S霉il air a' Mhapa 47
A bheil sibh eòlach air an fhacal sgùman? Tha e a’ seasamh airson rudeigin a th’ air a tharraing suas. Mar eisimpleir ‘tuft’ air ceann eòin. 始S e a’ Ghàidhlig air ‘shag’ sgarbh an sgùmain ‘the tufted cormorant’. Air an tìr, ge-tà, tha e a’ ciallachadh ‘stack’ no ‘raised plateau’. Tha a h-uile eisimpleir as aithne dhòmhsa ann an ceann a tuath na Gàidhealtachd. Tha beinn air a bheil An Sgùman mar ainm ann am beanntan Fanaich. Faisg air Geàrrloch tha rubha air a bheil An Sgùman. Tha dà bheinn ri taobh a chèile anns a’ Mhonadh Liath ris an canar an Sgùman Mòr agus an Sgùman Beag. Agus ann an Cinn Tàile, tha an Sgùman Còinntich ‘the mossy raised plateau’.

Tha Cnoc an Sgùmain air taobh sear Na Hearadh agus tha mullach eile leis an aon ainm ann an Slèite san Eilean Sgitheanach. Ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich tha dà bheinn air a bheil Beinn an Sgùmain. Agus air taobh sear na Gàidhealtachd, deas air Inbhir Narann, tha Càrn Sgùmain ‘hill with a raised plateau’. Cumaibh ur sùil a-mach airson ‘sgùmanan’ anns an àireannachd againn.