³ÉÈË¿ìÊÖ

Stoirm Ashley a' toirt buaidh

Stoirm Ashley
  • Air fhoillseachadh

Tha Stoirm Ashley air Alba a' ruighinn le oiteagan ann an Uibhist a Deas a' ruighinn 69 mìle san uair 's cha mhòr nach eil a h-uile seirbheis aig CalMac dheth.

Tha Oifis a' Mhet air rabhadh òmair a sgaoileadh airson na h-Eileanan an Iar agus costa siar thir-mòir agus bidh seo an sàs gu meadhan oidhche Didòmhnaich.

Tha rabhadh buidhe an sàs airson Alba air fad airson oiteagan gaoithe suas ri 60 mìle san uair agus mairidh sin sa cheann a tuath suas gu madainn Diluain.

B'fheudar cabhsair a' Bhaile Shear ann an Uibhist a Tuath a dhùnadh nas traithe leis an làn a' tighinn tarsaing, ged a tha e nise fosgailte.

Tha rabhadh ga toirt gun tèid Drochaid an Eilein Sgitheanaich a dhùnadh airson ùineachan beaga bho 4f gu 3m

Seo a' chiad stoirm am bliadhna a chaidh ainmeachadh, agus chìthear brùthadh an àile a' tuiteam gu luath fhad's a tha e a' gluasad a-staigh bhon Chuan Sgìth.

Tha dùil ri buaidh air goireasan siubhail agus air cumhachd an dealain Didòmhnaich.

'Weather bomb'

Bithear a' toirt 'weather bomb' air mar a tha am brùthadh a' tuiteam anns an dòigh seo 's tha sin a' tighinn bhon t-ainm 'bombogenesis' nuair a tha am brùthadh a' tuiteam 24 millibars taobh a-staigh 24 uairean.

Bidh seo a' toirt leis gaoth làidir agus aig àirde an làin dh'fhaodadh gun tèid uisge tarsainn chabhsairean.

Thuirt Oifis a' Mhet gu bheil cothrom ann gun caill daoine cumhachd an dealain air taobh siar na h-Alba eadar Earra Ghàidheal agus Am Parbh agus na h-Eileanan an Iar.