³ÉÈË¿ìÊÖ

Nochd fear fo chasaid muirt "aig dachaigh a pheathar le gunna"

John MacFhionghainTùs an deilbh, Facebook
Fo-thiotal an deilbh,

Thathas a' cur às leth Fhionnlaigh Dhòmhnallaich gun do mhuirt e John MacFhionghain (gu h-àrd) às dèidh losgadh air le gunna

  • Air fhoillseachadh

Dh'innis boireannach do chùirt gun tàinig a bràthair chun an taighe aice le gunna agus gun do mhuirt e an duine aice.

Tha Fionnlagh Dòmhnallach, 41, fo chasaid gun do mhuirt e John MacFhionghain ann an Slèite san Eilean Sgitheanach agus gun do dh'fheuch e ri triùir eile a mhurt air an 10mh là den Lùnastal 2022.

Dh'innis Lyn-Anna NicFhionghain don Àrd-Chùirt an Dùn Èideann gun cuala i gunna ga losgadh agus an uairsin gun d' fhuair i an duine aice na sheasamh sa chidsin, mus do thuit e na gàirdean.

Tha Fionnlagh Dòmhnallach a' dol às àicheadh nan casaidean uile a tha na aghaidh, agus tha e air tagradh dìon sònraichte a chur a-steach mu choinneimh na casaid muirt, ag ràdh nach robh e aige fhèin.

Dh'innis a' Bh-Ph. NicFhionghain gun robh i a-muigh aig a' chàr agus gum faca i càr a bràthair, Mgr Dòmhnallach, a' tighinn a-nuas an staran agus an uairsin gun do choisich e a-steach dhan taigh le gunna mòr, fada na làimh.

Thuirt i gun do dh'èigh i air "Dè tha thu a' smaoineachadh a tha thu a' dèanamh?".

Dh'innis i an uairsin gun cuala i gunna ga losgadh co-dhiù dà thuras agus fhuair i an duine aice air a leòn.

Thuirt i gun tug i Mgr MacFhionghain na gàirdean agus gun do leag i sìos chun an làir e.

Chuala a' chùirt gun tàinig a' chlann a-steach agus gun do dh'iarr a' Bh-Ph. NicFhionghain orra cuideachadh fhaighinn.

Nochd dithis dhotairean-teaghlaich, ach thuirt a' Bh-Ph. NicFhionghain gun robh iad a' feuchainn ri dèiligeadh ris na lotan ach gun robh cus fala ann.

Chuala a' chùirt gun do dh'innis luchd-eiridinn aig an làraich don Bh-Ph. NicFhionghain nach robh càil ann a b'urrainnear a dhèanamh airson an duine aice a shàbhaladh.

'Maoidheadh'

Na bu thraithe, dh'innis bean Mhgr Dhòmhnallaich dhan chùirt gun robh an duine aice air maoidheadh gum marbhadh e osteopath a bha e ag ràdh a mhill a bheatha le bhith a' dèanamh a dhruim ghoirt nas miosa.

Thuirt Rowena Dhòmhnallach gun robh Fionnlagh Dòmhnallach a' maoidheadh sin seachdainean mus tug e, a rèir aithris, ionnsaigh air an duine, John Don MacCoinnich, le gunna-froise, ga dhroch ghoirteachadh fhèin 's a bhean Fay.

Tha Mgr Dòmhnallach fo chasaid gun do dh'fheuch e ris a' chùpal a mhurt san Dòrnaidh agus gun do dh'fheuch ri a bhean a mhurt nan dachaigh ann an Tarsgabhaig san Eilean Sgitheanach.

Bha a' Bh-Ph. Dhòmhnallach a' toirt seachad fianais airson an dàrna la, 's i air innse don diùraidh roimhe gun robh an duine aice air a fàgail fliuch le fuil an dèidh dha ionnsaigh a thoirt oirre air beulaibh na cloinne aca 's e an amharas gun robh i a' falbh le fear eile.

Dh'innis i don chùirt gun robh Fionnlagh Dòmhnallach air fòrladh tinneis ri linn druim ghoirt a fhuair e as t-Earrach 2022, nuair a thadhail e air an osteopath John Don MacCoinnich.

Thuirt i gun robh an duine aice "diombach dha-rìribh" airson ùine an dèidh sin 's gun robh e ag iarraidh Mgr MacCoinnich a thoirt gu lagh 's e ag ràdh gun robh na rinn e air a dhruim a dhèanamh nas miosa.

Dh'innis i don chùirt "chanadh e "tha mi a' dol ga mharbhadh, tha mi a' dol ga mharbhadh 'son mo bheatha a mhilleadh!"

Buaireadh fiosaigeach

Thuirt i gun robh e "caran rabhdail mar dhuine" agus aig a' cheart àm thuirt i gun robh i an dùil nach robh aige ach bruidhinn.

Chaidh faighneachd de Rowena Dhòmhnallach cuideachd mu bhuaireadh fiosaigeach eadar an duine aice agus John MacFhionghain ann an 2013 - naoi bliadhna mus deach fhàgail air gun do mhuirt e a bhràthair cèile.

Thuirt i gun robh i air a bhith ochd mìosan an dùil ri leanabh, 's gun robh i a' falach san t-seòmar ionnlaid ag èisteachd ris a' bhuaireadh.

Dh'innis i don chùirt gun robh an duine aice feargach 's anail air bhriseadh nuair a thill e dhan taigh "le lot air choireigin air aodann."

Dh'innis a' Bh-Ph. Dhòmhnallach do neach-lagha dìon an duine aice gun robh i air an eagal a ghabhail ro dhol-a-mach an duine aice an toiseach ann an 2016.

Ga freagairt, dh'fhaighnich Dòmhnall Findlay KC dhith, ma bha an t-eagal oirre air a son fhèin agus airson a cuid chloinne mun àm sin carson nach do ghabh i ceumannan airson rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn ro 2022.

Fhreagair i "bha an t-eagal orm na ceumannan sin a ghabhail... 'S e rud doirbh a th' ann."

Fo-thiotal an deilbh,

Thathas a' fàgail air Fionnlagh Dòmhnallach gun tug e ionnsaigh air John Don MacCoinnich 's a bhean Fay anns an Dòrnaidh san Lùnastal 2022

Thuirt an neach-casaid, Liam Ewing KC, gun deach Mgr Dòmhnallach fhaicinn le saidhg-eòlaichean agus lighichean-inntinn bhon Lùnastal 2022 agus gu bheil autism air.

Dh'fhaighnich neach-lagha an dìon, Dòmhnall Findlay KC, don Bh-Ph. Dhòmhnallach mu mar a thuirt i nach robh fhios aice gun robh e le autism.

"Cha robh, cha robh gu cìnnteach," thuirt i.

"Bha fios agam gun robh rudeigin eadar-dhealaichte. Cha robh fios agam an e trom-inntinn, iomagain, autism neo rudeigin eile."

Thuirt Mgr Findlay ris a' Bh-Ph. Dhòmhnallach gun robh an duine aice den bheachd gun do rinn an ostepath an druim aige nas miosa.

"Cha b'urrainn dha gluasad air falbh bho bhith air a bheò-ghlacadh gun do rinn an osteopath cron maireannach air," thuirt e.

Dh'aontaich a' Bh-Ph. Dhòmhnallach gun robh an duine aice air a bheò-glacadh mu dheidhinn.

Tha a' chùis a' leantainn.