³ÉÈË¿ìÊÖ

MacAoidh fhathast ag amas air cluicheadair a bharrachd

Malky MacAoidhTùs an deilbh, SNS
  • Air fhoillseachadh

Thuirt manaidsear Ross County gu bheil e toilichte le mar a tha sgioba ùr aige a' tighinn ri chèile ach gu bheil e fhathast an dòchas aona chluicheadair eile a thoirt a-steach.

'S ann air èiginn a dh'fhuirich County sa Phrìomh Lìog air an t-seusan seo chaidh is iad 0-3 air dheireadh an aghaidh Partick Thistle anns na geamaichean play-off, mus do thill iad air ais is iad a' soirbheachadh air breaban-peanais air a' cheann thall.

Tha sreath de dh'atharraichean air a bhith ann bhon uairsin is cuid air Inbhir Pheofharain fhàgail is MacAoidh air seachdnar a thoirt dhan chluba.

'S iad sin: Eamonn Brophy, Scott Alardice, James Brown, Jay Henderson, Josh Reid, Max Sheaf, is Kyle Turner.

Tha seachdnar cuideachd air fàgail.

Dh'innis Malky MacAoidh gur e seo an treas bliadhna ann an sreath a rinn e ath-thogail air a' bhuidhinn is gur e obair dhuilich a tha sin.

Ach thuirt e gu bheil e riaraichte le mar an sguad aig an ìre seo.

"Gu mì-fhortanach bha tòrr againn ri dhèanamh is chan eil sin a' còrdadh rium ach sin mar a tha e.

"Feumaidh mi moladh a dhèanamh air Roy (MacGriogar) is Steven (Fearghasdan) airson gach taic le cluicheadairean ùra fhaighinn a-steach.

"Bidh dùbhlan againn an-còmhnaidh fuireach suas"

"Tha seachdnar againn airson toiseach trèanadh an t-Samhraidh is seachd seachdainnean fhathast mus dùin an uinneag. Tha sin tòrr mòr nas fheàrr na a bhith a' feuchainn ri daoine fhaighinn a-steach anns na làithean mu dheireadh den uinneig.

"Bu thoil leam fhathast cluicheadair eile a thoirt a-steach ma 's urrainn dhuinn."

Cluichidh County a' chiad gheama farpaiseach aca den t-seusan ùr Disathairne nuair a nì iad air an rathad fhada chun na Sròine Reamhaire ann an Cupa Viaplay.

Tòisichidh a' Phrìomh Lìog le geama duilich air falbh an aghaidh Celtic air a' 5mh den Lùnastal.

Thuirt MacAoidh gum b' fheàrr leis gun a bhith a' strì aig a' bhonn a-rithist ach gu bheil e mothachail nach bi cùisean idir furasta.

"Tha thu 'son a bhith cho àrd 's a ghabhas san lìog ach feumaidh sinn gabhail ris gu bheil sinn am measg nan clubaichean as lugha san fharpais is bidh dùbhlan againn an-còmhnaidh fuireach suas.

"Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gum faigh sinn na 's urrainn dhuinn às na cluicheadairean is gur e geama duilich a bhios aig gach sgioba nar n-aghaidh.

"Dhomhsa dheth, cha robh ach 's dòcha dà thuras an-uiridh nuair nach d' fhuair sgiobaidhean geamaichean duilich an aghaidh Ross County. Cha robh sin buileach dona.

"Feumaidh sinn na rudan beaga a dhèanamh ceart agus strì a dhèanamh gus crìochnachadh cho àrd 's a ghabhas san lìog".