˿

Eisimplearan de chòmhradhLabhairt

Son conaltradh èifeachdach bidh feum air beachdan soilleir, briathrachas iomchaidh is beairteas de dh’abairtean is de ghnàthasan-cainnt. Nì faireachdainn sa ghuth òraid nas inntinniche.

Part of àLabhairt

Labhairt

Anns an earrann seo gheibhear taic ann a bhith ag ullachadh airson Measadh Aonaid airson labhairt.

Am Measadh Aonaid

  • Bidh measadh labhairt mar as trice ceangailte ri measadh èisteachd, measadh sgrìobhaidh no measadh leughaidh. Bidh cuspair nam measaidhean ceangailte ann an dòigh air choreigin.
  • Bidh dhà no thrì chuspairean anns a' mheasadh labhairt - bidh agad ri aon dhiubh a thaghadh.
  • Dh'fhaodadh gum bi diofar sheòrsaichean de labhairt ann: mar eisimpleir - còmhradh-buidhne, òraid no deasbad.
  • Bidh agad ri bruidhinn airson eadar trì agus còig mionaidean. An uair sin, bidh an tidsear agus 's dòcha sgoilearan eile anns a' chlas a' cur cheistean ort mun chuspair.
  • Gheibh thu cothrom a bhith ag ullachadh airson a' mheasaidh labhairt ro-làimh. Dèan cinnteach gum bi deagh phlan agad mus dèan thu am measadh fhèin. Tha plana feumail airson rian a chumail air do smuaintean - feumaidh an luchd-èisteachd na chanas tu a leantainn. Tha mapa-inntinn feumail airson seo.
  • Bidh e ceadaichte notaichean (suas ri ceathrad facal) a chleachdadh gus taic a thoirt dhut.

Beagan comhairle

Bidh an tidsear a' sùileachadh na leanas bhuat:

  • Gum bruidhinn thu airson eadar trì agus còig mionaidean.
  • Gun gabh thu pàirt ann an còmhradh às dèidh làimh.
  • Gun cùm thu ris a' chuspair a thagh thu.
  • Gum bi deagh structar air na tha thu ag ràdh.
  • Gum bi beachdan ùra agus inntinneach agad.
  • Gum bi do bheachdan air a' chuspair soilleir agus gum bi adhbharan agad air an son.
  • Gum bi briathrachas freagarrach agad.
  • Nach cleachd thu na h-aon abairtean a-rithist 's a-rithist ach gun cleachd thu diofar dhòighean air rud a ràdh, me Nam bheachd / Nam bharail / Tha mi a' smaointinn / Saoilidh mi ...
  • Gun tèid do thuigsinn gu furasta.
  • Gun atharraich thu do ghuth, do dhòigh-labhairt agus an t-astar aig am bi thu a' bruidhinn gus na bhios tu ag ràdh a neartachadh.
  • Gun seall thu air na daoine ris am bi thu a' bruidhinn.

Related links