³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic

Tasglannan airson 2011-09

Miligaffe

Chan eil fios againn fhathast cò leanas Iain Gray mar cheannard Albannach a' phàrtaidh Làbaraich.

Ach madainn an-diugh, bha e coltach nach robh fios aig Ed Miliband fiù 's cò bha a' seasamh airson na dreuchd.

Ann an agallamh le mo charaid  dh'fhàilig air Mgr Miliband Ken Mac an Tòisich ainmeachadh mar thagraiche airson a' cheannais ann an Alba.

Thuirt sgiopa Mhgr Mhiliband gun robh e air a nàireachadh, ach gum b' e seo ficheadamh agallamh na maidne.

Ach cuiridh seo ris a' chuid a tha a' faighneachd a bheil tagraiche làidir gu leòr airson na dreuchd.

Agus a' chuid eile a tha a' faighneachd a bheil Mgr Miliband a' tuigsinn dè cho dona 's a tha cùisean don phàrtaidh aige ann an Alba, agus cho duilich 's a bhitheas e dha fhaighinn gu Àireamh a Deich as aonais nam ball-pàrlamaid Albannach a thèid a chall ma bhòtas Alba airson neo-eisimileachd.

Bargan ùr bhon cheannard ùr

Cha robh tòrr de pholasaidh anns an òraid aig Ed Miliband ri co-labhairt nan Làbarach an-diugh.

Ach cha b' e sin an t-amas a bha aige.

Bliadhna o chaidh a thaghadh mar cheannard a' phàrtaidh,Ìýtha fios aig Mgr Miliband gu bheil aige fhathast ri cliù a thogail leis an luchd-bhòtaidh.

Tha na cunntasan-bheachd air sin a dhèanamh soilleir.

An-diugh bha cothrom eile aige a chur fhèin air beulaibh a' mhòrshluaigh agus innse dhaibh cò e.

Aig a' cheann thall,Ìýiarraidh e orra a dhèanamh na phrìomhaire.

Eachdraidh

Ach tha sin grunn bhliadhnaichean air falbh fhathast.

Dh'innis Mgr Miliband beagan mu eachdraidh a theaghlaich, a thàinig gu Breatainn agus iad a' teicheadh bho na Nàsaich.

Agus bhruidhinn e mu dheidhinn fhèin, ag ràdh nach robh e na Thony Blair no fiù 's na Ghòrdan Brown, ach na dhuine fhèin a dhèanadh cùisean air an dòigh aige fhèin.

An àite polasaidh, fhuair sinn feallsanachd bho Mhgr Miliband an-diugh.

Tha e dhen bheachd gun deach rudeigin ceàrr ann am Breatainn - chan ann on taghadh an uiridh, ach o chionn bhliadhnaichean.

Agus, gum bu chòir an eaconamaidh - agus a' coimhearsnachd - a ruith air dòigh eadar-dhealaichte.

'Bargain Ùr'

Mar phàirt dhen 'Bhargan Ùr' aige, dheigheadh siostam nan ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô a chleachdadh gus companaidhean matha a bhrosnachadh agus companaidhean dona - an fheadhainn a rinn prothaidean luatha gun ghnothach a ghabhail ri trèanadh no leasachadh - a pheanasachadh .

Aig a' cheart àm, thuirt Mgr Miliband gum bu chòir atharrachadh a dhèanamh air siostam nan sochairean sòisealta, agus taigheadas a thoirt do dhaoine le cliù mar nabaidhean matha air thoiseach air feadhainn a bha ri dol a-mach mì-shòisealta.

Chàin e daoine beàrtach agus bochda a ghabh brath air an t-siostam agus air na daoine anns a' mheadhan a bha ag obair gu cruaidh, a' dèanamh nan 'rudan ceart'.

'S i a' cheist a-nis ciamar a bhiodh na gnìomhan sin ag obair - ach bidh sinn a' feitheamh greis fhathast airson na freagairt.

Chaidh magadh air Tony Blair nuair a rinn Ed Miliband iomradh air an-diugh, a' sealltainn - 's dòcha - gu bheil na Làbaraich airson gluasad air adhart bho linn an t-seann phrìomhaire.

Ach bha Mgr Blair math air taghaidhean a bhuannachadh. Chan eil fios aca fhathast am bi Mgr Miliband comasach sin a dhèanamh cuideachd.

