˿

Air feadh an t-saoghail, tha luchd-saidheans ag obair air dòighean ùra air lùth a chleachdadh bho bhunan ath-nuadhachail nach adhbharaich atharrachadh sa ghnàth-shìde no nach mill an àrainneachd.

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • An diofar eadar bunan-lùtha ath-nuadhachail agus neo-ath-nuadhachail
  • Carson a dh'fheumas sinn seòrsaichean ùra de lùth ath-nuadhachail
  • Cuid dhe na beachdan a tha gan leasachadh mu lùth ùr ath-nuadhachail
  • Na buannachdan agus na h-eas-bhuannachdan aig lùth ùr ath-nuadhachail

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd ann an Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre dhen Churraicealam airson Sàr-mhathas).

Back to top

Dè th' ann an lùthan ùra ath-nuadhachail?

Tha lùth an t-saoghail a' tighinn bho dhà phrìomh sheòrsa – ath-nuadhachail agus neo-ath-nuadhachail.

  • Tha lùthan ath-nuadhachail a' tighinn bho bhunan-lùtha a ghabhas cleachdadh a-rithist agus a-rithist agus nach teirig gu bràth. Mar eisimpleir, lùth na gaoithe, lùth na grèine no lùth an làin.

  • Tha an fheadhainn neo-ath-nuadhachail a' tighinn bho bhunan-lùtha a theirigeas uaireigin – mar na connaidhean-fosail no lùth niùclasach.

Tha targaidean aig mòran riaghaltasan airson cleachdadh lùth neo-ath-nuadhachail a lùghdachadh, gu h-àraidh connaidhean-fosail a tha nan adhbhar air teasachadh na cruinne.

Tha cuid de lùthan ath-nuadhachail air a bhith gan cleachdadh o chionn bhliadhnaichean, mar lùth na gaoithe, dealan-uisge agus lùth geo-thearmach. Ach tha luchd-saidheans an-còmhnaidh a' coimhead airson dhòighean a bheir leasachadh air mar a tha iad sin ag obrachadh, agus tha iad airson dòighean ùra, inntinneach a lorg airson diofar bhunan-lùtha a chleachdadh.

Image caption,
Tha targaid aig Riaghaltas na h-Alba airson gum bi 50% de lùth Alba airson teas, còmhdhail agus dealan a' tighinn bho bhunan-lùtha ath-nuadhachail ron bhliadhna 2030. (Iain Masterton / Alamy Stock Photo)

Foto-cho-chur agus lusan air an dèanamh le daoine

Image caption,
'S ann le foto-cho-chur a bhios lusan uaine a' sùghadh agus a' stòradh lùth bho sholas na grèine. Tha luchd-saidheans a' feuchainn ri dòighean a leasachadh air foto-cho-chur a chleachdadh airson connadh lionnach a chruthachadh. (Bill Brooks / Alamy Stock Photo)

'S e am pròiseas a bhios a' leigeil le lusan fàs.

Tha e a' ciallachadh gum bi lusan ag atharrachadh lùth na grèine gu lùth ceimigeach, a' sùghadh a-steach carbon dà-ogsaid agus a' leigeil a-mach ogsaidean mar a tha iad ga dhèanamh.

Tha foto-cho-chur math dhan àrainneachd oir bidh e a' toirt air falbh carbon dà-ogsaid, fear dhe na prìomh .

Tha luchd-saidheans a' coimhead an gabh lusan ròbot a dhèanamh a dh'fhaodadh am pròiseas foto-cho-chuir a chopaigeadh. An àite an lùth a chleachdadh airson fàs, dheigheadh an cleachdadh airson connaidhean ceimigeach a dhèanamh. Dh'fhaodadh iad cuideachd pàirt dhen charbon dà-ogsaid a thoirt às an àile.

Image caption,
'S ann le foto-cho-chur a bhios lusan uaine a' sùghadh agus a' stòradh lùth bho sholas na grèine. Tha luchd-saidheans a' feuchainn ri dòighean a leasachadh air foto-cho-chur a chleachdadh airson connadh lionnach a chruthachadh. (Bill Brooks / Alamy Stock Photo)

Lùth neartaichte na grèine

Image caption,
Tha lùth neartaichte na grèine na eisimpleir air mar a ghabhas teicneòlas ùr a leasachadh bho bhunan-lùtha ath-nuadhachail a th' ann mar-thà. (Xinhua / Alamy Stock Photo)

Bidh lùth neartaichte na grèine cuideachd a' cleachdadh lùth na grèine.

