Main content

Aislingean Te貌claid is 脪ir

Bidh ainm eachdraidheil a dhìth nuair a thòiseachas seusan ùr Lìog na Gàidhealtachd air an 28mh den mhìos. 'Son a' chiad turas ann an còrr is 100 bliadhna, cha bhi Forres Mechanics am measg nan sgiobaidhean a bhios a' farpais is dragh air a' chluba mu shuidheachadh Chovid-19.

Tha clach aosmhor na seasamh gu h-àrd is gu moiteil air iomall bhaile Fharrais. Còrr math is 1,000 bliadhna a dh'aois, tha Clach Sueno na làithean seo air a dìon ann am bocsa glainne. Tha e coltach gu bheil i na "mìorbhal de dh'ealain Chruithneach".

Chan eil fiosam an robh na Cruithnich a' cluich ball-coise, ach ma 's e 's gur e daoine a bha air am peantadh anns na dathan as fhearr leotha a bh' annta is uaireanan ri àimhreit ri treubhan eile, cò chanadh nach biodh ball-coise na h-Alba air còrdadh riutha glè mhath.

'S dòcha gur e post tadhail a bha sa Chloich uaireigin?

"Futtbaw"

Co-dhiù, cha b' ann an-diugh no an-dè a thòisich iad a' cluich ball-coise ann am Farrais.

Ann an 1586 agus fada às dèidh dha na Cruithnich a dhol às an t-sealladh, sgaoil comhairle a' bhaile brath dhan t-sluagh: "No person must play in the Kirkyaird at futtbaw or caiche upon the Kirk under penalty of 10s".

Cha do dh'èist muinntir Fharrais. Nuair a thòisich clubaichean ball-coise a' nochdadh thall 's a-bhos san dàrna leth den 19mh Linn, cha robh sìon cho cinnteach ach gum biodh sgioba aig a' bhaile.

Chaidh na Mechanics - rud a bha aig an àm a' ciallachadh daoine le ceàrd no obair air choireigin eile - a stèidheachadh ann an 1884 - a' fàgail gur e Forres Mechanics an sgioba as sine a tha fhathast buan ann an ceann a tuath na h-Alba.

Rinn iad dachaigh dhaibh fhèin aig Pàirc Mosset mìle sìos an rathad bho Chlach Sueno. Ann an 1893, bha iad am measg nan clubaichean a stèidhich Lìog na Gàidhealtachd. Chan eil ach Farrais agus Clach na Cùdainn bho na clubaichean sin fhathast san lìog.

Ach a-mhàin 'son dà bhliadhna aig deireadh an 19mh is toiseach an 20mh Linn, tha Farrais air cluich san lìog gach seusan bhon uairsin. Thuige seo.

Choisinn na Mechanics no na Can Cans, is na dathan sònraichte teòclaid is òir aca, àite sònraichte ann an cridhe mhuinntir an àite bho thùs is fhuair iad taic dhìlseach dha rèir.

Ann an 1903 thàinig gairm-èiginn bho rèitire a bha - ann am beachd luchd-taic nam Mechanics co-dhiù - air a bhith cruaidh air sgioba a' bhaile. Bha gràisg de bhleigeartan a' feitheamh ris às dèidh a' gheama, dh'innis an truaghan bochd, is chaidh clachan is poll a fhrasadh air fad na slighe chun an stèisein.

Creid no na creid, bha rèitearan a' teicheadh aig peilear am beatha is sluagh crosta air an tòir cumanta gu leòr ann am ball-coise na h-Alba aig an àm.

Clach às an aidhear

Bha rudan eile nach robh cho buileach àbhaisteach. Tha Colin G. Watson san leabhar air leth aige mu eachdraidh nam Mechanics a' mìneachadh mar a ràinig Orion bho Obar Dheathain Farrais 'son geama an Cupa na h-Alba ann an 1900, is mar a dh'ionnsaich iad gur e "Stump" a bh' air fear-glèidhidh nam Mechanics.