Soraidh slàn Iain Gray

An-diugh thug Iain Gray an òraid mu dheireadh aige seachad aig co-labhairt a' phàrtaidh mar cheannard nan Làbarach anns a' Phàrlamaid Albannaich.

Tha e an dòchas gur e seo an turas mu dheireadh a chluinneas iad bho neach leis an tiotal sin.

A-raoir, bhòt am pàrtaidh gus barrachd saorsa a thoirt do na Làbaraich Albannach.

Bidh an duine a leanas Mgr Gray na cheannard - no na ceannard - air a' phàrtaidh Albannach air fad: buill-pàrlamaid Westminster, buill-pàrlamaid Eòrpach agus comhairlichean, chan ann dìreach air a' bhuidhinn aig Holyrood.

Nas cudromaiche fiù 's na sin, 's dòcha, bidh smachd aig a' cheannard ùr air goireasan agus ionmhas a' phàrtaidh, agus 's e - no 's i - a stiùireas iomairtean a' phàrtaidh aig àm an taghaidh.

Ach dè an diofar a nì seo? Am beachd Mhgr Gray nì e diofar mòr.

Cron

Anns a' chiad sheantans dhen òraid aige an-diugh, ghabh Iain Gray ris an dleastanas airson toradh uabhasach nan Làbarach aig an taghadh Albannach anns a' Chèitean.

Ach thuirt e gun d' rinn gainnead fèin-riaghlaidh anns a' phàrtaidh cron orra leis an luchd-bhòtaidh.

A-rèir Mhgr Gray, dh'fhàg seo gun robh e duilich dhaibh earbsa a thogail anns na polasaidhean agus na h-amasan aca airson Alba.

Chuir 93% de dhaoine taic ris a' phlana a bhitheas a' neàrtachadh a' cheannard Albannaich.

'S i a' cheist a tha againn a-nis, cò gheibh an dreuchd?

'MacBull'

Chleachd Mgr Gray an òraid aige gus ionnsaigh a thoirt air làimhseachadh na h-eaconamaidh leis an SNP.

An àite 'Plan MacB', thuirt Mgr Gray nach robh aig Ailig Salmond aig 'MacBull', ag ràdh gun robh am prìomh mhinistear a' dèanamh nas miosa fiù 's na bha Seòras Osborne mu dheas.

Chòrd sin gu leòr ris na daoine a bha an làthair.

Ach, 's e dreuchd nas motha a tha aig na Làbaraich an t-seachdain-sa èisteachd fhaighinn bhon mhòrshluagh air an eaconamaidh.

Tha Mgr Gray an dòchas gum bi structaran ùra a' phàrtaidh Albannaich nan cuideachaidh don ath cheannard sin a dhèanamh.

Bidh feum aca air gach uile cuideachadh a tha ri fhaotainn.

Plana Mac B

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2011-09-21, 13:29

Beachdan (0)

Grunn smuaintean air buidseat na h-Alba mus tèid mi a-steach don talla airson òraid Nick Clegg a chluinntinn an seo ann am Birmingham.

Lean òraid Mhgr Swinney seachdain de naidheachdan duilich mu eaconamaidh Bhreatainn.

Agus, lean i aithrisean a-raoir gun robh cuid anns an riaghaltas aig Westminster a' beachdachadh air dòighean gus airgead a thoirt a-steach do phròiseictean leasachaidh gus spionnadh a thoirt don eaconamaidh.

Chan e 'Plana B', ach 'Plana A+'.

Chaidh Danny Alexander as àicheadh gun robh an leithid a dhìth.

Ach ann an Alba, tha Iain Swinney air cur roimhe sin a dhèanamh mar-thà.

Gearraidhean

Mar a mhìnich am Prìomh Mhinistear an là eile, chan e 'Plana B' ach 'Plana Mac B'.

An-diugh dh'fhoillsich Rùnaire Albannach an Ionmhais a' chiad dreach dhen bhuidseat aige airson na bliadhna seo, a bharrachd air planaichean airson an dà bhliadhna as dèidh sin.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun lùghdaich buidseat na h-Alba le £3.3bn - no 11% fo ìre 2010-11 - anns na trì bliadhna a tha romhainn, ri linn gearraidhean a tha a' tighinn à Westminster.

Gus seirbheisean agus cosnaidhean a dhìon, dhearbh Mgr Swinney gun tèid turasdail anns an roinn phoblaich a reòthadh fad bliadhna eile.

