Labhairt
Eisimpleir de mheasadh labhairt a h-aon
Seo pàirt de mheasadh labhairt aig Ìre Nàiseanta 4 eadar sgoilear, Alasdair, agus an tidsear aige.
'S e an cuspair a tha aig Alasdair: "Chan eil goireasan cur-seachad gu leòr san sgìre agam fhèin."
Earrann-obrach A
Tha thu air èisteachd ri Alasdair a' toirt seachad òraid. Seo na bha air iarraidh air Alasdair:
- Gun cumadh e ris a' chuspair.
- Gum biodh deagh structar aige.
- Gum biodh beachdan ùra agus inntinneach aige.
- Gum biodh a bheachdan air a' chuspair soilleir agus gum biodh adhbharan aige air an son.
- Gum biodh briathrachas freagarrach aige.
- Nach cleachdadh e na h-aon abairtean a-rithist 's a-rithist ach gun cleachdadh e diofar dhòighean air rud a ràdh.
- Gun deigheadh a thuigsinn gu furasta.
- Gun atharraicheadh e a ghuth, a dhòigh-labhairt agus an t-astar aig am biodh e a' bruidhinn gus am bhiodh na bha e ag ràdh air a neartachadh.
Dè cho math 's a chaidh aig Alasdair air na rudan sin a choileanadh?
Èist ris an òraid a-rithist. Smaoinich mu do bheachd fhèin air freagairt gach ceist. Nuair a nì thu sin, brùth 'Seall freagairt' agus nochdaidh beachd an tidseir air gach ceist.
Ceistean
Question
- An do chùm e ris a' chuspair?
- An robh deagh structar aige?
- An robh beachdan ùra agus inntinneach aige?
- An robh a bheachdan soilleir agus an robh adhbharan aige air an son?
- An robh briathrachas freagarrach aige?
- An do chleachd e diofar dhòighean air an aon rud a ràdh?
- An deach a thuigsinn gu furasta?
- An do dh'atharraich e a ghuth, a dhòigh-labhairt agus an t-astar aig an robh e a' bruidhinn gu h-èifeachdach?
- Chùm gu dìreach.
- Bha. Bha e soilleir gun robh e air deagh phlanadh a dhèanamh.
- Bha. Thug e seachad a bheachdan – an dà chuid air a' chuspair agus a thaobh na buaidh a tha aig dìth ghoireasan air deugairean anns a' bhaile.
- Bha. Bha a bheachdan glè shoilleir. Thug e seachad adhbharan cuideachd, me chan eil gu leòr aig deugairean ri dhèanamh, mar sin tha cuid a' tòiseachadh air smocadh 's òl.
- Bha. Thagh e faclan sònraichte a chuidich e ann a bhith a' lìbhrigeadh na h-òraid, me sgìre iomallach, barrachd ghoireasan...
- Cha robh e cho math air seo a dhèanamh. Chleachd e an abairt saoilidh mi trì tursan. Bu chòir dha feuchainn ri abairtean diofraichte a tha a' ciallachadh an aon rud a chleachdadh, me Tha mi den bheachd, Tha mi a' smaoineachadh...
- Chaidh, ged a bha e beagan stadach aig amannan.
- Bha e car lag a thaobh seo. Bhruidhinn e gun mòran fhaireachdainnean. Feumaidh Alasdair obrachadh air a seo.