³ÉÈË¿ìÊÖ

Duaisean nan còisirean sgìreil

Còisir Ghàidhlig an Òbain
Fo-thiotal an deilbh,

Còisir Ghàidhlig an Òbain

  • Air fhoillseachadh

'S iad Còisir Ghàidhlig an Òbain agus Còisir Ghàidhlig Bhaile a' Ghobhainn a ghlèidh duaisean mòra nan còisirean sgìreil aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail anns an Òban.

Choisinn Còisir Ghàidhlig an Òbain Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn airson a' cheathramh turas ann an sreath.

Sheinn iad 'A' Mhàiri Bhàn Òg', a chaidh a chur ro na còisirean, agus 'Tionndadh an Làin' mar an roghainn aca fhèin.

Chaidh an t-òran sin a sgrìobhadh gu sònraichte dhan chòisir le Alasdair Mac Ille Bhàin.

Bha Còisir Ghàidhlig Lodainn san dàrna àite.

Thàinig Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu san treas àite san fharpais.

Fo-thiotal an deilbh,

Còisir Ghàidhlig Bhaile a' Ghobhainn

Thog Còisir Ghàidhlig Bhaile a' Ghobhainn Cuach Cuimhneachan Mairead Nic Dhonnchaidh.

B' e 'Smeòrach Chlann Dòmhnaill' a chaidh a chur rompha agus sheinn iad 'Maraiche nan Cuantan' mar an roghainn aca fhèin.

Bha Còisir Ghàidhlig Loch Abar san dàrna àite.

Thàinig Còisir Ghàidhlig an Eilein Duibh san treas àite.