Ann an àitichean a tha uabhasach teth, mar na fàsaichean, tha an t-uabhas phanailean sgàthain air an cur suas aig diofar cheàrnan airson solas agus teas na grèine ath-thilgeil gu mullach tùir.

Tha anns an tùr a tha air a chleachdadh airson lùth teas aiseag gu goileadair. Bidh an goileadair a' dèanamh stioma a bhios a' tionndadh agus a' gintinn dealan.

Bidh an siostam seo a' stòradh lùth airson gun cùm e ag obrachadh treis ma thig sgòthan dhan adhar no nuair a thèid a' ghrian fodha.

Image caption,
Tha lùth neartaichte na grèine na eisimpleir air mar a ghabhas teicneòlas ùr a leasachadh bho bhunan-lùtha ath-nuadhachail a th' ann mar-thà. (Xinhua / Alamy Stock Photo)

Cumhachd mùin

Image caption,
Dh'fhaodadh fiù 's mùn ar cuideachadh gu bhith a' gintinn dealan ann an dòigh ath-nuadhachail. (Arletta Cwalina / Alamy Stock Photo)

Tha luchd-saidheans ag obair air ceallan connaidh a leasachadh a bhios a' ruith air sgudal dhaoine, gu h-àraidh mùn.

Bidh bacteria anns a' chealla-connaidh a' faighinn biathadh bhon sgudal cheimigean anns a' mhùn. Gabhaidh an sgudal a nì na bacteria a chleachdadh airson dealan a ghintinn, dìreach mar na ceimigean ann am bataraidh.

Fhad 's a chumar mùn riutha, cumaidh na bacteria orra a' dèanamh bhacteria ùra agus a' gintinn dealan.

Image caption,
Dh'fhaodadh fiù 's mùn ar cuideachadh gu bhith a' gintinn dealan ann an dòigh ath-nuadhachail. (Arletta Cwalina / Alamy Stock Photo)

Carson a dh'fheumas sinn bunan-lùtha ùra ath-nuadhachail?

  • Bidh mòran dhe na dùthchannan as beairtiche air an t-saoghal a' ceannach tòrr de chonnaidhean-fosail agus de bhunan-lùtha an t-saoghail. Faodaidh seo a bhith na eas-bhuannachd do dhùthchannan nas bochda.

  • Tha mòran dhùthchannan bochda agus sgìrean dùthchail aig nach eil airson dealan no lùth eile a thoirt do dhaoine. Tha 740 millean neach air an t-saoghal beò gun dealan.

  • Tha diofar bhunan-lùtha ath-nuadhachail ag obrachadh ann an diofar sheòrsaichean sìde agus ann an suidheachaidhean eile. 'S dòcha gun cuidicheadh leasachadh sheòrsaichean ùra de lùth ath-nuadhachail barrachd dhùthchannan air an t-saoghal gu bhith a' gintinn dealan ann an diofar dhòighean. Bheireadh seo 's dòcha cothrom air dealan do bharrachd dhaoine.

  • Thàinig 94.7% de dhealan Alba ann an 2020 bho lùth ath-nuadhachail, ach tha sinn fhathast a' cleachdadh tòrr gas airson dachaighean a theasachadh agus peatroil agus dìosail do chàraichean agus do chòmhdhail. Nan lorgamaid stòran ùra de lùth ath-nuadhachail, 's dòcha gum faodadh iad sin a dhol nan àite, agus cuideachd obraichean a chruthachadh do dhaoine.

Buannachdan agus eas-bhuannachdan lùth ùr ath-nuadhachail

Buannachdan

  • Cha bhi cleachdadh bhunan-lùtha ath-nuadhachail a' cur uiread ri atharrachadh na gnàth-shìde agus tha iad nas fheàrr dhan àrainneachd.

  • Le bhith a' feuchainn a-mach lùth ùr ath-nuadhachail 's dòcha gun cuidich e sinn gu bhith a' gluasad gu bhith a' gintinn an lùth againn gu lèir bho bhunan ath-nuadhachail.

  • Dh'fhaodadh gun cuidich lùth ùr ath-nuadhachail sinn a' fuasgladh dhuilgheadasan mu stòradh lùth no gintinn dealain nuair nach eil an t-sìde freagarrach airson gun obraich lùth-gaoithe, lùth-grèine no lùth-thonnan.