'S e amas Mhgr Swinney nach mair seo nas fhaide na 2012-13.

Thuirt e cuideachd gun deigheadh ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô peinsein na roinne poblaiche suas - an aghaidh a thoil - agus Roinn an Ionmhais ann an Lunnainn ag ràdh gun tèid buidseat na h-Alba a ghearradh mura dèanadh e sin.

°äù³¾³ó²Ô²¹²Ô³Ù

Tha Mgr Swinney airson cùmhnant a stèidheachadh le muinntir na h-Alba.

Ma ghabhas an sluagh - gu h-àraid luchd-obrach na roinne poblaich - ri turasdail reòthte, bheir an riaghaltas taic riutha tro, mar eisimpleir, reòthadh na cìse comhairle.

Aig a' cheart àm, cleachdaidh iad na sàbhalaidhean gus cosnaidhean a dhìon agus feuchaidh iad ri cosnaidhean ùra a chruthachadh tro thaic do phròiseictean leasachaidh - airgead airson rathaidean, rèile, dhrochaidean agus eile.

Mar sin, tha Mgr Swinney airson toirt air daoine creidsinn gu bheil e a' stiùireadh na h-eaconomaidh gu math leis na cumhachdan a tha aige.

Nach biodh e na b' fheàrr, faighnichidh e, nan robh sinne, seach Westminster ga ruith uile?

'S ann mun eaconamaidh a bhios an argamaid air neo-eisimileachd air thoiseach air an referendum - tha Mgr Swinney agus an SNP làn dòchais gur iadsan a bhuannaicheas i.

Chan ann furasta ach ceart

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-09-21, 12:33

Beachdan (0)

Bha teachdaireachd shìmplidh aig cridhe na h-òraid a thug Nick Clegg seachad aig co-labhairt nan Lib Deamach an-diugh.

500 là o chaidh am pàrtaidh a-steach don riaghaltas leis na Tòraidhean, tha an leas-phrìomhaire fhathast a' mìneachadh a' cho-dhunaidh sin.

Agus, tha am mìneachadh sin fhathast a dhìth.

B' e am plana - 's e am plana fhathast - gum faigheadh a' cho-bhanntachd na gearraidhean as duilghe a-mach anns an rathad tràth anns a' phàrlamaid.

An uair sin, dh'fhàsadh an eaconomaidh, agus staid a' phàrtaidh anns na cunntasan-bheachd, nas fheàrr ron ath thaghadh ann an 2015.

B' e sin an argamaid a rinn Mgr Clegg gus toirt air a' phàrtaidh aige taic a chur ris an aonta leis na Tòraidhean.

Rabhadh

Aig an dàrna cho-labhairt on taghadh an uiridh, tha cùisean fhathast a' coimhead doirbh.

Gu dearbh, as dèidh mar a thug an IMF rabhadh seachad mu dhroch staid na h-eaconomaidh Breatannaich, dh'fhaodadh tu ràdh gu bheil iad nas miosa buileach.

A dh'aindeoin sin - air neo leis nach eil roghainn eile aige - dh'innis Mgr Clegg ris an talla gum b' fheudar dhaibh cumail orra, leis na gearraidhean agus leis a' cho-bhanntachd.

B' e an teachdaireachd aige nach robh an obair a bha iad a' dèanamh furasta, ach gu robh i ceart.

Ceart airson an eaconomaidh a chàradh as dèidh nam bliadhnaichean Làbarach.

Agus ceart gus dùthaich nas libearalaich a chruthachadh airson an àm ri teachd.

Iomagain

Dh'aidich Mgr Clegg gur e bliadhna dhuilich a th' air a bhith aig a' phàrtaidh - ciamar a b' urrainn dha càil eile a ràdh?

Ach, thuirt e gu robh bliadhna nas duilghe aig an dùthaich agus gur e sin an rud as cudromaiche.

Thuirt Mgr Clegg gum b' fheudar dhaibh obrachadh nas cruaidhe gus an obair a bha iad a' dèanamh anns an riaghaltas a mhìneachadh don t-sluagh.

A dh'aindeoin toraidhean uabhasach a' Chèitein, nuair a chaill na Lib Deamaich comhairlichean, buill-pàrlamaid na h-Alba agus referendum air AV, cha robh cus iomagain ri fhaicinn ann am Birmingham an t-seachdain-sa.

