˿

Eisimplearan de chòmhradhLabhairt

Son conaltradh èifeachdach bidh feum air beachdan soilleir, briathrachas iomchaidh is beairteas de dh’abairtean is de ghnàthasan-cainnt. Nì faireachdainn sa ghuth òraid nas inntinniche.

Part of àLabhairt

Labhairt

Eisimpleir de mheasadh labhairt a dhà

Pàirt de òraid: Tha ceòl cudromach – Pàirt 2

Earrann-obrach B

Tha thu air èisteachd ri Màiri a' còmhradh ris an tidsear. Seo na bha air iarraidh oirre anns a' phàirt seo den mheasadh.

  • Gun gabhadh i pàirt ann an còmhradh.
  • Gum freagradh i na ceistean.
  • Gum biodh beachdan ùra agus inntinneach aice.
  • Gum biodh briathrachas freagarrach aice.
  • Gun deigheadh a tuigsinn gu furasta.
  • Gun atharraicheadh i a guth, a dòigh-labhairt agus an t-astar aig am biodh i a' bruidhinn gus am bhiodh na bha i ag ràdh air a neartachadh.

Dè cho math 's a chaidh aig Màiri air na rudan sin a choileanadh?

Èist ris a' chòmhradh a-rithist. Smaoinich mu do bheachd fhèin air freagairt gach ceist. Nuair a nì thu sin, brùth 'Seall freagairt' agus nochdaidh beachd an tidseir air gach ceist.

Ceistean

Question

  1. An deach i an sàs anns a' chòmhradh?
  2. An do fhreagair i na ceistean?
  3. An robh beachdan ùra agus inntinneach aice?
  4. An robh briathrachas freagarrach aice?
  5. An deach a tuigsinn gu furasta?
  6. An do chleachd i diofar dhòighean air an aon rud a ràdh?
  7. An do dh'atharraich i a guth, a dòigh-labhairt agus an t-astar aig an robh i a' bruidhinn gu h-èifeachdach?

Eisimpleir de mheasadh labhairt a dhà

Earrann-obrach C

Cruthaich mapa-inntinn dhut fhèin a-nis airson a' chuspair a leanas:

"An cur-seachad as fheàrr leam."

An uair sin, ullaich òraid mun chuspair.

Related links