³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic

Tasglannan airson 2012-09

Onarach...no amaideach?

Dè tha Johann Lamont ris?

Tha nàiseantaich aig Holyrood air an dòigh an-diugh às dèidh mar a dh'iarr ceannard Albannach nan Làbarach "deasbad onarach" air cosgais cuid de pholasaidhean an riaghaltais.

Gu sònraichte, thog i cuingidhean-leigheis saor an asgaidh, foghlam oilthigh gun chìsean agus an reòthadh air a' chìs chomhairle.

Thuirt i gu feumadh faighneachd an gabhadh pàigheadh airson nam polasaidhean seo, aig àm nuair a tha an sporan poblach cho gann.

Nach b' fheàrr, dh'fhaighnich e, an t-airgead a tha ann a chosg air na daoine aig a bheil feum air?

Agus, chuir i às leth an SNP gun robh iad a' feuchainn ris na co-dhùnaidhean a bu duilghe a sheachnadh.

³§²µ°ùù»å²¹»å³ó

Anns an òraid aice, aig mullach a' Mhìle Rìoghail madainn an-dè, chuir i i fhèin adhart mar "Johann dìcheallach" an taca ris nàiseantaich agus i a' magadh orra, ag ràdh gun robh an SNP nan Tòraidhean ann an tartan, a' geàrradh le aon làimh agus a' toirt dhuaisean seachad leis an làimh eile.

Anns an àm ri teachd, thuirt i, dh'fheumadh ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô a chur suas air neo gearraidhean a dhèanamh ann an àiteachan eile nam bu toil cumail a' dol leis na buannachdan seo.

Cha tàinig iad gu co-dhùnadh sam bith fhathast, ach dhearbh na làbaraich gun toir iad sùil gheur air na bha an riaghaltas a' cosg gus am faiceadh iad a bu chòir a chosg air dòigh eile.

Dh'fhoillsich Johann Lamont buidhean eaconomach ùr de BhP agus BPA a nì sgrùdadh air na cùisean uile seo anns a' bhliadhna no dhà a tha romhainn.

Bhiodh dùil gun toireadh an comhairle-san buaidh air clàr a' phàrtaidh airson an ath thaghaidh Albannaich.

Ach roimhe sin, tha aca ris a' bhòt air neo-eisimeileachd fhaighinn a-mach às an rathad.

°ä±ô¾±Ã¹

Gach là roimhpe, canaidh an SNP gu bheil bhòt an Aonaidh na bhòit airson ghearraidhean às a dèidh.

Bha feadhainn an seo fiù 's ag ràdh gun robh Ms Lamont air an referendum a chall leis an òraid a ghabh i an-dè.

'S i an tìde a dh'innseas.

Tha fios aig Johann Lamont nach còrd na thuirt i ris a h-uile duine.

Ach tha i an dòchas gum faigh i cliù bhon luchd-bhòtaidh mar thè a tha a' deònach an fhìrinn innse dhaibh.

Chì sinn fhathast an robh i onarach an-dè - air neo dìreach amaideach.

Ceum eile adhart

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2012-09-24, 15:06

Beachdan (0)

Ceum eile adhart ann an còmhradh an referendum an-diugh.

Seo na thuirt an dà riaghaltas as dèidh coinneimh eadar MÌcheal Moore agus Nicola Sturgeon:

Rinneadh adhartas sùsbainteach a dhèanamh an-diugh, agus aig coinneamhan roimhe, air an obair airson aonta agus air deasbad mionaideach air diofar chuspairean. Feumaidh sinn na cuspairean seo fhaicinn còmhla a-nis agus dh'iarr sinn air oifigearan pasgan a chur ri chèile anns an beagan làithean a tha romhainn.

Niste, tha an dà thaobh ag ràdh nach deach aonta mu dheireadh a ruighinn fhathast ach is coltach a-nis gu bheil iad air aonta a ruighinn anm am prionnsabal air na puingean fa leth a bha fo dheasbad.

Thuirt Nicola Sturgeon, "Gus am bi aonta air a h-uile rud, chan eil air sam bith".

