˿

'S e seòrsa de lùth ath-nuadhachail a th' ann am bith-thomad a bhios a' cleachdadh stuth organach ("rudan beò") airson connadh a dhèanamh no airson dealan a ghintinn.

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Dè th' ann am bith-thomad
  • Diofar dhòighean air lùth bho bhith-thomad a chleachdadh
  • Diofar bhunan bith-thomaid
  • Buannachdan agus eas-bhuannachdan bith-thomaid

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd ann an Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre dhen Churraicealam airson Sàr-mhathas).

Back to top

Carson a tha lùth bith-thomaid feumail?

Tha a' cleachdadh sgudal bho bheathaichean no lusan a ghabhas atharrachadh gu lùth. Tha stuth lusan, sgudal bìdh agus salachar dhaoine is bheathaichean nan eisimpleirean de bhith-thomad. Faodaidh gas a bhith ann am bith-thomad, faodaidh à𲹻 a bhith às agus nuair a loisgeas sinn bith-thomad bidh ceò às.

Tha trì dòighean ann air lùth bith-thomaid a chleachdadh:

  • Losgadh (leithid fiodh a losgadh)
  • Lobhadh (nuair a bhios biadh agus cuid de sheòrsaichean fiodh a' lobhadh, bidh iad a' leigeil gas meatan mu sgaoil a ghabhas a chleachdadh mar chonnadh)
  • Bàrr fhàs mar bhun airson bith-chonnadh

Tha an lùth gu lèir ann am bith-thomad a' tighinn bhon aon bhun: a' Ghrian.

Tha bith-chonnadh air a dhèanamh bho rudan beò.

Bidh a h-uile rud beò a' à agus a' faighinn lùth bhon Ghrèin. Bidh lusan a' faighinn lùth gu dìreach bho sholas na grèine. Bidh beathaichean a' faighinn lùth bho bhith ag ithe lusan.

Bidh iad uile a' stòradh an lùth seo mar . Bidh lùth bith-thomaid a' leigeil an lùth cheimigich seo mu sgaoil airson gun gabh atharrachadh gu lùth teas a ghabhas a chleachdadh, lùth cineataigeach no lùth dealain.

Seòrsaichean bith-thomaid

Image caption,
Stèisean bith-chonnaidh air a theasachadh le fiodh ann an Locarbaidh, Alba (MediaWorldImages / Alamy Stock Photo)

A' cleachdadh lusan

Faodaidh sinn craobhan agus fiodh a losgadh airson an lùth a thig asta.

Canaidh cuid nach e deagh bheachd a tha seo oir tha e millteach agus a' dèanamh truailleadh èadhar.

Nuair a thèid fiodh a losgadh, cha tèid mu sgaoil dhan àile de charbon ach an aon uiread 's a ù a' chraobh nuair a bha i a' à.

Ma chuireas sinn craobhan ùra, ù󲹾 iad caran mun aon uiread de charbon 's a leigeas craobhan a' losgadh mu sgaoil ach 's dòcha gun toir seo iomadh bliadhna.

Ma thèid an carbon a thèid mu sgaoil agus an carbon a thèid a ùadh a chothromachadh, canar gu bheil e carbon-neodrach. Le gun a bhith a' losgadh bhunan lùth neo-ath-nuadhachail, mar gual no gas no craobhan nach tèid an cur a-rithist, tha sinn a' feuchainn ri bhith a' sàbhaladh air eimiseanan carbon.

'S e cuairt a tha seo as urrainn dhuinn a chumail a' dol agus a' dol, a' ciallachadh thar ùine mhòr gum faod am pròiseas mar sin a bhith .

Feumaidh sinn smaoineachadh cuideachd mu bhuaidh leagail chraobhan air an àrainneachd ionadail aca. Tha craobhan nan dachaigh do dh'fhiadh-bheatha a th' air a chall ma thèid an toirt air falbh. Cumaidh craobhan a th' air am fàgail a' à nas fhaide orra a' sùghadh carbon. Agus nuair a bhàsaicheas craobhan gu nàdarra bidh iad a' lobhadh agus cuideachaidh am mathachaidh a th' annta an ùir a chumail fallain gus am à lusan eile.

Bidh sinn cuideachd ag atharrachadh bharran gu bhith nam bith-chonnadh a tha na lionn. Mar eisimpleir, faodar ٳ-ìDz a dhèanamh bho chuilc siùcair agus a chleachdadh mar chonnadh chàraichean an àite dìosail bho ola.

