³ÉÈË¿ìÊÖ

Aonadan ùra gnothachais a' cur ri eaconamaidh Thiriodh

An togalach ùrTùs an deilbh, Urras Thiriodh
  • Air fhoillseachadh

Tha aonadan ùra gnothachais ann an Tiriodh air fosgladh is Urras Thiriodh ag ràdh gu bheil mar-thà seirbheisean is cosnaidhean ùra air tighinn nan cois.

'S ann an Crosabol a tha Ionad Iomairt Thiriodh.

Chosg an leasachadh £1.2m is a' mhòr-chuid den airgead a' tighinn à Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, is Riaghaltas na h-Alba.

Am measg ghnothachasan tha bùth-borbair air a bheil Machair, oifis do Screen Argyll, iomairt shòisealta air a bheil The Makery, agus stiùideo ealain.

Thuirt Urras Thiriodh gur e taigheadas am prìomh amas aca ach gun robh "cothrom sònraichte" ann leis a' phròiseact seo gus eaconamaidh an eilein a neartachadh.

Tùs an deilbh, Hannah Graham

Thuirt iad gun deach an goireas ùr a dhealbh gu sònraichte airson freagairt air feumalachdan eaconamaidh is coimhearsnachd Thiriodh is gun deach obraichean ùra a chruthachadh mar-thà.

Thàinig an t-airgead a chuir Urras Thiriodh fhèin ris a' phròiseact bho Tilley, crann-gaoithe coimhearsnachd na buidhne.

"Air sgàth Tilley bha e comasach dhuinn am pròiseact a thoirt gu buil le glè bheag de chosgais dhan choimhearsnachd," thuirt cathraiche Urras Thiriodh, Fiona Malcolm.

"Leis gun do dh'obraich sinn le cùmhnantaiche a tha stèidhichte san eilean, rinn sinn cinnteach cuideachd gun do dh'fhuirich cuid mhath den airgead ann an Tirioodh, le buannachdan dìreach dhan eaconamaidh.

"Tha sinn air ar dòigh a bhith a' faicinn nan gnothachasan anns na h-aonadan a' dol bho neart gu neart."

Tùs an deilbh, The Makery