againn bho faighinn gu iar-chuairtean deireannach Chupa Amaitearach na Gàidhealtachd, thug sin sinn gu ìre eadar-dhealaichte."

Bhuannaich Càrlabhagh an lìog mu dheireadh ann an 2017, ach chan eil iad air a bhith faisg bhon uairsin. Tha Manaidsear Chàrlabhaigh, Graeme Miller, a' coimhead air adhart ri faicinn nan cluicheadairean òga a th' aca a' tighinn troimhe:

"Tha trì mìosan de thrèanadh math air a bhith againn, sguad làidir le Kenny 'Beag' MacIllinnein air ais is e a' tilleadh a dh'fhuireach air an eilean. Agus tha ceathrar chluicheadairean uabhasach math againn bhon sgioba fo aois 18 a bhios a' putadh gus àite fhaighinn san sgioba, Robbie MacCoinnich, Dòmhnall Calum Reid, Aaron Ingram agus Scott MacArtair. Saoilidh mi gum bi an Rubha agus An Taobh Siar làidir agus tha sinne airson 's gum bi sinn aig ìre far a bheil sinn a' putadh nan sgiobannan sin a-rithist, is leis gu bheil ceann-bliadhna 90 bliadhna againn am-bliadhna, bhiodh e math copan a ghlèidheil cuideachd.

Tha bliadhna gu math trang gu bhith aig Eric 'Strada' Macleòid. An toiseach le sgioba Aths ach 's e cuideachd Manaisdear na sgioba a bhios a' falbh gu Geamannan Eadar-Nàiseanta nan Eilean:

"Le sgioba Aths, tha an sguad coltach ri an-uiridh. Robert Shikrie a' tighinn a-steach bhon Taobh Siar, dithis bho United ann an Seumas Moireach agus Kieran Bell agus mu dheireadh Niall Houston bho Na Lochan. Tha iad sin a' neartachadh sguad a tha mar-thà làidir. Na h-amasan fèir mar an-uiridh, Bidh sinn an dòchas crìochnachadh sna ceithir sgiobannan aig mullach na lìge agus faighinn gu cuairt-dheireannaich."

"A thaobh WIIGA, tha sinn air an sguad a thaghadh agus dìreach air tilleadh bho champa trèanaidh ann an Struighlea a chaidh gu math. Bha sinn den bheachd gun robh e cudromach an sguad air fad fhaighinn còmhla le mòran dhe na cluicheadarn an-dràsta air falbh air tìr-mòr, mar sin rinn seo ciall. Cumaidh sinn oirnn a trèanadh agus bidh geama càirdeil againn le Nairn County an t-seachdain mus tig sinn a Ghèarnsaidh, mar sin tha sinn a' coimhead air adhart ri sin gu mòr."

Chan eil na nàbaidhean aca United air farpais a bhuannachadh bho na 1970an, ged sna deich bliadhnaichean mu dheireadh, tha sgiobannan soirbheachail air a bhith aca aig na fo-aoisean. Seo beachd Gòrdan Craigie:

"Tha sinn air dhà no thrì fhaighinn a-steach, cuid nach eil air cluich 'son treis. Fhuair sinn sia puingean san lìog an-uiridh mar sin tha sinn 'son 's gum faigh sinn barrachd air sin agus saoilidh mi gun urrainn dhuinn sin a dhèanamh. Gu mì-fhortanach 's e an dùbhlan as motha a tha mur coinneamh - cò tha ri fhaotainn air cuid de dh'oidhcheannan le cùram-cloinne agus rudan eile. Tha sinn an dòchas gum bi sinn air beulaibh Na Lochan agus Na Hearadh san lìog."

Na Geamannan

Oidhche Haoine sa chiad roinn de gheamannan, bidh An Rubha a' cur fàilte air Aths, Am Bac a' siubhal a Chàrlabhagh, United a' dol dhan Na Hearadh agus Na Lochan aig an taigh an aghaidh Nis. Bidh aig an Taobh Siar ri feitheamh 'son cluich an aghaidh Aths an ath-sheachdain a-rithist 'son a' chiad ghèam acasan.

Mar sin dheth, an urrainn dha na Rubhaich an treas tiotal ann an sreath a ghlèidheil, no an urrainn dhan an Taobh Siar, Nis agus Am Bac am putadh? Agus bidh an còrr ag iarraidh dèanamh nas fheàrr san lìog agus 's dòcha car a chur air gnothaichean. 'S e tìde a dh'innseas.

/naidheachdan/65274071