S霉il air a' Mhapa 51
Deas air Ulapul, tha beinn air a’ mhapa air a bheil Càrn Breac Meadhanach, ‘middle speckled hill’. Carson ‘meadhanach’? Uill, ma choimheadas sibh air a’ mhapa, chì sibh gu bheil e eadar Càrn Breac Mòr agus Càrn Breac Beag. Tha ainmeachadh mar sin cumanta air mapaichean na Gàidhealtachd. Anns a’ Mhonadh Liath, tha trì caochanan gu h-àrd – Caochan a’ Chùil, Caochan Beag an Sgianair agus – anns a’ mheadhan – An Caochan Meadhanach, ‘the middle streamlet’.

Ri taobh Beinn Nibheis, tha an Càrn Beag Dearg agus an Càrn Mòr Dearg, ‘the little and big red hills’. Eatarra, anns a’ mheadhan, tha an Càrn Dearg Meadhanach. Anns na h-Eileanan Cròlaigeach, ann an Ros an Iar, tha trì eileanan – an t-Eilean Mòr, an t-Eilean Beag – agus an t-Eilean Meadhanach. Tha an t-eilean sin meadhanach ann an àite agus ann am meud. Ann an Diùra, tha trì lochan ann an sreath – Loch Rìgh Mòr, Loch Rìgh Beag agus anns a’ mheadhan Loch Rìgh Meadhanach.
Agus ann am mòinteach Leòdhais tha an Loch Ruadh. Gu deas air sin, tha an Loch Ruadh a Deas, ‘the southern russet loch’ agus eatarra tha an Loch Ruadh Meadhanach. Soraidh leibh an-dràsta, agus tha mi an dòchas nach eil sibh fhèin meadhanach an-diugh!