"Ach feumaidh gur e naidheachd a bh' ann dhaibh nuair a fhuair iad a-mach gur e a chas fiodha as coireach", tha Mgr Watson ag innse. Tha e coltach nach robh Hugh 'Stump' Friseal dona nas motha is an geama a' crìochnachadh 1-1.

Lean na Can Cans orra. Às dèidh an Dàrna Cogaidh fhuair iad buannachd bho na saighdearan Pòlannach a bha stèidhichte san sgìre. Nam measg bha Henry Wisniewski, fear-glèidhidh cho math 's a bha sa cheann a tuath.

Cho pailt 's a bha na Pòlannaich ann an sgioba Fharrais is gur e na Foreign Mechanics a bhiodh aig cuid orra.

Bha Wisniewski fhathast eadar na puist nuair a thàinig Celtic gu Pàirc Mosset ann an Cupa na h-Alba ann an 1957.

Bha balach beag, ceithir bliadhna a dh'aois, am measg na bha a' coimhead, ged nach robh ticead aige is a' phàirc a' cur thairis le daoine.

"Bha àite ri taobh an Rathaid an Tuath far am b' urrainn dhut còimhead sìos air Nou Camp a Chinn a Tuath, aka Pàirc Mosset", tha Jim MacFhionghuin a' cuimhneachadh.

"Bho ghualain m' uncail chunnaic mi sgaoth de lèintean uaine is geal agus teòclaid is òir a' dol am measg a chèile".

Bhuannaich Celtic 5-0 ach ghlac an sealladh iongantach a bh' ann: an sluagh, an fhuaim is na dathan, aire an fhir òig. Thilleadh Jim tric is minig thar nam bliadhnaichean.

Bha e an làthair an là a thàinig an sgioba iomraiteach a bh' aig Dùn Dè a Mhoireibh ann an 1964, sgioba a bha air iar-chuairt dheireannach Chupa na h-Eòrpa a ruighinn bliadhna ron sin. Bha Cox, Penman is Gilzean am measg nan laoch.

Thug na Mechanics trì bhuapa ach chuir Dùn Dè sia.

"'S e dìreach na Mechanics agus Rangers sa chuairt dheireannaich a chuir trì an aghaidh Dhùn Dè sa chupa air a' bhliadhna sin", tha Jim ag ràdh.

Cha robh aige san amharc ach aon rud: an leine ainmeil a chur air agus cluich 'son nam Mechanics aig Pàirc Mosset.

Cha robh e fada bhuaithe is aithris a nochd san Sunday Post a' cumail a-mach gur e "teenage starlet" a bh' ann am MacFhionghuin òg. Thàinig an là, cha mhòr.

"Bha mi còir a chluich 'son nam Mechanics an aghaidh Thistle aig Kingsmills agus thàinig rùnaire a' chluba, Willie MacCoinnich, a thadhail oirnn aig an taigh", tha Jim ag ràdh.

"Thuirt mo mhàthair gun robh mi ro bheag. Bha i ceart".

Theab is nach do theab.

Dh'fhàsadh Jim MacFhionghuin suas a bhith na àrd-fhear-planaidh 'son Alba is urram bhon Bhan-rìgh ga bhuileachadh air.

'S iomadh cùis a làimsich e ach 's dòcha nach robh riamh dùbhlan cho mòr aige ris a mhàthair fhèin agus argamaid nach buainneachadh e. Cha do chluich e riamh 'son na Can Cans.

"Am bithinn air obair àrd-fhir-plannaidh a shuaipadh airson cothrom cluich 'son nam Mechanics? Aig 16 abair thusa gum biodh. Agus an CBE!"

Ged a dh'fhàg Jim Farrais, dh'fhuirich an cluba na chridhe. Dhèanadh e cinnteach air tursan dhachaigh gum biodh cothrom ann faighinn gu Pàirc Mosset. Bidh è fhèin is feadhainn eile leis an aon tinneas a' coinneachadh ann an Dùn Èideann a h-uile beagan mhìosan 'son 'dinnear Mechanics'.