Eas-bhuannachdan

  • Cha deach lùthan ùra ath-nuadhachail buileach a leasachadh fhathast agus tha tòrr ri dhèanamh mus coinnich iad ri iarraidh an t-saoghail airson dealan.

  • Tha cuid de sheòrsaichean lùth ath-nuadhachail nach eil earbsach agus tha iad an urra ri suidheachaidhean àraidh, mar solas na grèine no a' ghaoth.

  • Faodaidh e a bhith cosgail beachdan ùra a leasachadh agus 's dòcha nach obraich a h-uile beachd.

Back to top

lùth glan – Lùth a tha air a ghintinn bho bhunan-lùtha ath-nuadhachail agus nach bi a' leigeil eimiseanan mu sgaoil a nì cron air an àrainneachd.

connaidhean-fosail - Connadh a tha a' tighinn às an Talamh. 'S e seann rudan a bha beò uaireigin agus a tha air lobhadh agus air dlùthadh thar ùine mhòr fon talamh no fon mhuir a th' ann an connaidhean-fosail. Tha gual, ola agus gas nan connaidhean-fosail.

foto-cho-chur – Am pròiseas tro bheil lusan uaine a' dèanamh biadh dhaibh fhèin bho sholas na grèine, uisge agus carbon dà-ogsaid.

lùth ceimigeach – Tha a h-uile stuth air a dhèanamh à ceimigean. Faodaidh an dòigh sa bheil iad air an ceangal ri chèile lùth a stòradh. Canar lùth ceimigeach ris a seo. Faodaidh an lùth seo a dhol mu sgaoil nuair a thachras iom-obrachadh ceimigeach, mar eisimpleir nuair a tha connaidhean air an losgadh.

carbon dà-ogsaid – Gas, sa chruth as cumanta aige, a gheibhear ann an àile na Talmhainn. 'S e gas taigh-glainne a th' ann agus faodaidh e cron a dhèanamh air an àrainneachd bhon a bhios e a' cur ri blàthachadh na cruinne.

tuirbin – Tha cas air tuirbin sìmplidh agus sgiathan a bhios ag atharrachadh gluasad gu lùth. 'S àbhaist gum bi uisge no èadhar a' putadh nan sgiathan agus a' tionndadh na coise. Tha tuirbinean air an cleachdadh gus gineadair a thionndadh.

gineadair - Inneal airson dealan a dhèanamh. Nuair a thèid ceann a' ghineadair a thionndadh, tha an lùth seo air atharrachadh gu lùth dealain.

atharrachadh na gnàth-shìde - An t-atharrachadh san t-sìde àbhaistich (teòthachd, gaoth, uisge, msaa) air an Talamh thar ùine mhòr. Tha a' ghnàth-shìde air a bhith ag atharrachadh riamh ann an eachdraidh na Talmhainn, ach tha atharrachadh na gnàth-shìde san latha an-diugh a-mach air àrdachadh san teòthachd chruinneil.

blàthachadh na cruinne – An t-àrdachadh ann an teòthachd chuibheasach na Talmhainn air sgàth gasaichean taigh-glainne a' dol mu sgaoil san àrainneachd nuair a loisgeas daoine connaidhean-fosail.

Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Ceistean

Back to top

ù

Dealbhaich dòigh ùr air dealan a ghintinn a' cleachdadh thuirbinean agus lùth cineataigeach

Tha a' chuid as motha de sheòrsaichean lùth ath-nuadhachail a' cleachdadh lùth cineataigeach airson tuirbin agus gineadair a thionndadh airson dealan a ghintinn. An smaoinich thu air beachd ùr a chleachdas an lùth cineataigeach aig rudeigin airson tuirbin a thionndadh?

Mar eisimpleir, le gaoth, bidh lùth cineataigeach na gaoithe a' tionndadh sgiathan muilinn-ghaoithe, a bhios a' tionndadh tuirbin. A thaobh na mara, bidh lùth cineataigeach an uisge a tha ri gluasad a' tionndadh thuirbinean.

Dèan dealbh dhen bheachd agad, a' smaoineachadh gu math mu dheidhinn:

  • Bun an lùth chineataigich
  • Na diofar phàirtean de dh'uidheamachd air am biodh feum (me, tuirbin agus gineadair)
  • Cho earbsach 's a tha am bun-lùtha
Back to top

More on Bunan lùtha is seasmhachd

Find out more by working through a topic