³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Seachdain ùr, aithisg ùr

Niall O’Gallagher | 2012-08-15, 11:17

Seachdain eile, .

An turas-sa, b' e an àireamh de cheistean an cuspair a bha fon sgrùdadh.

Sgrìobh mi gu leòr mu dheidhinn seo an t-seachdain a chaidh nuair a bheachdaich a' chomataidh air seasamh laghail an referendum.

A-rithist, tha a' chomataidh a' fuiling air sgàth 's nach eil aon nàiseatach oirre.

Tha còignear Làbarach, ceathrar Thòraidheach - nach eil a' riochdachadh sgìrean Albannach - agus Lib Deamach, ball Earra-Ghàidheil Ailean Reid (dh'fhalbh am ball nàiseantach Eilidh Whiteford as dèidh gearain mun chainnt a chleachadh rithe le cathraiche na comataidh Ian Davidson).

Mar sin, 's beag an t-iongnadh gu bheil iad dhen bheachd nach bu chòir ach aon cheist nochdadh air a' phàipear-bhaileit.

Fianais

An toiseach, tha a' chomataidh ag ràdh nach urrainn do Riaghaltas na h-Alba ceist air tuilleadh chumhachdan a chur ris an t-sluagh.

Nam beachd-san, 's ann airson bhòt air neo-eisimeileachd a fhuair an SNP taic an luchd-bhòtaidh aig an taghadh an-uiridh, chan ann airson bhòt air barrachd fèin-riaghlaidh.

Agus - mar a bhiodh dùil - tha iad ag aontachadh le beachd riaghaltas Westminster nach eil cumhachd aig Holyrood bhòt sam bith a chumail agus sgioba Dhàibhidh Camshroin ag ràdh nach tèid a' chumhachd gus sin a dhèanamh a thoirt seachad ach airson aon cheist a-mhàin.

Ach tha a' chomataidh cuideachd dhen beachd nach bu chòir dàrna ceist a chur co-dhiù.

A rèir na h-aithisg, 's ann glè ainneamh a thèid referenda ioma-roghainneach a chumail gu h-eadar-nàiseanta air cuspairean dhen t-seòrsa seo.

Agus, tha na h-eòlaichean a thug fianais dhaibh - cuid dhiubh a bheir taic do dhàrna ceist ann am prionnsabal - ag ràdh gu feum fios a bhith aig daoine dè tha 'Devo Max' a' ciallachadh mus bhòt iad air.

Ceist

Mar as fhaisge a thig an referendum 's ann as coltaiche a dh'fhàsas e nach tig an t-soilleireachd sin ron bhòt.

Adhbhar eile, am beachd na comataidh, gum bu chòir dèiligeadh ri àite na h-Alba anns an Rìoghachd Aonaichte an toiseach agus na aonar.

Ach tha ceist do phàrtaidhean an Aonaidh anns an aithisg seo cuideachd.

Tha i ag ràdh gur e an dòigh iomchaidh gus dèiligeadh ri ceist an tuilleadh fèin-riaghlaidh tro mhanifestothan nam pàrtaidhean a chuireas taic ris - mar a thachair ann an 2010 agus a chaidh a leantainn le Achd na h-Alba 2012.

Ach a bheil sin a' ciallachadh gum bi pàrtaidhean an Aonaidh a' foillseachadh ghealltanasan air cumhachdan ùra ro thaghadh 2015 - fhad 's a bhòtas Alba an aghaidh neo-eisimeileachd?

Air neo, am bi aca rim foillseachadh nas tràithe gus dèanamh cinnteach gun tachair sin?

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.