Is coltach gu bheil muinntir a' phàrtaidh deònach plana Mhgr Clegg a leantainn fhathast.

Ach, fàsaidh iad nas iomaganaiche mura faic iad adhartas anns na cunntasan-bheachd nuair a choinneachas iad airson na co-labhairt aca an ath-bhliadhna.

Eadar dà bheachd?

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2011-09-20, 7:53

Beachdan (0)

Tha Rùnaire na h-Alba, Mìcheal Moore, ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba ceistean a dh'fhreagairt mu na planaichean aca airson neo-eisimileachd.

Chunnaic sinn pàirt dhen òraid a bheireas e seachad bhon àrd-ùrlar a-màireach,Ìýfar an can e gum bu chòir don SNP innse don t-sluagh dè dìreach a tha iad a' moladh.

Tha Mgr Moore ag ràdh gun do dh'fhaighnich e grunn cheistean mun chùis o chionn trì sheachdainean agus nach d' fhuair e freagairt fhathast.

Nam measg, tha ceistean mu dheidhinn nam bancaichean, pheinseanan, cleachdadh an not no an Euro, ballrachd bhuidhnean eadar-nàiseanta, dìon na rìoghachd agus cosgais neo-eisimileachd fhèin.

'S e beachd Mhgr Mhoore gu feum an SNP mìneachadh de mar a dh'oibricheadh neo-eisimileachd an àite na planaichean aca a chumail am falach.

Ach chanainn nach cuir seo cus draigh air an SNP.

Cumhachdan ùra

Thuirt labhraiche a' phrìomh mhinisteir gun deach dèiligeadh ris na ceistean seo uile anns a' phàipear gheal a dh'fhoillsich iad ann an 2009.

 gus an tig sibh don cho-dhunadh agaibh fhèin.

A bharrachd air sin, tha an SNP a' creidsinn gu bheil diofar eadar na tha Mìcheal Moore a-nis ag ràdh, agus gairm Willie Rennie airson chumhachdan iomhais ùra do Holyrood.

Ciamar, faighnichidh iad, as urrainn do Mhgr Rennie barrachd fèin-riaghlaidh iarraidh agus Mgr Moore ag argamaid na aghaidh?

Tha Mgr Rennie a' dol as àidhcheadh gu bheil trioblaid ann, ag ràdh bheil Bile na h-Alba cha mhòr troimhe agus gur e seo an t-àm gus sùil a thoirt air an ath cheum.

Ach, is coltach gu bheil na Lib Deamaich - agus a' cho-bhanntachd - fhathast a' lorg an dòigh as fheàrr gus dèiligeadh ri Ailig Salmond agus an referendum a tha a-nis air fàire.

An ath cheum?

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2011-09-19, 11:03

Beachdan (0)

Tha gluasad ùr air fàire bho na Lib Deamaich air cumhachdan ùra do Holyrood.

Tha mi ann am Birmingham, far a bheil am pàrtaidh cruinnichte airson na co-labhairt aca, as dèidh bliadhna air leth duilich dhaibh.

Chaidh fearg mu chìsean-oideachaidh aig deas a leantainn le toradh uabhasach anns na taghaidhean anns a' Chèitean, fàiligeadh anns an referendum air AV agus tuiteam mòr anns na cunntasan-bheachd.

Agus, bha fearg mun chàirdeas aca leis na Tòraidhean cho mòr ann an Alba 's gun deach am fàgail gun ach còignear bhall aig Holyrood, agus gun bhall sgìreil sam bith air tir-mòr.

Is coltach gu bheil Lib Deamaich air an nàireachadh leis na thachair an Alba chun na h-ìre 's nach bi cothrom aig Willie Rennie òraid a thoirt seachad an t-seachdain-sa.

Ach chan eil sin a' fàgail nach eil càil aig Mgr Rennie ri ràdh.

Dàrna Ceum

Tha Mgr Rennie airson 's gun tèid coimisean ùr a chur air dòigh gus sùil a thoirt air 'an dàrna cheum as dèidh Chalmain'.

Thèid taic iarraidh air a shon aig a' cho-labhairt Albannaich an ath mhìos.

Dh'fhaodadh gum mol iad gun tèid an t-airgead uile a chosgas Holyrood a thogail le Holyrood - a' dol fada nas fhaide na tha Bile na h-Alba an-dràsta.

