˿

'S e seòrsa de lùth a bhios a' cleachdadh lùth uisge a' gluasad (cumhachd uisge) airson dealan a ghintinn a th' ann an dealan-uisge.

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Dè th' ann an dealan-uisge
  • Na bhios a' tachairt am broinn dam dealan-uisge
  • Mar a tha lùth air aiseag bho aon sheòrsa gu seòrsa eile
  • Na buannachdan agus na h-eas-bhuannachdan aig dealan-uisge

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd ann an Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre dhen Churraicealam airson Sàr-mhathas).

Back to top

Carson a tha dealan-uisge feumail?

Ann an 2020, bha lùth-uisge a' gintinn 58% de dhealan an t-saoghail. Tha lùth ath-nuadhachail nas fheàrr do oir cha bhi e a' teireachdainn no a' dèanamh eimiseanan cronail a bhios a' milleadh na h-àԲԱ𲹳.

'S e dealan-uisge an dara lùth ath-nuadhachail as motha ann an Alba (an dèidh gaoth) agus tha e air a chleachdadh airson dealan a dhèanamh a bheir cumhachd do dhachaighean. Tha Alba a' gintinn 85% de lùth dealan-uisge na RA.

Damaichean dealan-uisge

Tha dealan-uisge air a ghintinn ann an dam dealan-uisge.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 3, , Tha comas lùth aig uisge air a stòradh ann an dam dealan-uisge. Nuair a shruthas e tron dam, bidh e ag atharrachadh gu lùth cineataigeach. Bidh an lùth cineataigeach bho ghluasad an uisge air a chleachdadh airson dealan a ghintinn.
Image caption,
Nuair a tha e air a bhacadh air cùl dama, tha comas lùth aig an uisge. (Pillip / Alamy Stock Photo)

'S e obair dama bacadh a chur air sruthadh uisge, mar abhainn, a' cruthachadh ò- mòr uisge. Bhon nach eil àite aig an uisge dhan tèid e, bidh bruthadh mòr uisge a' cruinneachadh. Bidh seo a' gintinn oir nuair a thèid an t-uisge a leigeil às, brùchdaidh e sìos tron dam.

Image caption,
Nuair a tha e air a bhacadh air cùl dama, tha comas lùth aig an uisge. (Pillip / Alamy Stock Photo)
Image caption,
Nuair a tha e a' gluasad, tha lùth cineataigeach aig uisge. (DGP_Scotland / Alamy Stock Photo)

Nuair a thèid a leigeil às, bidh an t-uisge a' siubhal bhon ò- tro thunail anns an dam ris an canar .

Bhon a tha an t-uisge a-nis a' gluasad, bidh e ag atharrachadh bho chomas lùth a bhith aige gu bhith na . Bidh an lùth cineataigeach seo a' tionndadh nan gu luath, agus bidh iadsan an uair sin a' tionndadh nan .

Image caption,
Nuair a tha e a' gluasad, tha lùth cineataigeach aig uisge. (DGP_Scotland / Alamy Stock Photo)
Image caption,
Tha na gineadairean seo ann an stèisean dealan-uisge. Nuair a thèid na gineadairean a thionndadh, bidh iad a' gintinn dealan. (GANG ZHAO / Alamy Stock Photo)

Nuair a thionndaidheas na gineadairean, bidh iad ag atharrachadh lùth cineataigeach gu lùth dealain.

Bidh na an uair sin ag atharrachadh bholtaids an dealain airson gun siubhail e astaran fada tro loidhnichean cumhachd gun tòrr lùth a chall. Bidh transformairean eile an uair sin a' lùghdachadh na bholtaids gu ìre nas sàbhailte mus tig an dealan a-steach dha na dachaighean againn, na sgoiltean no na h-àitichean-obrach.

Image caption,
Tha na gineadairean seo ann an stèisean dealan-uisge. Nuair a thèid na gineadairean a thionndadh, bidh iad a' gintinn dealan. (GANG ZHAO / Alamy Stock Photo)

Eisimpleirean de dhamaichean dealan-uisge

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 3, , Stèisean Cumhachd agus Dama na Lùib Riabhaich, Siorrachd Pheairt, Alba 'S e Dam na Lùib Riabhaich ri taobh Loch Lìobhann tè de dh'iomadh dama a tha a' gintinn lùth dealan-uisge ann an Alba. ( David Paterson / Alamy Stock Photo)

Buannachdan agus eas-bhuannachdan dealan-uisge

Buannachdan

  • Tha lùth dealan-uisge ath-nuadhachail.

  • 'S e bun lùth earbsach a th' ann. Tha fios againn gu bheil uisge air a stòradh na bhun lùth cineataigeach a bheir dhuinn lùth 24/7, rud nach dèan a' ghaoth no a' ghrian.

  • Aon uair 's gu bheil an stèisean air a thogail, cha bhi e a' dèanamh eimiseanan cronail. Tha seo a' ciallachadh nach bi e a' cur ri gasaichean taigh-glainne no atharrachadh na gnàth-shìde.

Eas-bhuannachdan

  • Airson dam dealan-uisge a thogail, feumaidh tu pìos fearainn a chur fo thuil, a' milleadh na h-àԲԱ𲹳 ionadail agus àrainnean bheathaichean.

  • Uaireannan 's dòcha gun tig air daoine an dachaigh fhàgail ma tha iad a' fuireach air fearann a tha gu bhith air a chur fo thuil no air a leasachadh airson ionad cumhachd dealan-uisge a thogail.

  • Tha e daor damaichean dealan-uisge a thogail agus tha e a' cleachdadh tòrr concrait, a bhios a' leigeil ghasaichean taigh-glainne mu sgaoil nuair a thathar ga dhèanamh.

Back to top

ath-nuadhachail – Rudeigin nach teirig nuair a thèid a chleachdadh.

gnàth-shìde na cruinne - An t-sìde àbhaisteach (teòthachd, gaoth, sileadh, msaa) air an Talamh thar ùine mhòr.

àԲԱ𲹳 - A h-uile nì fiosaigeach mu thimcheall oirnn air an Talamh, nam measg a h-uile nì beò agus neo-bheò.

dealan-uisge - Dealan air a dhèanamh le gluasad uisge.

ò- - Sgìre uisge mhòr, glè thric air a dhèanamh le daoine, a chaidh a chruthachadh le bhith a' cur stad air sruthadh nàdarra uisge.

-ìDz - Pìob mhòr no tunail a bhios a' giùlan uisge bhon ò- sìos gu na tuirbinean san stèisean cumhachd dealan-uisge.

tuirbin - Tha crann agus lannan, a bhios ag atharrachadh gluasad gu lùth, air tuirbin sìmplidh. Mar as trice, bidh èadhar no uisge a' putadh nan lannan agus a' tionndadh a' chrainn. Tha tuirbinean air an cleachdadh gus gineadair a thionndadh.

gineadair - Inneal airson dealan a dhèanamh. Nuair a thèid ceann a' ghineadair a thionndadh, tha an lùth seo air atharrachadh gu lùth dealain.

transformair - Uidheam dealain a tha air a chleachdadh airson lùth dealain aiseag bho aon chuairt-dealain gu tèile.

Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Ceistean

Back to top

ù

Dèan diagram dhen taobh a-staigh aig dam dealan-uisge

Cuir leubailean air na pàirtean a tha ag obrachadh le fiosrachadh bhon bhidio agus bho liosta nam prìomh fhacail.

Back to top

More on Bunan lùtha is seasmhachd

Find out more by working through a topic