³ÉÈË¿ìÊÖ

Fàilte dhan Stravàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
RuithTùs an deilbh, Getty Images

Tha fàilte romhaibh dhan Stravàidhealtachd.

'S e sin an teachdaireachd bho bhuidhinn air an app Strava a tha ag amas air cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh am measg dhaoine fhad 's a tha iad ag eacarsaich.

Tha Strava a' leigeil le daoine an cuid eacarsaich a chlàradh air-loidhne le mapa den t-slighe a rinn iad agus ainm a chur air.

Chaidh buidheann na Gàidhlig a stèidheachadh air Strava bho thùs bho chionn dà bhliadhna le Eòghan Stiùbhart.

'S e amas na buidhne gum bi daoine a' clàradh nan slighean aca sa Ghàidhlig, is tachartasan aca far an urrainn do dhaoine a bhith ag eacarsaich aig an aon àm ged nach eil iad san dearbh àite.

Tha Stravàidhealtachd a-nise a' dèanamh oidhirp às ùr barrachd dhaoine a thàladh is tachartasan a bharrachd gus a bhith aca.

Misneachd

Tha iad ag amas air tachartas 'Ruith nan Gàidheal' a bhith aca a h-uile mìos.

"Fhad 's a tha sinn a' faicinn barrachd dhaoine a' cleachdadh Gàidhlig ann an suidheachadh gu math nàdarra agus a' dèanamh rudan a bhiodh iad a' dèanamh co-dhiù, tha sin a' toirt misneachd is brosnachadh gu daoine eile", thuirt Calum MacIlleathain bho Stravàidhealtachd.

"'S dòcha nach eil iadsan buileach cho misneachail is cho comasach an cuid Gàidhlig a chleachdadh.

"Sin amas Ruith nan Gàidheal gach dàrna Disathairne", thuirt e.

Tha dùil gum bi Ruith nan Gaidheal ann an dàrna Disathairne gach mìos bho seo a-mach bho Dhisathairne seo tighinn.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh .