˿

'S e lùth ath-nuadhachail a th' ann an lùth an à agus tha e a' faighinn cumhachd bho ghluasad na mara nuair a bhios sin ag èirigh agus a' tuiteam.

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Dè tha ag adhbharachadh nan à
  • Mar a tha à gan cleachdadh airson dealan a ghintinn
  • Far a bheil tuirbinean à ag obrachadh nas fheàrr
  • Buannachdan agus eas-bhuannachdan lùth an à

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd ann an Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre dhen Churraicealam airson Sàr-mhathas).

Back to top

Dè bhios ag adhbharachadh à?

Image caption,
'S e na à ìrean uachdar na mara ag èirigh agus a' tuiteam agus air an adhbharachadh le tarraing grabhataidh na gealaich. Bidh an t-atharrachadh eadar làn àrd agus làn ìseal a' tachairt dà thuras san latha.

Tha anns a' chuan air an adhbharachadh le na gealaich a' tarraing na Talmhainn ga h-ionnsaigh.

Far am bi cuantan a' coimhead ris a' ghealaich, 's ann as motha a tha an t-uisge air a tharraing agus bidh e a' cruinneachadh na chnap. Seo làn àrd. Tha an Talamh air a tharraing a dh'ionnsaigh na gealaich barrachd na tha an cuan air taobh eile na planaid. Tha seo ag adhbharachadh làn àrd eile.

Mar a bhios a' ghealach a' gluasad mun cuairt na planaid, bidh na à seo a' gluasad còmhla rithe, ag adhbharachadh dà làn àrd agus dà làn ìseal gach latha. Tha tòrr aig an uisge a tha a' gluasad agus gabhaidh a chleachdadh airson dealan a ghintinn.

Image caption,
'S e na à ìrean uachdar na mara ag èirigh agus a' tuiteam agus air an adhbharachadh le tarraing grabhataidh na gealaich. Bidh an t-atharrachadh eadar làn àrd agus làn ìseal a' tachairt dà thuras san latha.

Grabhataidh sa chruinne-cè againn

'S e grabhataidh am forsa a bhios a' tarraing nithean a dh'ionnsaigh a chèile. Tha grabhataidh na Talmhainn beagan coltach ri magnait a bhios a' cumail ar casan air an talamh. 'S e cuideachd an t-adhbhar nach bi sinn a' seòladh air falbh dhan fhànas nuair a leumas sinn.

'S e forsa gu math lag a th' ann do nithean beaga, ach bidh e a' fàs nas làidire do nithean mòra. Cha bhi sinn a' mothachadh ach dhan ghrabhataidh aig nithean mòra, mòra mar an Talamh, a' ghealach, a' Ghrian no reultan agus planaidean eile.

'S e forsa cudromach a th' ann an grabhataidh ann an crios na grèine agus sa chruinne-cè. 'S e a' Ghrian an nì as motha anns a' chrios-grèine againn, agus 's ann aice a tha an grabhataidh, no an iom-tharraing, as làidire. Tha seo a' cumail nam planaidean gu lèir anns an reul-chuairt aca mu chuairt na Grèine.

Tha a' ghealach gu math nas lugha na a' Ghrian. 'S e an t-adhbhar gu bheil an grabhataidh aice làidir gu leòr airson à adhbharachadh gu bheil a' ghealach mu 400 turas nas fhaisge oirnn na a' Ghrian.

Ciamar a bhios à a' gintinn dealan?

Nuair a bhios an làn ag èirigh agus a' tuiteam, bidh e a' toirt air uisge gluasad air ais agus air adhart. Gabhaidh seo a chleachdadh airson lannan air à a thionndadh. Bidh gach tuirbin a' tionndadh a bhios ag atharrachadh lùth cineataigeach an uisge a tha a' gluasad gu lùth dealain. Bidh an dealan seo an uair sin a' dol tro chàbaill fon uisge agus air a chleachdadh airson cumhachd a thoirt gu dachaighean.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 5, , Tuirbin à ga ullachadh airson a chur an sàs faisg air Neig, Alba (arild lillebø / Alamy Stock Photo)

Càit as fheàrr a dh'obraicheas tuirbinean à?