Agus air a chumail gu faiceallach is gu cùramach ann am preas, seann gheansaidh teòclaid is òir bho na 1950an. "'S urrainn dhomh fhaighinn orm fhathast...air èiginn. Bidh mi nam Mhechanista gu siorraidh", tha e ag ràdh.

Ach chan eil cothrom air dinnearan Mechanics an-dràsta agus chan fhaic Jim is na Mechanistas eile, ann am Farrais fhèin agus nas fhaide air falbh, geama air an t-seusan seo.

Dh'innis am bòrd-stiùiridh gun robh iad a' tarraing a-mach à Lìog na Gàidhealtachd air sgàth suidheachadh Chovid-19. 'S e slàinte is sàbhailteachd nan cluicheadairean, luchd-obrach, an teaghlaichean, agus coimhearsnachd a' bhaile is sgìre Mhoireibh san fharsaingeachd an rud as cudromaiche dhaibh, thuirt iad.

Cruaidh-chàs

Bha am bòrd ann an cruaidh-chàs. Glaicte eadar togail a thoirt dhan choimhearsnachd le a bhith a' tòiseachadh às ùr, air a chothromachadh an aghaidh cunnart sam bith a dh'fhaodadh a bhith ann dhan bhaile.

Tha gach cluba eile ann an Lìog na Gàidhealtachd air co-dhùnadh cluich, ach tha fios nach dèan duine reusanta sam bith càineadh air na Mechanics airson an t-seasaimh a ghabh iadsan. Gu fireannach, 's e suidheachadh a th' ann far nach robh freagairt cheart no cheàrr ann.

Ach 'son a' chiad turas bho 1901, tòisichidh seusan Lìog na Gàidhealtachd às aonais Forres Mechanics. Ann an àite mar Fharrais far a bheil an cluba ball-coise gu ìre na phàirt den ghlaodh a tha a' toirt na coimhearsnachd ri chèile, fàgaidh sin beàrn.

Oir ged a tha e follaiseach gu bheil suidheachadh a' Choròna-bhìorais air coimhearsnachdan a neartachadh ann an dòigh, tha e aig an dearbh àm air bualadh gu domhain air cuid de rudan a tha aig an cridhe.

Tha cruinneachaidhean air-loidhne air feum a dhèanamh, ach bho eaglaisean gu clubaichean spòrs gu tallaichean bingo is iomadh rud eile, ciamar nach b' urrainn do choimhearsnachd a bhith air a lagachadh nuair a tha daoine a' call cothrom tighinn ri chèile.

Ged nach eil cinnt ann fhathast cuin a thilleas luchd-taic, 's e togail a bhios ann do bhailtean beaga air a' Ghàidhealtachd, ann am Moireibh is ann an Siorrachd Obar Dheathain nuair a thòisicheas Lìog na Gàidhealtachd às ùr. Ceum air choireigin a dh'ionnsaigh beatha beagan nas àbhaistich. Ged a bhios ionndrainn air seann charaid.

"'S e briseadh-dùil a th' ann nach bi Farrais a' cluich ach tha sinn a' tuigsinn mar a ràinig iad an co-dhùnadh seo", dh'innis Rùnaire Lìog na Gàidhealtachd, Rod Houston.

"Thug sinn ùine dha gach cluba beachdachadh air dè bha iad 'son dèanamh is cha bhi peanas sam bith ann.

"Bha Farrais anns an lìog seo nuair a thòisich e agus cuiridh sinn fàilte bhlàth orra nuair a tha iad 'son tilleadh", thuirt Mgr Houston.

Mar as luaithe, 's ann as fheàrr.

Mar Chlach Sueno fhèin tha na Can Cans air seasamh gu daingeann tro iomadh èiginn. Seasaidh fhathast.

/naidheachdan/54867763