³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Ceum eile adhart

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2012-09-24, 15:06

Ceum eile adhart ann an còmhradh an referendum an-diugh.

Seo na thuirt an dà riaghaltas as dèidh coinneimh eadar MÌcheal Moore agus Nicola Sturgeon:

Rinneadh adhartas sùsbainteach a dhèanamh an-diugh, agus aig coinneamhan roimhe, air an obair airson aonta agus air deasbad mionaideach air diofar chuspairean. Feumaidh sinn na cuspairean seo fhaicinn còmhla a-nis agus dh'iarr sinn air oifigearan pasgan a chur ri chèile anns an beagan làithean a tha romhainn.

Niste, tha an dà thaobh ag ràdh nach deach aonta mu dheireadh a ruighinn fhathast ach is coltach a-nis gu bheil iad air aonta a ruighinn anm am prionnsabal air na puingean fa leth a bha fo dheasbad.

Thuirt Nicola Sturgeon, "Gus am bi aonta air a h-uile rud, chan eil air sam bith".

Ach, thèid dreach dhen aonta a chur gu ministearan a dh'aithghearr.

Aonta

Gun an ìre seo a ruighinn, gus iarraidh air na seirbhisichean catharra an dreach sin a chur ri chèile, feumaidh gu bheil aonta a-nis ann air na rudan as connspaidiche.

Chan abair an dà thaobh dè bhios ann.

Ach, 's e an rud as coltaiche gun aontaich iad ri aon cheist - air neo-eisimeileachd a-mhàin - 's dòcha le cead-bhòtaidh do dheugairean mar chlach-thomhais airson Riaghaltas na h-Alba.

Nuair a tha an dreach seo deiseil, thèid a sgrùdadh le Ms Sturgeon agus Mgr Moore mus cuir iad romhpa am bu chòir a mholadh don phrìomhaire agus don phrìomh mhinistear.

Bhiodh dùil an uair sin ri aonta foirmeal eadar Ailig Salmond agus Dàibhidh Camshron an ath-mhìos.

Tuilleadh air fàire.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.