Gabhaidh seòrsa de dh'alcol, ris an canar eatanol, a dhèanamh bho arbhar agus a chleachdadh mar bhith-chonnadh do charbadan.

Image caption,
Stèisean bith-chonnaidh air a theasachadh le fiodh ann an Locarbaidh, Alba (MediaWorldImages / Alamy Stock Photo)

Image caption,
Faodaidh sgaradh a dhèanamh air sgudal bìdh cuideachadh ann a bhith a' gintinn lùth (Kay Roxby / Alamy Stock Photo)

Sgudal bìdh

Tha bionaichean airson sgudal bìdh aig a' mhòr-chuid de dhachaighean agus de sgoiltean airson corran bìdh agus sgudal bìdh a chruinneachadh.

Tha e air a thogail agus air a thoirt gu ionad-ath-chuairteachaidh far am bi e air a ghiullachd ann an tanca-lobhaidh, cnàmhadair anaerobach.

Mar a bhios am biadh a' lobhadh, bidh e a' dèanamh gas nàdarra. Bidh seo air a ghlacadh agus air a chleachdadh airson teas agus dealan a ghintinn.

Faodaidh sinn a bhith nar saoranaich chunntasach agus ar cuid a dhèanamh do Planaid na Talmhainn le bhith ag ath-chuairteachadh an sgudal bìdh againn.

Image caption,
Faodaidh sgaradh a dhèanamh air sgudal bìdh cuideachadh ann a bhith a' gintinn lùth (Kay Roxby / Alamy Stock Photo)

Image caption,
Peileidean bith-thomaid air an dèanamh bho òtrachas (REUTERS / Alamy Stock Photo)

Salachar dhaoine is bheathaichean

Tha - sgudal dhaoine is bheathaichean - na sheòrsa eile de lùth bith-chonnaidh.

Tha òtrachas air a ghiullachd, agus tha sin a' ciallachadh gu bheil an t-uisge air a sgaradh is air a ghlanadh, a' fàgail tòrr ghiodar donn.

Tha seo air a ghiullachd agus air a dhèanamh na pheileidean tioram a ghabhas losgadh an àite gual no gas.

Le gun a bhith a' losgadh bhunan lùth neo-ath-nuadhachail, mar gual no gas, tha sinn a' sàbhaladh air .

Image caption,
Peileidean bith-thomaid air an dèanamh bho òtrachas (REUTERS / Alamy Stock Photo)

Feuman lùth bith-thomaid

Gabhaidh lùth bith-thomaid a chleachdadh ann an diofar dhòighean. Seo eisimpleirean:

  • Connadh ann an cruth lionn do charbadan

  • Dealan do dhachaighean agus do thogalaichean

  • Teasachadh uisge

  • Ann an cuid de dhùthchannan fo leasachadh, tha lùth bith-thomaid mar gual-fhiodha air a chleachdadh mar bhun lùth cudromach airson còcaireachd agus teasachadh

Image caption,
Faodar bith-chonnadh a chleachdadh mar chumhachd do charbadan (Jason Bye / Alamy Stock Photo)

Buannachdan agus eas-bhuannachdan bith-thomaid

Buannachdan

  • Cruthaichidh e connadh airson iomadh feum, chan e a-mhàin dealan.

  • Tha e , oir bidh barran agus lusan a' cumail orra a' à (ma chuireas sinn feadhainn eile nan àite) agus cumaidh daoine agus beathaichean orra a' dèanamh salachar.

  • Tha e a' cleachdadh an t-salachair againne airson lùth a ghintinn. Tha seo a' ciallachadh gun gabh an salachar againn a chur gu deagh fheum.

Eas-bhuannachdan

  • Tha e a' toirt suas tòrr fearainn airson craobhan agus barran gu leòr fhàs gus lùth feumail a ghintinn. Faodaidh seo ù do dh'àrainnean bheathaichean is dhaoine a lùghdachadh.

  • Ann an cuid de dhùthchannan, tha teaghlaichean air an dachaighean a chall oir chaidh an fhearann aca a gabhail a-null airson barran fhàs.

  • Tha àrainnean mar seann choilltean air am milleadh nuair thèid craobhan an leagail agus bith-thomad a dhèanamh dhiubh airson losgadh.

  • Chan eil e fhathast math dhan àrainneachd a bhith a' losgadh bhith-chonnaidhean oir bidh iad a' leigeil carbon dà-ogsaid agus gasaichean cronail eile mu sgaoil dhan àile.

