Talamh air a bhriseadh aig Port-FÃ nais Uibhist a Tuath
- Air fhoillseachadh
Thòisich obair air port-fà nais a thogail ann an Uibhist a Tuath.
Dh'innis a' chompanaidh ionadail Macaulay Askernish Eta gun deach am fastadh le Comhairle nan Eilean Siar airson a' chiad bhun-structar a thogail aig Scolpaig airson an là rach ullachadh.
Fhuair a' Chomhairle £947,000 bho Iomairt na Gà idhealtachd 's nan Eilean airson a' chiad earrann den phròiseact, a chosgas £2.6m. Thig £675,000 a bharrachd bho phrògram calpa na Comhairle airson 2023-28.
Thèid rathaidean ùra a chur ris an là raich, a thuilleadh air parcadh, leasachadh air saidhbhearan aig Loch Scolpaig, agus bann-leathann fibre a chur ann.
Cuideachd mar phà irt dheth, thèid sgrùdadh a dhèanamh air na ghabhadh dèanamh airson dualchas cultarail na là raich a ghlèidheadh 's a chleachdadh.
Thuirt Ceannard na Comhairle, Paul Steele: "'S e clach-mhìle nach beag a th' ann am briseadh na talmhainn aig Scolpaig airson na Comhairle agus Spaceport 1.
"Mar an aon là rach san Rìoghachd Aonaichte airson rocaidean fo-orbitail a chur gu fà nais, leigidh Spaceport 1 le leasachadh o thoiseach gu deireadh a bhith air a dhèanamh a thaobh saidheans, teicneòlais agus siostaman fà nais a dhol air adhart air talamh Breatannach airson a' chiad uair, a' dùnadh beà irn nach beag ann an sèine luach na Fà nais.
"Cuirear fà ilte air mar a fhuair companaidh ionadail an cùmhnant, agus fà gaidh seo buannachd gu h-ionadail air feadh na ciad earrainn den phròiseact.
"Nuair a bhios e deiseil, cruthaichidh am port-fà nais cothrom cosnaidh ann an Uibhist, agus cuiridh e ri amasan nas fharsainne na Comhairle airson nan Eilean."
Chaidh cead a thoirt airson an leasachaidh ann an 2023, le dùil gum bi suas ri 10 rocaidean fo-orbitail gan cur gu fà nais gach bliadhna.
Tha companaidh ga sireadh leis a' Chomhairle airson an dà rna earrann den leasachadh a thoirt air adhart.
Tha dùil gun gabhadh a' chiad rocaid a chur suas ron Fhoghar 2025.