˿

Faodaidh lùth niùclasach bho am broinn ataman a bhith air a chleachdadh airson uireadan mòra de dhealan a ghintinn.

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Cò às a tha lùth niùclasach a' tighinn
  • Dè bhios a' tachairt ann an stèisean cumhachd niùclasach
  • Dè th' ann an rèididheachd niùclasach
  • Na buannachdan agus na h-eas-bhuannachdan aig lùth niùclasach

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd ann an Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre dhen Churraicealam airson Sàr-mhathas).

Back to top

Dè th' ann an lùth niùclasach?

Tha a h-uile càil sa chruinn-cè air a dhèanamh à . Aig meadhan gach atam tha agus tha seo air a chumail ri chèile le tòrr lùth.

Canar lùth niùclasach ris a seo.

A' cleachdadh lùth niùclasach

Tha cuid de stuthan, mar uranium, nach eil stèidheil. Tha sin a' ciallachadh gu bheil e nas fhasa na h-ataman aca a sgaradh bho chèile.

Tha slatan uranium air an cleachdadh mar ann an stèisean cumhachd niùclasach.

Bidh mìr beag, bìodach ris an canar niutron ga losgadh air an uranium. Bidh seo a' sgaradh fear dhe na h-ataman uranium às a chèile.

Bidh an t-atam a' sgaradh na ataman nas lugha agus a' leigeil barrachd niutronan mu sgaoil. Bidh na niutronan seo a' bualadh ann an ataman eile agus gan sgaradh. Mar sin a h-uile turas a sgaras atam, bidh e a’ toirt air ataman eile sgaradh. Canar iom-obrachadh sèine ris a seo.

Bidh sgaradh nan ataman a' leigeil lùth mu sgaoil mar theas. Bidh an teas ga chleachdadh airson uisge a thionndadh na stiom.

Nuair a tha an stiom a' gluasad, tha e air a chleachdadh airson a thionndadh. Bidh iad sin a' tionndadh a bhios a' dèanamh dealan.

Image caption,
'S e stèisean cumhachd niùclasach a th' ann an Tòrr an Eas air costa Lodainn an Ear, Alba, 33 mìltean an ear air Dùn Èideann. Tha comas aige cumhachd a thoirt do chòrr is 2 mhillean dachaigh san RA. (Iain Masterton / Alamy Stock Photo)

Cunnartan lùth niùclasach

Image caption,
Ann an 2011, chaidh Stèisean Cumhachd Niùclasach Fukushima a mhilleadh le crith-thalmhainn agus tsunami, a' leigeil rèididheachd niùclasach cunnartach mu sgaoil. Bha aig daoine ri aodach dìon a chur orra agus an dachaighean fhàgail. (Robert Gilhooly / Alamy Stock Photo)

Tha sgaradh ataman uranium a' leigeil mu sgaoil.

Tha rèididheachd niùclasach mun cuairt oirnn anns gach àite. Bidh e a' tighinn thugainn à fànas, creagan, lusan agus beathaichean. Bidh sinn fhèin fiù 's a' leigeil a-mach rèididheachd.

Faodaidh uireadan mòra de rèididheachd a bhith uabhasach cunnartach do nithean beò, daoine nam measg. San àm a dh'fhalbh, bha trioblaidean mòra an lùib thubaistean aig stèiseanan lùth niùclasach.

Ann an 1986 san Ugràin, dhìobair a' chumhachd ann an stèisean cumhachd niùclasach Chernobyl. Bha sin a' ciallachadh gun deach an t-iom-obrachadh sèine bho rian, ag adhbharachadh spreadhaidhean.

Ann an 2011 dh'adhbharaich agus spreadhaidhean agus iom-obrachaidhean niùclasach nach robh sàbhailte ann an stèisean cumhachd niùclasach Fukushima ann a' Iapan.

San dà shuidheachadh sin, chaidh tòrr rèidhidheachd mu sgaoil san t-saoghal agus rinn e cron air daoine a bha a' fuireach agus ag obair mun cuairt. Sgaoil rèididheachd à Chernobyl fad nam mìltean mhìltean mun cuairt - agus ràinig e fiù 's Alba.

