³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Tilleadh an dà phàrlamaid

Niall O’Gallagher | 2012-09-03, 11:06

Ma bha e ann idir, tha an samhradh seachad a-nis.

(Tha fios agam, bha samhradh math aig cuid anns na h-Eileanan, nach buidhe dhaibh).

Ach nan robh barrachd fianaise a dhìth, 's ann an t-seachdain seo a thilleas buill - agus luchd-naidheachd - don dà phàrlamaid.

Tha an fheadhainn a chruinnicheas aig Westminster an-diugh air bhioran gus an chluinn iad cò tha suas agus cò tha sìos agus dùil gun dèan Dàibhidh Camshron crathadh air a' chaibineat aige.

'S e seo - cha mhòr - an aon chaibineat a chaidh a chruthachadh as dèidh an là grianaich ud ann an Gàrradh nan Ròs.

Ach tha tòrr rudan eile air atharrachadh on uair sin.

Crathadh

Feuchaidh am prìomhaire ri àite a lorg do Dhàibhidh Laws, a b' fheudar an riaghaltas fhàgail gun ach beagan làithean na dhreuchd.

Tha ceistean gan togail cuideachd mu Rùnaire na h-Alba Mìcheal Moore.

Chaidh ainm Mhing Chaimbeil a cheangal ris an dreuchd - bhiodh e doirbh don phrìomhaire duine bhon phàrtaidh aige fhèin a chur innte - ach thuirt seann cheannard nan Lib Deamach nach biodh e a' feitheamh aig a' fòn.

Chan eil dùil, ge-tà, gun tèid crathadh a thoirt air fìor àrd ìre.

Tha Seòras Osborne sàbhailte, agus chan urrainn do Mhgr Camshron a' bhròg a thoirt do Nick Clegg gun taghadh iarraidh.

Mura h-eil e deònach sin a dhèanamh, feumaidh e cothromachadh a dhèanamh eadar Tòraidhean agus Lib Deamaich anns an sgiopa ùir aige.

Referendum

Tillidh buill-pàrlamaid Albannach a-màireach gus èisteachd ri clàr reachdais Riaghaltas na h-Alba.

Tha dùil gun dearbh am prìomh mhinistear gun tèid bile fhoillseachadh gus referendum a chumail air neo-eisimeileachd.

A rèir clàir-ama an riaghaltais fhèin, thèid am bile a chur air beulaibh na Pàrlamaid tràth anns a' bhliadhna ùir agus iad an dòchas gun cuir a' Bhànrigh a h-ainm ris anns an t-Samhainn, 2013.

Tha dùil agamsa cuideachd gun dearbh Ailig Salmond gun tèid bile a thoirt air adhart am bliadhna gus pòsaidhean gèidh a cheadachadh.

Bidh tuilleadh air seo a-màireach fhèin.

Cò bhiodh ag ionndrainn an t-samhraidh agus an spòrs seo uile a' dol?

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.