Connspaid mu ionad-stòraidh airson dealain ionadail an Steòrnabhagh

Tùs an deilbh, GEOGRAPH/STEPHEN BRANLEY

Tiotal an deilbh, Bhiodh an t-ionad-bhataraidhean air a thogail ri taobh an stèisein cumhachd ann an Steòrnabhagh

Tha Comhairle Coimhearsnachd Steòrnabhaigh a' cur an aghaidh mholaidhean airson ionad-bhataraidhean a thogail sa bhaile airson dealan a thig bho thuathan-gaoithe an Leòdhas a stòradh.

Tha Urras an Rubha agus Shanndabhaig a' sireadh cead air airson sia bancaichean de bhataraidhean agus bidh comhairlichean air Comataidh Planaidh Comhairle nan Eilean Siar a' cnuasachadh air an iarrtas an t-seachdain seo.

Tha a' bhuidheann an dòchas 25MW de chumhachd a stòradh ri taobh stèisean cumhachd Steòrnabhaigh airson an griod ionadail a dhèanamh nas seasmhaiche.

Ach tha dragh air Comhairle Coimhearsnachd Steòrnabhaigh mu cho freagarrach no cho sàbhailte agus a bhiodh leasachadh mar seo.

Tiotal an deilbh, Tuath-gaoithe Urras an Rubha agus Shanndabhaig

'S ann aig Urras an Rubha agus Shanndabhaig a tha an tuath-gaoithe coimhearsnachd as motha am Breatainn ged a tha plana ùr ann airson fear eile ann an Leodhas a bhiodh na bu mhotha.

Tha an t-urras ag ràdh gun gabhadh cumhachd à pròiseactan ath-nuadhachail sa sgìre a bhith air a stòradh gu h-ionadail san ionad-bhataraidhean.

Tha a' bhuidheann airson suidheachadh a sheachnadh cleas mar a thachair ann an an 2020 nuair a b' fheudar do na tuathan-gaoithe coimhearsachd gu lèir stad an dèidh dhan chàball eadar tìr-mòr agus Leòdhas a bhriseadh.

Bha àrachas ann dhaibh an uair sin ach chan eil leithid de phoileasaidhean ann tuilleadh.

Tha iad cuideachd ag ràdh gu bheil an teicneòlas an luib a' phròiseict a' ciallachadh ma thèid an dealan dheth gun urrainn don ionad-bhataraidhean obrachadh leis an stèisean cumhachd ann an diogan airson an dealan a thoirt air ais air.

Tiotal an deilbh, Thathar airson dealan a chruthaicheas sgeamaichean ionadail a stòradh sa sgìre

Tha Comhairle Coimhearsnachd Steòrnabhaigh a' cur an aghaidh a' phròiseict agus iad den bheachd gu bheil cus chunnartan na luib agus e cho faisg air taighean.

Tha dragh orra mun bhuaidh air luchd-còmhnaidh nan robh teine ann mar a thachair, tha iad ag ràdh, le leithid de ghoireas ann an Liverpool.

Tha a' Chomhairle Coimhearsnachd ag iarraidh air comhairlichean gun cuir iad dàil ann an co-dhùnadh gus an tèid aca air beachdan a bharrachd a thrusadh am measg a' phobaill.

Tha iad cuideachd airson agus gun iarr iad air Urras an Rubha agus Shanndabhaig àite eile a lorg airson an leasachaidh, ann an Àranais mar eisimpleir.

Ge-tà tha oifigich a' moladh cead a thoirt dhan phròiseact; bidh buannachdan na chois, tha iad ag ràdh, agus tha iad riaraichte mu shàbhailteachd.

Bidh comhairlichean a' meòrachadh air na h-argamaidean Dimàirt.