Ach, thèid dreach dhen aonta a chur gu ministearan a dh'aithghearr.

Aonta

Gun an ìre seo a ruighinn, gus iarraidh air na seirbhisichean catharra an dreach sin a chur ri chèile, feumaidh gu bheil aonta a-nis ann air na rudan as connspaidiche.

Chan abair an dà thaobh dè bhios ann.

Ach, 's e an rud as coltaiche gun aontaich iad ri aon cheist - air neo-eisimeileachd a-mhàin - 's dòcha le cead-bhòtaidh do dheugairean mar chlach-thomhais airson Riaghaltas na h-Alba.

Nuair a tha an dreach seo deiseil, thèid a sgrùdadh le Ms Sturgeon agus Mgr Moore mus cuir iad romhpa am bu chòir a mholadh don phrìomhaire agus don phrìomh mhinistear.

Bhiodh dùil an uair sin ri aonta foirmeal eadar Ailig Salmond agus Dàibhidh Camshron an ath-mhìos.

Tuilleadh air fàire.

Aonta air fàire

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2012-09-19, 16:10

Beachdan (0)

Saoil a bheil an dà riaghaltas nas fhaisge air aonta air an referendum?

Tha mi a' smaointinn gu bheil.

Chan ann air sgàth 's gun tàinig naidheachd mhòr bho choinneamhan an là an-diugh - cha tàinig.

Cha ann air sgàth 's gun deach fuasgladh a ruighinn air an àireamh de cheistean - cha deach.

Ach 's coltach gu bheil aonta a-nis air fàire, agus gun tig e a dh'aithghearr.

Dè a dh'atharraich?

Cumhachd

'S coltach gu bheil Riaghaltas na h-Alba ag ullachadh gus gabhail ri aon cheist a-mhàin air a' phàipear-bhaileit.

Ged a chanas iad nach eil cumhachd shònraichte ùr a dhìth orra gus bhòt a chumail, 's e sin an aon dòigh gus dùbhlan agus dàil a sheachnadh.

Cuimhnich, tha na nàiseantaich airson bile a chur fa chomhair na pàrlamaid tràth anns a' bhliadhna ùir.

Tha sin a dhìth gus a fhaighinn tron phàrlamaid ro dheireadh na h-ath-bhliadhna, a' fàgail ùine gu leòr ron bhòit fhèin ann an 2014.

Mar sin, tha an tìde a' ruith orra.

Ach fiù 's ma ghabhas Ailig Salmond ri aon cheist, cha bhi sin deireadh na sgeòil.

Riaghailtean

A dh'aithghearr, foillsichidh Riaghaltas na h-Alba sgrùdadh a' cho-chomhairleachaidh acasan air an referendum.

Tha dùil gun seall sin iarrtas airson ceist air tuilleadh chumhachdan a-measg an t-sluaigh.

'S coltach gu bheil Mgr Salmond a' creidsinn gun d'rinn e gu leòr mar-thà gus innse don fheadhainn sin gun robh esan deònach èisteachd riutha agus cha robh Dàibhidh Camshron.

Adhbhar eile, their e, smachd a thoirt air falbh bho Westminster tro bhòt airson neo-eisimeileachd.

Thuirt am prìomh mhinistear an-diugh gun robh dòchas gun gabhadh aonta a ruighinn anns an beagan sheachdainean a tha romhainn.

An uair sin, 's urrainn dhuinn crìoch a chur air an deasbad mu na riaghailtean, agus tòiseachadh air an deasbad cheart.

15 bile agus bile sònraichte

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2012-09-05, 11:51

Beachdan (0)

Dè ur beachd air a' chlàr-reachdais a dh'fhoillsich Ailig Salmond an-dè?

Còig bile deug uile gu lèir, nam measg fear gus pòsaidhean aona-ghnèitheach a cheadachadh, gealltanas cùraim-cloinne shaor an asgaidh agus plana gus seirbhisean ²õ±ôྱ²Ô³Ù±ð agus sòisealta do dh'inbhich a thoirt còmhla.

Bidh cuid connspaideach, bidh cuid eile doirbh agus toinnte.

Ach 's ann air fear eile a bhios a' mhòr-chuid dhen aire am bliadhna .

