Fear fo chasaid muirt a' faireachdainn 'ìslichte' le a bhrà thair-cèile
- Air fhoillseachadh
Dh'innis fear don chùis-lagha muirt na aghaidh gun do thòisich cùisean a bhith duilich dha nuair a thug a bhrà thair-cèile ionnsaigh air.
Tha Fionnlagh Dòmhnallach fo chasaid gun do mhuirt e John MacFhionghain le bhith a' losgadh air le gunna na dhachaigh san Eilean Sgitheanach air an 10mh den Lùnastal 2022.
Thathar cuideachd a' fà gail air Mgr Dòmhnallach gun do rinn e oidhirp air triùir eile a mhurt air an aon là .
Chualas san Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann Dimà irt, gun deach Mgr Dòmhnallach fhà gail air a nà ireachadh agus gun mhisneachd nuair a thug a bhrà thair-cèile ionnsaigh air ann an 2013.
Tha e a' dol às à icheadh nan casaidean uile agus chuir e air adhart dìon sònraichte nach robh e aige fhèin aig an à m.
Chuala a' chùirt gun do dh'innis Mgr Dòmhnallach do lighiche-inntinn mar a thug Mgr MacFhionghain ionnsaigh air, agus gum b' fheudar athair a dhol an-sàs ann.
Chuala a' chùirt gun do dh'innis e do Dtr Suraj Shenoy: "B' e sin toiseach a h-uile cà il a tha seo.
"Thachair rudeigin nam inntinn an là 'ud.
"'S ann nuair a thug John MacFhionghain ionnsaigh orm ann an 2013 a thòisich na trioblaidean agam."
Thuirt an lighiche-inntinn gun do dh'innis Mgr Dòmhnallach dha gun do dh'fheuch e ri Mgr MacFhionghain a sheachnadh.
Cho-dhùin Dtr Shenoy gun robh Mgr Dòmhnallach le autism agus a' fulang post traumatic stress disorder aig an à m a thathar ag rà dh a rinn e murt.
Thuirt e gun robh e le trom-inntinn, ana-chùram agus paranoia agus dependent personality disorder.
Tha Mgr Dòmhnallach, 41, a' dol às à icheadh gun do mhuirt e Mgr MacFhionghain na dhachaigh ann an Teanga le bhith a' losgadh air le gunna-froise.
Tha e cuideachd a' dol às à icheadh gun do dh'fheuch i ri a bhean Rowena Dhòmhnallach, 34, a mhurt na dachaigh ann an Tarsgabhaig le bhith ga sà thadh grunn thursan le sgithinn.
Tha e cuideachd a' dol às à icheadh gun do rinn e oidhirp air an lighiche-chnà mh, John MacCoinnich agus a bhean Fay, a tha le chèile 65, a mhurt nan dachaigh san Dòrnaidh le bhith a' losgadh orra le gunna.
Thug Rowena Dhòmhnallach fianais seachdad sa chùis mar-tha, ag innse gun tug a cèile ionnsaigh oirre air beulaibh an cuid chloinne agus amharas air gun robh i a' falbh le cuideigin eile.
Chaidh a ceasnachadh leis an fhear-dìon Donald Findlay KC mu theachdaireachdan fòn-là imhe eadar i fhèin agus an ceannnard aice agus cia mheud a bha 'flirty'.
Ghabh a' Bh.Ph. Dhòmhnallach ris gun robh cuid dhiubh leannanach, ach thuirt i: "Bha sinn nar caraidean, nach eil cuid de na co-obraichean agaibh nan caraidean agaibh?"
Thuirt Mgr Findlay rithe gum faodadh fhà gail air ceannard gun robh iad ri sà rachadh feiseil nan cuireadh iad teachdaireachdan mar sin do luchd-obrach.
Chuala a' chùirt Dimà irt gun tuirt Mgr Dòmhnallach ri Dtr Sujay: "Bha mi a' crochadh air mo bhean airson a h-uile co-dhùnadh a dhèanamh aig an taigh, ach leig i sìos mi.
Thuirt Donald Findlay KC, am fear-lagha dìon aig Mgr Dòmnallach: "Tha a h-uile coltas gur e as motha a phiobraich e mar a thrèig a bhean e, mar a bha esan ga fhaicinn.
Thuirt an lighiche-inntinn: "Mar a bha esan ga fhaicinn."