Image caption,
Tha an Caol Arcach aithnichte airson à làidir agus tha sin ga dhèanamh math airson ionad-cumhachd à. (Doug Houghton Orkney / Alamy Stock Photo)

'S e an t-àite as fheàrr airson tuirbinean à àiteigin le à làidir.

Tha na à nas làidire far am bi a' mhuir a' fàs nas cumhainge eadar diofar sgìrean fearainn. Tha seo a' ciallachadh gum feum tòrr uisge a dhol tro bheàrn beag. Le barrachd uisge a' gluasad bidh barrachd lùth cineataigeach ann airson car a chur dhe na tuirbinean, agus mar sin thèid barrachd dealain a ghintinn.

Tha tuirbinean à anns a' Chaol Arcach eadar costa a tuath tìr-mòr na h-Alba agus Arcaibh.

Image caption,
Tha an Caol Arcach aithnichte airson à làidir agus tha sin ga dhèanamh math airson ionad-cumhachd à. (Doug Houghton Orkney / Alamy Stock Photo)

Buannachdan agus eas-bhuannachdan lùth an à

Buannachdan

  • Uabhasach earbsach. Tha dà làn àrd agus dà làn ìseal ann a h-uile latha dhen bhliadhna, sa h-uile h-àite air an t-saoghal, ge bith ciamar a bhios an t-sìde.
  • Aocoltach ri lùthan ath-nuadhachail a tha an urra ris a' ghaoith agus ris a' ghrèin, tha lùth an à cunbhalach oir tha na à an-còmhnaidh ag atharrachadh, agus cha stad iad gu bràth.
  • 'S e stòr lùth glan agus ath-nuadhachail a th' ann.

Eas-bhuannachdan

  • Faodaidh e a bhith uabhasach cosgail ionad-cumhachd à a thogail.
  • Faodaidh ionadan-cumhachd à droch bhuaidh a thoirt air an àrainneachd agus air beatha na mara.
  • Cha ghabh ionadan-cumhachd à an togail ach far a bheil à làidir, agus mar sin chan eil mòran àitichean ann dhaibh.
Back to top

à – Tha tarraing grabhataidh na gealaich ag adhbharachadh gu bheil ìrean uachdar na mara ag èirigh agus a' tuiteam.

grabhataidh – Forsa nach faic thu a bhios a' tarraing nithean a dh'ionnsaigh a chèile. Cha mhothaich thu dha ach le nithean mòra mar reultan agus planaidean. 'S e grabhataidh na Talmhainn a bhios a' toirt air rudan tuiteam agus a bhios gar cumail air an talamh.

tarraing grabhataidh – 'S e tarraing grabhataidh am forsa a bhios a' tarraing nithean a dh'ionnsaigh phlanaidean agus ghealaichean.

lùth cineataigeach – Lùth a th' ann an rud air sgàth a bhith a' gluasad. Tha lùth cineataigeach aig ball air a shadail oir tha e a' gluasad. Nuair a ghluaiseas uisge, tha sin cuideachd na eisimpleir de lùth cineataigeach.

tuirbin – Tha crann agus lannan, a bhios ag atharrachadh gluasad gu lùth, air tuirbin sìmplidh. Mar as trice, bidh èadhar no uisge a' putadh nan lannan agus a' tionndadh a' chrainn. Tha tuirbinean air an cleachdadh gus gineadair a thionndadh.

gineadair – Inneal airson dealan a ghintinn. Nuair a thèid ceann a' ghineadair a thionndadh, tha an lùth seo air atharrachadh gu lùth dealain.

Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Ceistean

Back to top

ù

Dè dh'fhaighnicheadh tu do neach-saidheans?

Leig ort gun d' fhuair thu cothrom trì ceistean a chur air an neach-saidheans thonnan à as ainmeile air an t-saoghal.

Smaoinich air trì ceistean a chuireadh tu air no oirre mu lùth an à.

An lorg thu freagairtean dha na ceistean agad?

Back to top

More on Bunan lùtha is seasmhachd

Find out more by working through a topic