Deasbad 2024 na "adhbhar misneachd"
- Air fhoillseachadh
Chaidh moladh mòr a dhèanamh air cuairt dheireannach Deasbad Nà iseanta nan Àrd-sgoiltean anns an do shoirbhich Àrd-sgoil Phort Rìgh air a' cheann thall.
Rinn Èoghann Caimbeul is Alasdair Stiùbhart à Port Rìgh an gnothach air Fionnlagh Moireasdan is Luca Sutherland à Àrd-sgoil Ghà idhlig Ghlaschu sa chuairt dheireannaich ann am Pà rlamaid na h-Alba oidhche Ardaoin.
Thog fear de na britheamhan, Aonghas MacIllinnein, air ìre à rd an deasbaid is e ag rà dh gun robh e "na adhbhar misneachd dhan Ghà idhlig air feadh Alba".
Thuirt Mgr MacIllinnein gun robh a' chuairt dheireannach cho faisg is gun robh e glè dhoirbh dha na britheamhan co-dhùnadh cò bhuannaich.
Air a' cheann thall 's iad na Sgitheanaich a shoirbhich.
'S e Fionnlagh Moireasdan bho Àrd-sgoil Ghà idhlig Ghlaschu a chaidh ainmeachadh mar an òraidiche a b'fheà rr.
Bha Deasbad Nà iseanta nan Àrd-sgoiltean am-bliadhna a' comharrachadh 25 bliadhna bho chaidh an fharpais a stèidheachadh.