  • Tha losgadh fiodh de sheòrsa sam bith a leigeil truailleadh èadhair mu sgaoil (ceò agus dust). Tha seo dona dhar slàinte, (gu h-àraid do dhaoine air a bheil an sac no tinneas-cridhe). Tha e cuideachd dona do shlàinte bheathaichean.

  • Faodaidh à𲹻 a bhith às. Sin eas-bhuannachd, gu h-àraidh ma tha thu a' fuireach faisg air ionad ath-chuairteachaidh no ionad-leasachaidh òtrachais!

Back to top

bith-thomad – Bun lùth cudromach a bhios air atharrachadh bho stuthan air an dèanamh bho lusan 's bho bheathaichean.

stuth organach – An sgudal bho bheathaichean is bho lusan beò a tha air tòiseachadh a' briseadh sìos agus a' lobhadh.

eimiseanan carbon – Carbon air a leigeil mu sgaoil a dh'àile na Talmhainn, a tha a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde.

carbon dà-ogsaid - 'S e gas carbon dà-ogsaid a th' ann am mu thrì chairteil de dh'eimiseanan carbon. Faodaidh seo fuireach san àile airson còrr is ceud bliadhna.

meatan - 'S e gas meatan a th' ann am mun chòigeamh cuid de dh'eimiseanan carbon. Bidh meatan a' fuireach san àile airson timcheall air deich bliadhna.

carbon-neodrach – Seo nuair a bhios an aon uiread de charbon ga leigeil mu sgaoil dhan àile 's a bhios de charbon air a ùadh bhon àile.

truailleadh èadhair - Gasaichean agus mìrean, (a leithid dust no ceò) san èadhair a dh'fhaodas an àrainneachd, lusan, beathaichean agus slàinte dhaoine a mhilleadh.

bith-chonnadh – Connadh bho bhith-thomad a ghabhas a chleachdadh gus taighean a theasachadh agus mar chumhachd do chàraichean. Ann an cuid de dhùthchannan fo leasachadh, tha bith-chonnadh cuideachd air a chleachdadh airson còcaireachd. Faodaidh bith-chonnadh a bhith na sholad, na lionn no na ghas.

eatanol – Connadh air a dhèanamh bho bharran agus a ghabhas a losgadh no a chleachdadh mar chonnadh do chàraichean agus seòrsaichean eile de dh'einnseanan.

cnàmhadair anaerobach – Nuair a dh'ath-chuairticheas sinn an sgudal bìdh againn, bidh cuid dheth air a thoirt gu ionad-ath-chuairteachaidh agus air a chur ann an tanca-lobhaidh - cnàmhadair anaerobach. Tha am pròiseas seo a' leigeil le sgudal bìdh agus agus sgudal eile lobhadh agus briseadh sìos gus bith-ghas a chruthachadh, a ghabhas a chleachdadh airson teas agus dealan a ghintinn.

òtrachas amh – 'S e salachar dhaoine an salachar a bhios ar bodhaig a' dèanamh mar phàirt de chnàmh a' bhìdh. Gabhaidh a ghiullachd agus a chleachdadh mar bhun lùth.

Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Ceistean

Back to top

ù

Mus ath-chuairtich thu an sgudal bìdh, tomhas gach pocan de sgudal bìdh a bhios tu fhèin agus do theaghlach a' dèanamh.

  • Cleachd meidh airson faighinn a-mach cia mheud cileagram de sgudal bìdh a bhios sibh a' cur dhan Ionad-ath-chuairteachaidh agus cuir ris fad seachdain.

  • Cuimhnich gun iarr thu cead agus cuideachadh do phàrantan nuair a bhios tu a' cleachdadh meidh agus a' làimhseachadh phocain de sgudal bìdh.

ù a bharrachd?

Clàraich am fiosrachadh seo thar 4 seachdainean.

A bheil seachdainean ann nuair a bhios barrachd no nas lugha de sgudal agaibh na feadhainn eile?

Le bhith ag ath-chuairteachadh ar bìdh, bidh sinn a' cuideachadh na h-àrainneachd ann an iomadh dòigh.

Tha e nas fheàrr buileach ma chleachdas tu barrachd den bhìdh 's nach bi uiread de chaitheamh ann.

An smaoinich thu air dòighean airson caitheamh bìdh an teaghlaich agad a lùghdachadh?

Back to top

More on Bunan lùtha is seasmhachd

Find out more by working through a topic