Tha Mgr Rennie a' creidsinn gur e seo na tha a' mhorchuid de dh'Albannaich ag iarraidh - cumhdachdan ùra don Phàrlamaid Albannaich, taobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte.

Ach, nam b' e sin polasaidh nan Lib Deamach Albannach, càite a bheil sin a' fàgail Mhìcheil Moore agus na h-argamaid aige an aghaidh, mar eisimpleir, toirt na cìse corparaid do Holyrood?

Tuilleadh tron là.

Grèim air an stiùir

Naidheachd mhòr bhon riaghaltas an-diugh air tramaichean Dhùn Èideann.

Dh'fhoillsich Rùnaire a' Bhunstructair, Ailig Neil, gum biodh °äò³¾³ó»å³ó²¹¾±±ô na h-Alba - buidheann an riaghaltais - a' gabhail gnothaich ris a' phròiseict.

Dhearbh e gum faigheadh Comhairle Dhùn Èideann an earrann mu dheireadh de dh'airgead an riaghaltais - £72m - gus pàigheadh airson nan tramaichean.

Ach, b' e a' phrìs gun deigheadh sgiopa de chòignear à °äò³¾³ó»å³ó²¹¾±±ô na h-Alba an sàs ann an stiùireadh na pròiseict.

Ri linn an aonta leis a' Chomhairle, bidh cothrom aig ministearan co-dhùnaidhean mòra mun phròiseict a ghabhail.

Agus, nas cudromaiche 's dòcha, bidh cothrom aca stad a chur air co-dhùnadh sam bith leis nach eil iad toilichte.

Dleastanas

Thuirt Mgr Neil gun robh e an dòchas nach b' fheudar dhaibh na cumhachdan seo a chleachdadh, ach gun robh iad a dhìth gus dèanamh cinnteach gun deigheadh a' phròiseict a choilionadh taobh a-staigh a' chlàir-ama agus a' bhuidseit.

Tha an riaghaltas airson 's gum bi na tramaichean deiseal ron t-sàmhradh 2014, agus gun a bhith a' dol thairis air £776m.

Gu h-oifigeil, fuirichidh an dleastanas airson na pròiseict - agus airson a' chosgais - air a' Chomhairle.

Ach gu poileataigeach chan eil cùisean cho soilleir.

Ma thèid a' phròiseict thar a' bhuidseit a-rithist, am bi aig an riaghaltas ri airgead a thoirt seachad agus iad air grèim fhaighinn air an stiùir?

Tha iad a' dol as àidhcheadh sin - ach chì sinn dè thachras.

Dàrna sealladh

An do dh'fhaighnich sibh a-riamh carson a bha Ailig Salmond cho buadhach ann am poileataigs na h-Alba?

Tha freagairt againn a-nis.

Aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir an-diugh,Ìýdh'innis Iain Gray gu bheil Mgr Salmond air a bhith faighinn comhairle bho bhoiseadair.

Thuirt Mgr Gray gum faca a charaid , agus e a' tadhal oirre anns a' charabhan aice.

Seadh, thuirt Mgr Salmond - 's aithne dhomh i. Thachair e rithe aig Feile Àiteachais anns an sgìre aige ann an 2006, agus thuirt i gum buannaicheadh an SNP an taghadh.

A-nis, thuirt e, dheigheadh e air ais thuice gus faighneachd cò leanadh Mgr Gray mar cheannard nan Làbarach, agus cùine - obh obh.

Mòrchuid ga cur gu feum

Roinnean Phost: ,Ìý,Ìý

Niall O’Gallagher | 2011-09-08, 10:41

Beachdan (0)

Dè tha an SNP a' dol a dhèanamh leis a' mhòrchuid aca?

Fhuair sin beagan a bharrachd fiosrachaidh an-dè, agus am Prìomh Mhinistear a' foillseachadh plana reachdais an riaghaltais airson na bliadhna romhainn.

Bha 15 bile ùr anns a' chlàr, agus am fear gus dèiligeadh ri grain-creidimh a chaidh fhoillseachadh ron t-samhradh.

Gabhaidh liosta dhe na bilean air fad a leughadh an seo (anns a' Bheurla).

Nam measg bha am plana gus bun-phrìs a stèidheachadh do dheoch làidir, agus bile ùr air àiteachas agus iasgaireachd.

Ach b' e am plana gus seirbhis poilis nàiseanta a stèidheachadh am fear a bu chonnspaidiche.

