³ÉÈË¿ìÊÖ

Mac an t-Saoir - tiotal PGA Tour le athair air a' bhaga

Lefty is athair DougieTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Bhuannaich Raibeart Mac an t-Saoir às an Òban a' chiad tiotal PGA Tour aige aig an RBC Canadian Open Là na Sàbainn.

B' e athair Dougie a bha a' giùlain a' bhaga dha aig an fharpais aig Cluba Goilf Hamaltain.

Bhuannaich Mac ant-Saoir le aona shràc aig 16 fo phar.

"Tha mi a' ràinich le aoibhneas, ach tha mi a' gàireachdainn cuideachd oir cha robh mi a' smaoineachadh gun tachradh e," thuirt e.

Fhuair e duais £1.33M - sin an t-airgead as motha a bhuannaich goilfear Albannach a-riamh aig aona fharpais.

"Bha mi ag iarraidh seo a bhuannachadh dha m' athair. Seo am fear a theagasg geama goilf dhomh agus chan urrainn dhomh creidsinn gun do rinn mi seo le esan mar chadaidh.

"Tha seo a' ciallachadh tòrr dhòmhsa agus dha mo theaghlach, mo bhràmair agus an sgioba agam," thuirt Mac an t-Saoir.

Tha Dougie Mac an t-Saoir ag obair mar Cheannard air an raon aig Cluba Goilf Ghleann Chruitein anns an Ã’ban.

Chriochnaich Mac an t-Saoir, a tha 27, air thoiseach air Ben Griffin às na Stàitean Aonaichte agus bha am Frangach Victor Perez stràc air dheireadh air-san le Rory McIlroy à Èirinn a Tuath air -13 còmhla ri Tom Kim à Corea a Deas.

'S e Bob Mac an t-Saoir a' chiad chluicheadair Albannanch a th' air buannachadh air a' PhGA Tour bho Mhàrtainn Laird ann an 2020.

Tha e air àite a chosnadh dha fhèin aig an US Open a tha a' tòiseachadh air an 13mh den Ògmhios aig Pinehurst ann an Carolina a Tuath.

Bha e air thoiseach ceithir stràcan air thoiseach air a' chuairt mu dheireadh ach chaill e a-mach air a' bhuannachd sin ann an ùine nach robh fada.

Ach thàinig e thuige a-rithist tron chuairt le birdies aig a' cheathramh, an t-seachdamh agus an ochdamh toll.

Chan eil cadaidh làn-ùine aig Mac an t-Saoir an-dràsta.

"Cha ghabh a chreidsinn. Bidh mise a' gearradh an fheòir, chan e cadaidh a th' annam," thuirt Dougie Mac an t-Saoir.