³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Bargan ùr bhon cheannard ùr

Niall O’Gallagher | 2011-09-27, 17:20

Cha robh tòrr de pholasaidh anns an òraid aig Ed Miliband ri co-labhairt nan Làbarach an-diugh.

Ach cha b' e sin an t-amas a bha aige.

Bliadhna o chaidh a thaghadh mar cheannard a' phàrtaidh, tha fios aig Mgr Miliband gu bheil aige fhathast ri cliù a thogail leis an luchd-bhòtaidh.

Tha na cunntasan-bheachd air sin a dhèanamh soilleir.

An-diugh bha cothrom eile aige a chur fhèin air beulaibh a' mhòrshluaigh agus innse dhaibh cò e.

Aig a' cheann thall, iarraidh e orra a dhèanamh na phrìomhaire.

Eachdraidh

Ach tha sin grunn bhliadhnaichean air falbh fhathast.

Dh'innis Mgr Miliband beagan mu eachdraidh a theaghlaich, a thàinig gu Breatainn agus iad a' teicheadh bho na Nàsaich.

Agus bhruidhinn e mu dheidhinn fhèin, ag ràdh nach robh e na Thony Blair no fiù 's na Ghòrdan Brown, ach na dhuine fhèin a dhèanadh cùisean air an dòigh aige fhèin.

An àite polasaidh, fhuair sinn feallsanachd bho Mhgr Miliband an-diugh.

Tha e dhen bheachd gun deach rudeigin ceàrr ann am Breatainn - chan ann on taghadh an uiridh, ach o chionn bhliadhnaichean.

Agus, gum bu chòir an eaconamaidh - agus a' coimhearsnachd - a ruith air dòigh eadar-dhealaichte.

'Bargain Ùr'

Mar phàirt dhen 'Bhargan Ùr' aige, dheigheadh siostam nan ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô a chleachdadh gus companaidhean matha a bhrosnachadh agus companaidhean dona - an fheadhainn a rinn prothaidean luatha gun ghnothach a ghabhail ri trèanadh no leasachadh - a pheanasachadh .

Aig a' cheart àm, thuirt Mgr Miliband gum bu chòir atharrachadh a dhèanamh air siostam nan sochairean sòisealta, agus taigheadas a thoirt do dhaoine le cliù mar nabaidhean matha air thoiseach air feadhainn a bha ri dol a-mach mì-shòisealta.

Chàin e daoine beàrtach agus bochda a ghabh brath air an t-siostam agus air na daoine anns a' mheadhan a bha ag obair gu cruaidh, a' dèanamh nan 'rudan ceart'.

'S i a' cheist a-nis ciamar a bhiodh na gnìomhan sin ag obair - ach bidh sinn a' feitheamh greis fhathast airson na freagairt.

Chaidh magadh air Tony Blair nuair a rinn Ed Miliband iomradh air an-diugh, a' sealltainn - 's dòcha - gu bheil na Làbaraich airson gluasad air adhart bho linn an t-seann phrìomhaire.

Ach bha Mgr Blair math air taghaidhean a bhuannachadh. Chan eil fios aca fhathast am bi Mgr Miliband comasach sin a dhèanamh cuideachd.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.