³ÉÈË¿ìÊÖ

Gille à Inbhir Nis a' buannachadh farpais reasabaidh airson Chaisteal Inbhir Nis

Ally
  • Air fhoillseachadh

Bhuannaich sgoilear aig Acadamaidh Bhaile Theàrlaich duais airson reasabaidh a chruthaich e a bhitheas mar phàirt den chlàr-bhidhe anns an taigh-bhidhe ùr aig Caisteal Inbhir Nis.

'S e 'Haggis Fusion' a th' aige air, agus seo a' measgachadh biadh traidiseanta - taigeis - le tionndadh na Grèige air.

Tha Ally, 13, air a dhòigh glan gun do bhuannaich e.

"Tha mo mhàthair air a bhith a' cur biadh na Grèige còmhla ri taigeis bho chionn fhada le tzatziki agus sailead agus tha e cho furasta a chur ri chèile agus a' còrdadh gu mòr ri daoine," thuirt e.

Fo-thiotal an deilbh,

Bha an dà chuid taigeis àbhaisteach agus taigeis glasraichear ri fhaighinn aig an tachartas Diluain ann an Acadamaidh Bhaile Theàrlaich.

Fhuair sgoilearan agus daoine eile cothrom blasad fhaighinn air a' bhiadh aig Ally anns an sgoil Diluain - an dearbh là a chaidh cafaidh ùr fhosgladh san sgoil a tha air a ruith leis a' chloinn, feuch am faigh iad eòlas air gnìomhachas a' bhidhe fhad 's a tha iad fhathast san sgoil.

Thuirt Ceannard Roinn Teicneolais na h-Acadamaidh, Lizzie Rudge, gu bheil iad moiteil às na rinn Ally, agus tha iad a' beachdachadh air an reasabaidh aige a chleachdadh anns an cafaidh ùr.

Tha dùil gum fosgail an caisteal às ùr an ath-bhliadhna.