Amharas mu thogail-airgid an cùis Aleksandr Benga air nach eil sgeul
- Air fhoillseachadh
Tha na Poilis ag rà dh gum faodadh gur e oidhirp am poball a mhealladh a th' ann an duilleag a nochd air na meadhanan sòisealta a' togail airgid an co-cheangal ris an iomairt gus lorg fhaighinn air deugaire à Leòdhas.
Tha cola-deug on chaidh Aleksander Benga, 16, à Steòrnabhagh fhaicinn mu dheireadh.
Thuirt na Poilis nach e teaghlach Aleksandr a chuir an duilleag a' sireadh airgid air bhonn.
Thug iad rabhadh don phoball a bhith furachail mu là raichean-lìn de a leithid agus fios a chur orra ma chì iad cà il mu bheil iad amharasach.
Tha oifigearan sònraichte à tìr-mòr le eòlas ann an rannsachaidhean mar seo a' cuideachadh nam poileas ann an Leòdhas, agus chaidh dà ibhearan cuideachd an sàs san iomairt airson lorg fhaighinn air Aleksandr.