Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1028

Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Litir àireamh 1028.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 3 Apr 2019 23:00

Clip

Litir 1028: Rann mun Chuthaig

Halò, a chàirdean. Bidh sibh a’ cluinntinn seo, air a’ chiad chraoladh co-dhiù, air an latha mu dheireadh dhen Mhàrt. Aig an àm seo dhen bhliadhna, bidh eun ainmeil Albannach a’ siubhal gu tuath tro thaobh an iar Afraga. Tha mi a’ ciallachadh na cuthaig.Ìý

ʼS dòcha nach eil e buileach ceart a bhith ag ràdh gur e eun ‘Albannach’ a th’ anns a’ chuthaig, oir bidh i a’ cur seachad a’ gheamhraidh ann am meadhan no taobh an iar Afraga. Agus bidh i a’ dol don Roinn Eòrpa air fad as t-samhradh – agus Àisia, a bharrachd. Tha e a’ toirt mu dhà mhìos dhi siubhal eadar a h-àiteachan geamhrachaidh ann an Afraga agus ceann a tuath na Roinn Eòrpa. Mar sin, faodaidh sinn a bhith cinnteach gu bheil a’ chuthag air an rathad thugainn an-dràsta fhèin.

Dè cho tric ʼs a bhios a’ chuthag a’ fulang droch shìde? Glè ainneamh, chanainn. Oir bidh i a’ teicheadh o Alba ann am meadhan an t-samhraidh airson tilleadh a dh’Afraga, mus till am fuachd.

Tha rann snog againn ann an Gàidhlig a tha mu dheidhinn sin. Seo e: 

A chuthag ghorm, a chuthag ghorm, Tha iongnadh orm, gu dearbh, Mur eil thu subhach air gach àm, ʼS an Samhradh leat a’ falbh. Chan aithne dhuts’ droch shìd’ gu beachd, No sneachd no Geamhradh garbh, Gur tha thu ʼn Cèitean ciùin do ghnàth, ʼS air àghmhorachd an sealbh.

An aithne dhuibh am facal subhach – merry, cheerful, joyful? Mur eil thu subhach air gàch àm – mura h-eil thu toilichte, sona fad na h-ùine. Chan aithne dhut droch shìde, no sneachd – cha bhi fuachd a’ gheamhraidh a’ tighinn ort uair sam bith. Gur tha thu ʼn Cèitean ciùin do ghnàth – tha thu cleachdte ri làithean ciùin, brèagha a’ Chèitein.

Canaidh mi an rann a-rithist, gus an tog sibh na faclan: 

A chuthag ghorm, a chuthag ghorm, Tha iongnadh orm, gu dearbh, Mur eil thu subhach air gach àm, ʼS an Samhradh leat a’ falbh. Chan aithne dhuts’ droch shìd’ gu beachd, No sneachd no Geamhradh garbh, Gur tha thu ʼn Cèitean ciùin do ghnàth, ʼS air àghmhorachd an sealbh.

As t-samhradh sa chaidh, chuala mi a’ chuthag mar nach cuala mi riamh roimhe i. Bha mi fhìn ʼs mo bhean a’ seòladh a-mach gu eileanan air taobh an iar na Gàidhealtachd air latha blàth, grianach. Tha caolas cumhang eadar na h-eileanan far a bheil acarsaid bheag, agus chuir sinn an acair sìos an sin. Bha e iongantach fhèin brèagha, mar gun robh sinn air a dhol a phàrras!

Faisg air làimh, air an eilean siar, tha creag a’ stobadh an-àirde. Ma dh’èigheas sibh thar a’ chaolais bhon eilean air an taobh sear, gheibh sibh mac-talla a tha fìor mhath.Ìý

An ath mhadainn, bha na cuthagan a’ seinn – no, mar a chanas sinn, a’ goirsinn. Gug-gùg, gug-gùg. Bha iad air gach eilean, agus chanainn gun robh còig no sia de dh’eòin ann. Thòisich am mac-talla cuideachd. Agus bha e mar gun robh na ficheadan de chuthagan ann, agus iad a’ goirsinn fad na h-ùine, gun bheàrn de shàmhchair eatarra. Gug-gùg. Gug-gùg. Gug-gùg. Gug-gùg. Bha e mar gun robh còisir ann. Tha mi an dòchas nach bi e ro fhada gus an cluinn sinn uile cuthag na bliadhna sa. Gum bi turas math, sgiobalta, sàbhailte aice!

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: ainneamh: seldom; fuachd: cold; grianach: sunny; acarsaid: anchorage; acair: anchor; pàrras: paradise; a’ goirsinn: calling like a cuckoo (also crow); faoin: silly.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: Bidh sibh a’ cluinntinn seo, air a’ chiad chraoladh co-dhiù: you’ll be hearing this, at least on the first broadcast; air an latha mu dheireadh dhen Mhàrt: on the final day of March; bidh eun ainmeil Albannach a’ siubhal gu tuath tro thaobh an iar Afraga: a famous Scottish bird will be travelling north through western Africa; bidh i a’ cur seachad a’ gheamhraidh: it spends the winter; don Roinn Eòrpa air fad as t-samhradh: to the whole of Europe in summer; agus Àisia, a bharrachd: and Asia, in addition; a’ toirt mu dhà mhìos dhi siubhal eadar a h-àiteachan geamhrachaidh agus X: spends about two months travelling between her wintering places and X; gu bheil a’ chuthag air an rathad thugainn an-dràsta fhèin: that the cuckoo is on the way to us right now; a’ fulang droch shìde: suffering bad weather; a chuthag ghorm: o blue cuckoo; tha iongnadh orm: I wonder; ʼs an Samhradh leat a’ falbh: and with you goes the summer; chan aithne dhuts’ droch shìd’ gu beachd: you don’t know bad weather; no sneachd no Geamhradh garbh: nor snow nor rough winter; gur tha thu ʼn Cèitean ciùin do ghnàth: for you always have the May calm; ʼs air àghmhorachd an sealbh: and inherit pleasant times; tha thu cleachdte ri làithean ciùin, brèagha a’ Chèitein: you are used to calm, beautiful days of May; ma dh’èigheas sibh thar a’ chaolais bhon eilean air an taobh sear, gheibh sibh mac-talla: if you shout across the narrows from the island on the eastern side, you’ll get an echo; bha e mar gun robh na ficheadan de chuthagan ann, agus iad a’ goirsinn fad na h-ùine: it was as if there were dozens [twenties] of cuckoos there, calling all the time; gun bheàrn de shàmhchair eatarra: without a gap of silence between them; bha e mar gun robh còisir ann: it was as if there were a choir [còisir can also mean birdsong]; gum bi turas math, sgiobalta, sàbhailte aice: may she have a quick, safe journey.Ìý

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: Mur eil thu subhach air gach àm: if you aren’t always joyful. Mur eil is an alternative form to mura h-eil, which you will also find in the Litir. I could have said mura h-eil thu subhach air gach àm.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: Gug-gùg: ‘cuckoo’ [the bird’s call in Gaelic].

Broadcasts

  • Sun 31 Mar 2019 22:30
  • Wed 3 Apr 2019 23:00

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast