Main content
Sgoil an Rubha a buannachadh aig farpais Cuach na Cloinne
Thòisich co-fharpais ball-coise nan sgoiltean - Cuach na Cloinne - ann an Steòrnabhagh an-diugh.

Comann na Gàidhlig a tha ga ruith, agus tha 109 sgiobannan o air feadh Alba a' gabhail pàirt thairis air sia farpaisean roinneil.
An t-amas: cothrom a thoirt do chloinn Gàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile.
Bha Ailig John Moireasdan an làthair aig a' chiad tè an-diugh.