³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Chan ann furasta ach ceart

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-09-21, 12:33

Bha teachdaireachd shìmplidh aig cridhe na h-òraid a thug Nick Clegg seachad aig co-labhairt nan Lib Deamach an-diugh.

500 là o chaidh am pàrtaidh a-steach don riaghaltas leis na Tòraidhean, tha an leas-phrìomhaire fhathast a' mìneachadh a' cho-dhunaidh sin.

Agus, tha am mìneachadh sin fhathast a dhìth.

B' e am plana - 's e am plana fhathast - gum faigheadh a' cho-bhanntachd na gearraidhean as duilghe a-mach anns an rathad tràth anns a' phàrlamaid.

An uair sin, dh'fhàsadh an eaconomaidh, agus staid a' phàrtaidh anns na cunntasan-bheachd, nas fheàrr ron ath thaghadh ann an 2015.

B' e sin an argamaid a rinn Mgr Clegg gus toirt air a' phàrtaidh aige taic a chur ris an aonta leis na Tòraidhean.

Rabhadh

Aig an dàrna cho-labhairt on taghadh an uiridh, tha cùisean fhathast a' coimhead doirbh.

Gu dearbh, as dèidh mar a thug an IMF rabhadh seachad mu dhroch staid na h-eaconomaidh Breatannaich, dh'fhaodadh tu ràdh gu bheil iad nas miosa buileach.

A dh'aindeoin sin - air neo leis nach eil roghainn eile aige - dh'innis Mgr Clegg ris an talla gum b' fheudar dhaibh cumail orra, leis na gearraidhean agus leis a' cho-bhanntachd.

B' e an teachdaireachd aige nach robh an obair a bha iad a' dèanamh furasta, ach gu robh i ceart.

Ceart airson an eaconomaidh a chàradh as dèidh nam bliadhnaichean Làbarach.

Agus ceart gus dùthaich nas libearalaich a chruthachadh airson an àm ri teachd.

Iomagain

Dh'aidich Mgr Clegg gur e bliadhna dhuilich a th' air a bhith aig a' phàrtaidh - ciamar a b' urrainn dha càil eile a ràdh?

Ach, thuirt e gu robh bliadhna nas duilghe aig an dùthaich agus gur e sin an rud as cudromaiche.

Thuirt Mgr Clegg gum b' fheudar dhaibh obrachadh nas cruaidhe gus an obair a bha iad a' dèanamh anns an riaghaltas a mhìneachadh don t-sluagh.

A dh'aindeoin toraidhean uabhasach a' Chèitein, nuair a chaill na Lib Deamaich comhairlichean, buill-pàrlamaid na h-Alba agus referendum air AV, cha robh cus iomagain ri fhaicinn ann am Birmingham an t-seachdain-sa.

Is coltach gu bheil muinntir a' phàrtaidh deònach plana Mhgr Clegg a leantainn fhathast.

Ach, fàsaidh iad nas iomaganaiche mura faic iad adhartas anns na cunntasan-bheachd nuair a choinneachas iad airson na co-labhairt aca an ath-bhliadhna.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.