Tuath-gaoithe coimhearsnachd ga leasachadh an ceann a tuath Leòdhais
- Air fhoillseachadh
Tha trì uachdarain phoblach an Leòdhas ag obair còmhla airson plana a chur air adhart airson tuath-gaoithe a thogail air mòinteach Bharabhais a bheireadh teachd a-steach seasmhach do gach coimhearsnachd.
Tha Urras Oighreachd Ghabhsainn, Urras Oighreachd Bharabhais agus Urras Oighreachd Chà rlabhaigh air companaidh a stèidheachadh air a bheil Cumhachd Coimhearsnachd a' Chost an Iar Earranta airson am pròiseact a thoirt gu buil.
Thathar a' moladh naoi crainn-gaoithe cho à rd ri 110 meatair airson na là raich air a' mhòintich faisg air Barabhais agus a chruthaicheas 43 MW sa bhliadhna.
Chaidh gabhail ri barrantas bhon chompanaidh cumhachd SSEN san t-Sultain gum bi à ite gu leòr air a' chà bal-mhara airson na thèid a chruthachadh de dhealan a chur a thìr-mòr.
Tha dùil gum bi ceangal ann ris a' Ghriod Nà iseanta san Dà mhair 2033.
Ma thèid e air adhart 's e an tuath-gaoithe coimhearsnachd as motha a bhiodh san Rìoghachd Aonaichte.
'S e Urras Oighreachd Ghabhsainn an aon uachdaran coimhearsnachd sa bhuidhinn a tha a' faighinn teachd a-steach neo-eisimeileach bho na trì crainn-gaoithe a th' aca ann am Baile an Truiseil.
Tha sin a' ciallachadh gu bheil e comasach dhaibh 15 luchd-obrach fhastadh agus sgeamaichean a chùm maith an luchd-còmhnaidh a ruith.
'S e Urras Oighreachd Ghabhsainn a bhios os cionn a' phròiseict air sgà th na th' aca de eòlas agus goireasan.
Thuirt an Cathraiche, Agnes Rennie: "Tha buannachdan mòra air a bhith an cois nan crainn-gaoithe ann am Baile an Truiseil dhan sgìre agus tha Urras Oighreachd Ghabhsainn toilichte gun tèid againn air an eòlas againn a chur gu feum airson am pròiseact cudromach seo a leasachadh."
Thuirt Cathraiche Cumhachd Coimhearsanchd a' Chosta an Iar Earranta, Dà ibhidh Mac a' Mhaoilein: "An dèidh nan draghan a nochdadh mu na tha de rùm air a' ghriod b' e iongnadh a bh' ann gun d' fhuair sinn ceangal cinnteach, agus tha seo air cabhag a chur sa phròiseact.
"'S e seo a' chiad ìre agus feumaidh sinn a bhith ag obair còmhla ri buidhnean maoineachaidh agus eòlaichean teicnigeach airson adhartas a dhèanamh sna mìosan agus bliadhnaichean ri teachd."
Bidh cothrom aig luchd-còmhnaidh ann an sgìrean nan trì urrasan barrachd fhaighinn a-mach mun phlana aig sreath choineamhan an ath-seachdain.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh air an là raich-lìn aig .