Dragh

Dhearbh mi air Aithris na Maidne an-dè gun tèid na h-ochd feachdan poilis a tha againn mar-thà a thoirt còmhla gus feachd poilis nàiseanta a stèidheachadh.

Air a' phrògram an-diugh, thuirt , gur e an rud as cudromaiche a-nis dèanamh cinnteach gun obraich an t-seirbhis ùr.

Ach tha cuid draghail mun bhuaidh a bheir seo air obair nam poileas, gu h-àraid ann an sgìrean dùthchail.

(Tha mi an dòchas bruidhinn ri cuid dhiubh an-diugh fhathast - bidh aithrisean air Aithris an Fheasgair aig 1700 agus An Là aig 2000).

Ach anns a' phàrlamaid fhèin tha taic airson seo bho na Làbaraich agus na Tòraidhean. Tha na Lib Deamaich fhathast na aghaidh, ach le 5 ball a-mhàin, is beag an diofar.

Gu dearbh, leis a' mhòrchuid sin, 's urrainn don SNP rud sam bith a thogras iad fhaighinn tron phàrlamaid.

Eagal

Aon rud nach tèid troimhe fhathast, 's e am bile gus referendum a chumail air neo-eisimileachd.

Anns an deasbad as dèidh na h-òraid, thug na ceannardan dùbhlanach slaic air Mgr Salmond airson na dàlach.

Thuirt Iain Gray, Annabel Goldie agus Willie Rennie gum bu chòir gluasad air adhart leis cho luath 's a ghabhas agus gur e an t-adhbhar airson na dàlach gun robh eagal air Mgr Salmond gun cailleadh e e.

Ach tha fios aca nach atharraich sin.

Tha an SNP air a' chlàr-ama a dhèanamh soilleir, ag ràdh gun tèid an referendum a chumail anns an dàrna leth dhen phàrlamaid, ron ath thaghadh.

Anns an eadar-ama, tha iad airson toirt air an luchd-bhòtaidh creidsinn gu bheil iad a' dèanamh obair mhath leis na cumhachdan a tha aca mar-thà.

Pàrtaidh Mhurchaidh

Ciamar a bha na saor-làithean agaibhse?

Gu h-àbhaisteach, cha bhi mi ann an Dùn Èideann tron t-samhradh, ach an turas-sa bhiodh bùrach nan tramaichean gam tharraing air ais don phrìomh bhaile tric gu leòr.

Agus an-dè bha mi a-measg na feadhna aig taisbeanadh Mhurchaidh Fhriseil, agus e a' cur na h-iomairt aige air bhog airson ceannas nan Tòraidhean Albannach.

Ach chan e sin am pàrtaidh a bu thoil leis stiùireadh.

Nuair a leugh mi mun bheachd as ùir aige,Ìýshaoil mi gur e nàdur de fhealla-dhà a bha ann, agus luchd-naidheachd na làimhe deise a' bruidhinn gu h-aoireil air polasaidh air choireigin gus cumhachdan ùra a thoirt do Holyrood.

Ach an uair sin, chum mi orm a' leughadh.

Pàrtaidh Ùr

Dh'innis Mgr Friseal an-dè dhomh nach robh ùidh sam bith aige anns an dreuchd mar a tha i an-dràsta.

Tha e airson pàrtaidh ùr na làimhe deise a chruthachadh ann an Alba, a chuireadh taic ri Dàibhidh Camshron aig Westminster ach a bhiodh na phàrtaidh fa leth leis an t-saorsa an t-slighe aca fhèin a ghabhail.

Bhiodh ainm ùr aig a' phàrtaidh seo. Thuirt Mgr Friseal gun robh e airson a dhol air ais gu mar a bha cùisean ro 1965, nuair a bhiodh am pàrtaidh a' sabaid fo bhratach Phàrtaidh an Aonaidh.

Na bheachd, chaidh an t-ainm 'Tòraidh' a mhilleadh cho mòr ann an Alba on uair sin 's nach eil roghainn sam bith eile aca ach tòiseachadh as ùir.

Tha e a' creidsinn gum faigheadh am pàrtaidh ùr seo taic bho thòrr dhaoine nach do bhòt air an son a-riamh.

Ach, mus faigh e cothrom an taic sin iarraidh, feumaidh e taic fhaighinn bhon phàrtaidh a tha ann mar sin, agus cha bhi sin idir furasta.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.