Image caption,
Ann an 2011, chaidh Stèisean Cumhachd Niùclasach Fukushima a mhilleadh le crith-thalmhainn agus tsunami, a' leigeil rèididheachd niùclasach cunnartach mu sgaoil. Bha aig daoine ri aodach dìon a chur orra agus an dachaighean fhàgail. (Robert Gilhooly / Alamy Stock Photo)

Sgudal niùclasach

Image caption,
Tha gintinn dealain a' cleachdadh lùth niùclasach a' cruthachadh sgudal niùclasach. Tha an sgudal seo rèidio-beò agus bidh pàirt dheth fhathast cunnartach do nithean beò an ceann nam mìltean bhliadhnaichean. Feumaidh e bhith air a stòradh agus air cur às dha gu cùramach ann an dòigh shàbhailte. (dpa picture alliance / Alamy Stock Photo)

Cho math ri bhith a' gintinn dealan, tha stèiseanan cumhachd niùclasach a' cruthachadh sgudal rèidio-beò, niùclasach. Tha seo cunnartach do dhaoine agus dona dhan àrainneachd, do bheathaichean, solar uisge agus lusan. Tha pàirt dhen sgudal niùclasach cho cunnartach 's gu bheil e air a thiodhlacadh shìos domhainn fon talamh ann an stòran le seulachadh sònraichte.

Tha an dòigh a tha sinn a' coimhead às dèidh sgudal niùclasach cudromach oir faodaidh e bhith cunnartach fad mhìltean bhliadhnaichean.

Image caption,
Tha gintinn dealain a' cleachdadh lùth niùclasach a' cruthachadh sgudal niùclasach. Tha an sgudal seo rèidio-beò agus bidh pàirt dheth fhathast cunnartach do nithean beò an ceann nam mìltean bhliadhnaichean. Feumaidh e bhith air a stòradh agus air cur às dha gu cùramach ann an dòigh shàbhailte. (dpa picture alliance / Alamy Stock Photo)

Buannachdan agus eas-bhuannachdan lùth niùclasach

Buannachdan

  • Bidh lùth niùclasach a' toirt dhuinn dealan gun a bhith a' leigeil ghasaichean taigh-glainne mu sgaoil no ag adhbharachadh truailleadh.

  • Tha lùth niùclasach earbsach agus a' gintinn dealan aig àm sam bith dhen latha agus ge bith ciamar a tha an t-sìde.

  • Bidh stèiseanan lùth niùclasach a' gintinn dealan saor aon uair 's gu bheil iad a' ruith.

Eas-bhuannachdan

  • Chan eil lùth niùclasach ath-nuadhachail. Tha uranium air a mhèinneadh bhon talamh agus teirigidh e.

  • Tha an rèididheachd a bhios uranium a' dèanamh cunnartach agus feumar smachd cùramach a chumail air iom-obrachaidhean niùclasach. Mar sin tha e uabhasach cosgail stèisean lùth niùclasach a thogail.

  • Tha an sgudal niùclasach bho uranium togsaigeach agus bidh e fhathast cunnartach an ceann nam mìltean bhliadhnaichean.

Back to top

ataman – Mìrean beaga, bìodach bho bheil a h-uile càil sa chruinne-cè - thu fhèin cuideachd, air a dhèanamh. Tha diofar ataman a' dèanamh suas diofar stuthan, ris an canar eileamaidean.

uranium – Eileamaid cheimigeach a th' air a cleachdadh mar chonnadh ann an stèisean cumhachd niùclasach.

rèididheachd niùclasach – Lùth agus mìrean gan cur a-mach nuair a tha nucleus atam a' sgaradh.

stèisean cumhachd niùclasach – Seòrsa de stèisean cumhachd a bhios a' gintinn dealan le teas bho iom-obrachaidhean niùclasach.

tuirbin – Tha crann agus lannan air tuirbin a bhios ag atharrachadh gluasad gu lùth. Bidh stiom a' putadh nan lannan agus a' tionndadh a' chroinn, a tha ceangailte ri gineadair. Bidh ceann a' ghineadair a' tionndadh airson dealan a ghintinn.

gineadair – Uidheam a th' air a chleachdadh airson dealan a dhèanamh. Nuair a thionndaidheas ceann a' ghineadair, thèid an lùth seo atharrachadh gu lùth dealain.

sgudal niùclasach – An sgudal a tha air a chruthachadh tron phròiseas a bhios a' dèanamh lùth niùclasach. Tha cuid dhen sgudal niùclasach uabhasach rèidio-beò agus feumaidh e bhith air a stòradh agus air cur às dha gu cùramach.

Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Ceistean

Back to top

ù

Dèan bileag

Smaoinich gu bheil stèisean cumhachd niùclasach ga thogail san sgìre ionadail agad.

Am biodh tu airson no an aghaidh seo? Dèan suas bileag ag innse do bheachd agus a' feuchainn ri toirt air daoine eile aontachadh riut. Beachdaich air na cuspairean mun cuairt air buannachdan agus eas-bhuannachdan, agus gach buaidh air an sgìre ionadail agad.

Back to top

More on Bunan lùtha is seasmhachd

Find out more by working through a topic