Saoil dè tha ann?

Chàin cuid an dàil, ach còrr is còig bliadhna o thàinig riaghaltas nàiseantach gu cumhachd aig Holyrood, thèid bile gus bhòt a chumail air neo-eisimeileachd a chur fo chomhair na pàrlamaid Albannaich.

Aonta

Tachraidh sin tràth anns a' bhliadhna ùir.

Anns an eadar-ama, ge-tà, tha aonta fhathast a dhìth eadar an dà riaghaltas.

Anns an òraid aige an-dè, thuirt Ailig Salmond gun robh dùil aige coinneachadh ris a' phrìomhaire anns na beagan sheachdainean a tha romhainn gus crìoch a chur air na còmhraidhean a lean tron t-samhradh.

Tha dùil cuideachd gu foillsich Riaghaltas na h-Alba toradh a' cho-chomhairleachaidh aca agus gun abair iad gu bheil sin a' nochdadh taic a' mhor-shluaigh airson dàrna ceist air tuilleadh chumhachdan.

'S i a' cheist dè nì Mgr Camshron an uair sin.

Tha an là a' tighinn nas fhaisge nuair a gheibh sinn freagairt don cheist sin.

Tilleadh an dà phàrlamaid

Ma bha e ann idir, tha an samhradh seachad a-nis.

(Tha fios agam,Ìýbha samhradh math aig cuid anns na h-Eileanan, nach buidhe dhaibh).

Ach nan robh barrachd fianaise a dhìth, 's ann an t-seachdain seo a thilleas buill - agus luchd-naidheachd - don dà phàrlamaid.

Tha an fheadhainn a chruinnicheas aig Westminster an-diugh air bhioran gus an chluinn iad cò tha suas agus cò tha sìos agus dùil gun dèan Dàibhidh Camshron crathadh air a' chaibineat aige.

'S e seo - cha mhòr - an aon chaibineat a chaidh a chruthachadh as dèidh an là grianaich ud ann an Gàrradh nan Ròs.

Ach tha tòrr rudan eile air atharrachadh on uair sin.

Crathadh

Feuchaidh am prìomhaire ri àite a lorg do Dhàibhidh Laws,Ìýa b' fheudar an riaghaltas fhàgail gun ach beagan làithean na dhreuchd.

Tha ceistean gan togail cuideachd mu Rùnaire na h-Alba Mìcheal Moore.

Chaidh ainm Mhing Chaimbeil a cheangal ris an dreuchd - bhiodh e doirbh don phrìomhaire duine bhon phàrtaidh aige fhèin a chur innte - ach thuirt seann cheannard nan Lib Deamach nach biodh e a' feitheamh aig a' fòn.

Chan eil dùil, ge-tà, gun tèid crathadh a thoirt air fìor àrd ìre.

Tha Seòras Osborne sàbhailte, agus chan urrainn do Mhgr Camshron a' bhròg a thoirt do Nick Clegg gun taghadh iarraidh.

Mura h-eil e deònach sin a dhèanamh,Ìýfeumaidh e cothromachadh a dhèanamh eadar Tòraidhean agus Lib Deamaich anns an sgiopa ùir aige.

Referendum

Tillidh buill-pàrlamaid Albannach a-màireach gus èisteachd ri clàr reachdais Riaghaltas na h-Alba.

Tha dùil gun dearbh am prìomh mhinistear gun tèid bile fhoillseachadh gus referendum a chumail air neo-eisimeileachd.

A rèir clàir-ama an riaghaltais fhèin, thèid am bile a chur air beulaibh na Pàrlamaid tràth anns a' bhliadhna ùir agus iad an dòchas gun cuir a' Bhànrigh a h-ainm ris anns an t-Samhainn, 2013.

Tha dùil agamsa cuideachd gun dearbh Ailig Salmond gun tèid bile a thoirt air adhart am bliadhna gus pòsaidhean gèidh a cheadachadh.

Bidh tuilleadh air seo a-màireach fhèin.

Cò bhiodh ag ionndrainn an t-samhraidh agus an spòrs seo uile a' dol?

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.