³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Soraidh slàn Iain Gray

Niall O’Gallagher | 2011-09-26, 10:57

An-diugh thug Iain Gray an òraid mu dheireadh aige seachad aig co-labhairt a' phàrtaidh mar cheannard nan Làbarach anns a' Phàrlamaid Albannaich.

Tha e an dòchas gur e seo an turas mu dheireadh a chluinneas iad bho neach leis an tiotal sin.

A-raoir, bhòt am pàrtaidh gus barrachd saorsa a thoirt do na Làbaraich Albannach.

Bidh an duine a leanas Mgr Gray na cheannard - no na ceannard - air a' phàrtaidh Albannach air fad: buill-pàrlamaid Westminster, buill-pàrlamaid Eòrpach agus comhairlichean, chan ann dìreach air a' bhuidhinn aig Holyrood.

Nas cudromaiche fiù 's na sin, 's dòcha, bidh smachd aig a' cheannard ùr air goireasan agus ionmhas a' phàrtaidh, agus 's e - no 's i - a stiùireas iomairtean a' phàrtaidh aig àm an taghaidh.

Ach dè an diofar a nì seo? Am beachd Mhgr Gray nì e diofar mòr.

Cron

Anns a' chiad sheantans dhen òraid aige an-diugh, ghabh Iain Gray ris an dleastanas airson toradh uabhasach nan Làbarach aig an taghadh Albannach anns a' Chèitean.

Ach thuirt e gun d' rinn gainnead fèin-riaghlaidh anns a' phàrtaidh cron orra leis an luchd-bhòtaidh.

A-rèir Mhgr Gray, dh'fhàg seo gun robh e duilich dhaibh earbsa a thogail anns na polasaidhean agus na h-amasan aca airson Alba.

Chuir 93% de dhaoine taic ris a' phlana a bhitheas a' neàrtachadh a' cheannard Albannaich.

'S i a' cheist a tha againn a-nis, cò gheibh an dreuchd?

'MacBull'

Chleachd Mgr Gray an òraid aige gus ionnsaigh a thoirt air làimhseachadh na h-eaconamaidh leis an SNP.

An àite 'Plan MacB', thuirt Mgr Gray nach robh aig Ailig Salmond aig 'MacBull', ag ràdh gun robh am prìomh mhinistear a' dèanamh nas miosa fiù 's na bha Seòras Osborne mu dheas.

Chòrd sin gu leòr ris na daoine a bha an làthair.

Ach, 's e dreuchd nas motha a tha aig na Làbaraich an t-seachdain-sa èisteachd fhaighinn bhon mhòrshluagh air an eaconamaidh.

Tha Mgr Gray an dòchas gum bi structaran ùra a' phàrtaidh Albannaich nan cuideachaidh don ath cheannard sin a dhèanamh.

Bidh feum aca air gach uile cuideachadh a tha ri fhaotainn.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.